Chaidh obair a dhèanamh tron bhliadhna air grunn chùisean co-cheangailte ri sgaoileadh. mar freagairt dha molaidhean Digital Britain. Mhol a’ Chomhairle, airson co-ionannachd chothroman, nach bu chòir cus eadar-sgarachaidh a bhith ann an astar bann leathainn tron RA; agus nach bu chòir ceann-latha a shuidheachadh airson rèidio analog a chur dheth. Chuir Urras a’ BhBC freagairt a-steach san t-Sultain 2009. San Dàmhair 2009, chuir an t-Urras sgrùdadh mu BBC ALBA air chois, a’ gabhail a-steach beachdan am bu chòir an seanal a dhèanamh na bu ruigsinniche dhan mhòr-shluagh le bhith ga thabhann air Freeview.Thug a’ Chomhairle freagairt seachad san Fhaoilleach 2010. Sa Ghiblean dh’aontaich an t-Urras nach biodh e iomchaidh co-dhùnadh a dhèanamh mu sgaoileadh BBC ALBA gus am biodh fios mun bhuaidh a bhiodh aig ruigsinneachd choitcheann air a’ BhBC air fad agus chaidh an clàr-ama airson an sgrùdaidh a chur a-mach gu nas fhaide den bhliadhna. Sa Ghiblean dh’ainmich an Àrd Chomhairle molaidhean gus faotainneachd rèidio BBC na h-Alba a leasachadh air fad an A9. Tha a’ chùis seo air a bhith togail ceann airson ùine mhòr gu h-àraidh aig tachartasan luchd-amais ann an ceann a tuath na h-Alba. Tha a’ Chomhairle air a’ chùis a thogail leis an Urras às leth luchd pàigheadh chìsean agus tha iad a’ cur fàilte air an iomairt seo oir tha iad den bheachd gun dèan i leasachadh a thaobh siubhal is fiosrachadh mun t-sìde dha luchd-cleachdaidh a’ phrìomh rathaid eadar Inbhir Nis is Peairt.
Chuir a’ Chomhairle fàilte air meudachadh mòr ann an solarachd telebhisean lìonra à Alba tron bhliadhna, a’ gabhail a-steach gluasad prìomh phrògraman leithid The Review Show agus The Weakest Link. Tha e a’ coimhead coltach bho figearan BBC Alba gum bi an t-adhartas a thathas a’ dèanamh a’ ciallachadh gun tèid na h-ìrean lìbhrigidh a shuidhich an t-Urras airson 2012 a choileanadh ron cheann-latha. Tha uallach fhathast air a’ Chomhairle oir ged a tha na tha am BBC a’ dèanamh de phrògraman telebhisein ann an Alba a’ meudachadh gum bu chòir meudachadh a thighinn cuideachd air an earrainn dhiubh a tha dha-rìribh Albannach. Tha buill an dòchas gun tig barrachd riochdachaidh mu Alba anns na bliadhnaichean ri teachd. Ghabh an Àrd Chomhairle os làimh sgrùdadh air solarachd lìonra rèidio agus tha a’ Chomhairle a’ coimhead air adhart ri barrachd solarachd rèidio BBC a dhèanamh ann an Alba.
An dèidh comhairle fhaighinn bho Chomhairlean Luchd-amais air feadh na RA chuir an t-Urras co-phròiseact air chois leis an Àrd Chomhairle gus dòighean a rannsachadh anns am b’ urrainn dhan BhBC riochdachadh na b’ fheàrr a dhèanamh air làn iomadachd nàiseanan is coimhearsnachdan na RA thairis air a sheirbheisean lìonraidh, ag àrdachadh gu mòr riochdachadh cultarach nàiseanan is roinnean na RA, a’ gabhail a-steach Alba. Tha a’ Chomhairle a’ coimhead air adhart ri seo a leasachadh sa bhliadhna ri teachd.
Lean obair air mar a bhathas a’ dèiligeadh ri nàiseanan tiomnaichte air lìonra nan naidheachdan is air cùisean an latha. Dh’fhoillsich an t-Urras aithisg air a’ chuspair san Ògmhios 2009 agus tha Àrd Chomhairle a’ BhBC an urra ri bhuileachadh . Anns a’ bhliadhna mu dheireadh, chùmhnantaich an t-Urras tuilleadh rannsachaidh gus dearbhadh an robh leasachadh air a thighinn ri linn na h-obrach. Thèid na toraidhean fhoillseachadh san Ògmhios 2010 agus bidh a’ Chomhairle a’ toirt beachd orra an ceann sreath.
Chuir a’ Chomhairle fàilte air an adhartas a chaidh a dhèanamh air trì phrìomh nithean eile a chaidh a thoirt gu aire an Urrais. Nì an Àrd Chomhairle sgrùdadh air solarachd iomlan nan naidheachdan dha luchd-amais na h-Alba, a’ toirt cunntas dhan Urras ro dheireadh na bliadhna. Chuir a’ Chomhairle molaidhean a-steach gun Urras co-cheangailte ri tachartasan saor-chraolaidh Roinn a’ Chultair, nam Meadhanan is Spòrs (DCMS). Thuirt a’ Chomhairle gur e prìomh dhleastanas craoladh na seirbheis phoblaich an luchd-amais a thoirt ri chèile airson tachartasan nàiseanta , agus gum bu chòir an t-slat-tomhais a tha a’ liostadh thachartasan mar le ‘buaidh shònraichte nàiseanta’ a bhith air am mìneachadh ann an suidheachadh Albannach a cheart cho math ri suidheachadh RA. Ged a dh’fhaodadh liostadh teachd-a-steach buidhnean ball-coise nàiseantaa tha a’ tighinn bho còirichean, a lùghdachadh, dh’fhaodadh cuideachd saor chraoladh talmhaidh iomadh buannachd shusbainteach a thoirt gun ghèam. Chaidh molaidhean na Comhairle a chur a-steach a thagradh a’ BhBC gu DCMS.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.