Geàrr-chunntas air gnìomhan a' Chomhairle Luchd-amais

Chùm a’ Chomhairle tachartasan co-chomhairleachaidh air feadh Alba, chruinnich iad beachdan luchd-amais agus chuir iad air adhart iad gun Urras. San Ògmhios bha coinneamhan aig an Urras ann an Anainn is ann am Bail’ Ùr nan Stiùbhartach mu adhartas an atharrachaidh didseataich agus mu ath-sgrùdadh an Urrais air BBC Radio 2 agus BBC 6 Music, agus ann an Loch Abar air aithisg Digital Britain. San fhoghar bha tachartasan ann an Sruighlea air sgrùdadh seirbheis an telebhisein agus ann an Lìonacleit ann am Beinn nam Fadhla air BBC ALBA. An dèidh foillseachadh sgrùdadh ro-innleachdail Àrd Chomhairle a’ BhBC sa Mhàrt , bheachdaich a’ Chomhairle air a’ chùis còmhla ri buidhnean-amais ann an Inbhir Nis, am Peairt agus an Glaschu. Chuir a’ Chomhairle freagairtean a-steach air sgrùdadh nan tachartasan liostaichte, air aithisg Digital Britain, air sgrùdaidhean seirbheis an rèidio is an telebhisein agus air sgrùdadh BBC ALBA.

Sgrùdadh thachartasan liostaichte DCMS

Chuir a’ Chomhairle tagradh gun Urras mun sgrùdadh air liosta thachartasan spòrs bu chòir fuireach saor-chraolaichte, agus chaidh beachdan na Comhairle a ghabhail a-steach ann am freagairt iomlan a’ BhBC a chaidh fhoillseachadh san Iuchar. Mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, thuirt na buill gun robh a’ bhuaidh nàiseanta a bha riochdachadh beò de thachartasan nàiseanta a’ cruthachadh na prìomh chothrom dha craoladairean na seirbheis phoblaich cur ri an rùintean cultarach is sòisealta tro chruthachadh fèin-fhiosrachaidhean chompàirteachail. Dh’adhartaicheadh craoladh den t-seòrsa seo in-ghabhail sòisealta agus bhrosnaicheadh e daoine òga gus pàirt a ghabhail ann an spòrs. Tha a’ Chomhairle den bheachd gun gabhadh na buannachdan sin dha ball-coise na h-Alba is dhan t-sluagh an coimeas ri na buannachdan a bhios a’ sruthadh gun ghèam bho bhuidhnean maoineachaidh.

Aithisg Digital Britain

San t-Sultain chuir a’ Chomhairle freagairt gun Urras mu na ceistean a thog aithisg Digital Britain. Chomharraich aithisg Digital Britain gum bu choir ‘iomadalachd’ craolaidh a bhith na phrìomhachas buadhail ann am poileasaidh poblach dùthchannan na RA agus mar am feallsanachd bhunaiteach ann a bhith a’ sireadh ri cumail suas craoladh na seirbheis phoblaich dha dùthchannan na RA. Ach bha buill den bheachd nach robh iomadalachd na fhreagairt iomlan ach na dhòigh air raon ghuthan eadar-dhealaichte fhaighinn agus na phrionnsabal a bha ag èirigh às a’ bheachd gun tigeadh càileachd na b’ fheàrr a-mach à co-fharpais. Bha buill den bheachd gum bu chòir sealltainn ri raon na b’ fharsainge de cheistean ann an Alba: dìth susbaint Albannach, raon riochdachaidh na b’ fharsainge, sealladh Albannach sna naidheachdan, meudachadh ann an susbaint lìonraidh à Alba, taobh ri taobh ri ceist na iomadalachd. Bha a’ Chomhairle den bheachd gum faodadh am BBC iomadalachd ann an Alba àrdachadh, gun maoineachadh na cìse a chur gun dara taobh, le bhith a’ meudachadh a shusbaint Albannach air lìonra is air seirbheisean eadar-dhealaichte eile; le bhith a’ neartachadh solarachd a naidheachdan, is le bhith a’ toirt sealladh nas sònraichte Albannaiche seachad; le bhith a’ leasachadh riochdachadh roinnean ann an Alba is le bhith a’ leudachadh craoladh ùr-ghnàthach Dhèilig aithisg Digital Britain cuideachd ri na tha san amharc a thaobh craoladh air bann leathainn is rèidio. Bha buill làidir sa bheachd gum bu chòir, air sgàth co-ionannachd chothroman, gealladh sam bith bhon Riaghaltas co-cheangailte ri solarachd choitcheann den bhann leathainn, dèiligeadh ri eadar-sgaraidhean astair tron RA, gus dèananh cinnteach nach bi cus diofar eatarra.

Dh’aithris buill cuideachd gun robh uallach air mòran de bhuidhnean-amais mu rèidio analog a bhith ga chur dheth.

Ath-sgrùdadh air BBC Radio 2 agus air seirbheis BBC 6 Music

Chòrd prògram Jeremy Vine gu mòr ri luchd-amais, agus bhathas ga fhaicinn mar phrògram a bha a’ dèiligeadh ri ceistean cudromach ann an dòigh ruigsinneach.

Bha a’ Chomhairle den bheachd gun robh an lìonra a’ cur gu mòr ri rùintean poblach a’ BhBC tron dual seo leis fhèin. Thug buill an aire gun robh stuth dùthchasach Albannach air prògram Mike Harding, le tàlant ùr, bho suidheachadh dùthchasach is traidiseanta àiteachan eile san RA.Bha seo na eisimpleir air mar a dh’fhaodas traidiseanan ciùil air feadh na RA a bhith air an taisbeanadh còmhla, agus dh’fhaodadh gnèithean eile buannachd fhaighinn bhon leithid seo. San fharsaingeachd, ged-tà, cha robhas den bheachd gun robh an lìonra a’ leudachadh raon a’ chiùil dhan t-sluagh gu ìre mhòr sam bith, oir gun robh an susbaint a dh’fhaodadh a bhith air seo a choileanadh a chur gu àm far nach robh uimhir ag èisteachd. Bhathas den bheachd gun robh cothrom aig an stèisean leasachadh a dhèanamh air barrachd dhaoine òga tàlantach. Ach chaidh aideachadh gun robh an lìonra a’ cur ri rùintean cruthachail le bhith a’ tabhann prògraman leithid jazz nach robh a’ faighinn mòran aire air stèiseanan malairteach. Thug buill an aire, ged nach robh BBC Radio 2 ro làidir a thaobh rùintean poblach a’ BhBC airson dùthchannan, roinnean is coimhearsnachdan na RA a riochdachadh, nach robh seo na dhuilgheadas dha luchd-amais na h-Alba. Bha buill mothachail gur e cuibhreann bheag de shusbaint na lìonra a bh’ air a chùmhnantachadh à Alba agus nach robh Cìs na Seirbheis ag iarraidh air an lìonra toradh a chùmhnantachadh bho na nàiseanan, ach ag iarraidh a-mhàin ‘roinn de thoradh bho thaobh a-muigh an M25’.

Bha beachdan luchd-amais air BBC 6 Music na b’ fhollaisiche na b’ fhaide den bhliadhna, nuair a bhathas an sàs sa Sgrùdadh air Ro-innleachd is a’ beachdachadh air dùnadh na stèisein. Chuir mòran an cèill gun robh an lìonra a’ toirt an aon seòrsa taic dha ceòl co-aimsireil is a bha BBC Radio 3 a’ toirt dha ceòl clasaigeach, agus gun robh e na dheagh eisimpleir den t-seòrsa brosnachaidh ris am bu chòir dhan BhBC, mar bhuidheann maoinichte bho chìsean, a bhith a’ cur taic.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.