Feartan Tasgaidh air a' chladach
Teangan
Bidh siabadh fad-tràghad a' cruthachadh diofar fheartan tasgaidh, tràghannan nam measg.
Teanga ga chruthachadh
A' cruthachadh teangan gainmhich
- Bidh teanga air a cruthachadh far am bi cùrsa a' chladaich ag atharrachadh agus far am bi siabadh fad-tràghad fhathast a' gluasad stuth air a' chladach.
- Thèid stuth dhan mhuir air sgàth siabadh fad-tràghad an dèidh do chùrsa a' chladaich atharrachadh.
- Thar ùine, cruinnichidh a' ghainmheach a chaidh a thasgadh agus bidh i nas àirde na ìre na mara.
- Chan urrainn dhan teanga fàs thar a' bhàigh oir bidh inbhir a' cur bacadh air cruinneachadh na gainmhich.
- Glè thric, bidh ceann lùbte, no crom, air teangan gainmhich oir bidh cùrsa gaoithe agus tuinn eile a' lùbadh ceann na teanga nuair a bhios tuinn a' bualadh bhon taobh sin.
- Mar sin saoilidh tu gu bheil an tràigh a' sìneadh a-mach dhan mhuir agus canar teanga no teanga-gainmhich ris.
- Bidh an teanga a' cruthachadh àite le uisge nas ciùine oir tha an teanga a' toirt fasgadh dha.