Co-aontaran triantanachdFuasgladh co-aontar triantanachd ann an radianan

Fuasglaidh tu co-aontaran triantanachd an ceuman no ann an radianan a' cleachdadh CUST is am peiriad gus fuasglaidhean eile san rainse a lorg: ceàrnan dà-fhillte, ioma-fhillte is fuincsean nan tonn.

Part ofMatamataigDàimhean agus calculus

A' fuasgladh cho-aontaran triantanachd ann an radianan (leudachadh)

Gus co-aontaran triantanachd fhuasgladh far a bheil tomhas radian, bu chòir dhut an aon dòigh a leantainn 's a bh' agad le ceuman. Cleachd an diagram gu h-ìosal gus do chuideachadh a' cleachdadh nan riaghailtean iomchaidh.

Quadrant positivity

Bu chòir cuideachd gum biodh fios agad air na luachan mionaideach bho thriantain nan luachan mionaideach.

Eisimpleir 1

Fuasgail \(2\cos (x) = 1\), airson \(0 \le x \le 2\pi\).

Fuasgladh

\(2\cos (x) = 1\)

\(\cos (x) = \frac{1}{2}\)

\(x = {\cos ^{ - 1}}\left( {\frac{1}{2}} \right)\)

Fuasgail san aon dòigh 's a dhèanadh tu nam b' e ceuman a bhiodh ann.

Top right quadrant and bottom right quadrant are ticked

Mar a dhèanadh tu le co-aontaran ann an ceuman, obraich a-mach na cairtealan iomchaidh agus an uair sin cleachd na riaghailtean iomchaidh.

\(x = \frac{\pi }{3}\)

An dara cairteal

\(x = 2\pi - \frac{\pi }{3}\)

\(x = \frac{{5\pi }}{3}\)

Mar sin \(x = \frac{\pi }{3},\,\frac{{5\pi }}{3}\)

Eisimpleir 2

Fuasgail \(\cos 2x + 3\sin x + 1 = 0\), airson \(0 \textless x \textless 2\pi\).

Fuasgladh

\(\cos 2x + 3\sin x + 1 = 0\)

\(1 - 2{\sin ^2}x + 3\sin x + 1 = 0\)

\(- 2{\sin ^2}x + 3\sin x + 2 = 0\)

\(2{\sin ^2}x - 3\sin x - 2 = 0\)

\((2\sin x + 1)(\sin x - 2) = 0\)

\(2\sin x + 1 = 0\)

\(\sin x = - \frac{1}{2}\)

Bhon a tha sin àicheil, tha sinn san treas agus sa cheathramh cairteal.

\(x = {\sin ^{ - 1}}\left( {\frac{1}{2}} \right)\)

\(x = \frac{\pi }{6}\)

An treas cairteal

\(x = \pi + \frac{\pi }{6}\)

\(x = \frac{{7\pi }}{6}\)

An ceathramh cairteal

\(x = 2\pi - \frac{\pi }{6}\)

\(x = \frac{{11\pi }}{6}\)

\(\sin x - 2 = 0\)

\(\sin x = 2\)

Bhon a tha \(0 \textless x \textless 2\pi\) chan eil fuasgladh ann.

Mar sin \(x = \frac{{7\pi }}{6},\,\frac{{11\pi }}{6}\)