Facal-tòiseachaidh bhon Urrasair Nàiseanta

Tha Comhairlean Luchd-amais a’ BhBC a’ comhairleachadh Urras a’ BhBC mu cho soirbheachail ‘s a tha am BBC le lìbhrigeadh a rùintean poblach agus le frithealadh a luchd pàigheadh chìsean tron Rìoghachd Aonaichte. Tha na ceithir Comhairlean – a tha a’ frithealadh Alba, Sasainn, Èirinn a Tuath agus na Cuimrigh – a’ faighinn taic bhon Urras gus measadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na tha luchd-amais a’ sùileachadh agus air ceistean a dh’fhaodadh a bhith orra.

Jeremy Peat

Tron bhliadhna bha na buill an sàs ann an ceistean a bha cudromach dha luchd pàigheadh cìsean ann an Alba, bho beachdan ùra mu sgaoileadh susbaint a’ BhBC agus ath-sgrùdaidhean air seirbheisean a’ BhBC, gu mar a thathas a’ riochdachadh Alba air na lìonraidhean.

Bha mòran de na ceistean co-cheangailte ri sgaoileadh, mar a bha teicneòlas a’ chraolaidh sna meadhanan uile a’ sìor leasachadh. Mar a bhios telebhisean, am bann leathann is ùrlairean rèidio ag adhartachadh chan eil e soilleir dè an dòigh as fheàrr air susbaint a’ BhBC a sgaoileadh gus dèanamh cinnteach gum bi e ruigsinneach dha luchd pàigheadh chìsean air fad. Chuir Comhairle Luchd-amais na h-Alba fàilte air moladh canvas a’ BhBC airson telebhisean eadar-lìn agus thug iad freagairtean farsaing dha aithisg Digital Britain an Riaghaltais agus dha ath-sgrùdadh an Urrais air BBC ALBA bho shealladh luchd-amais air feadh Alba.

Tha adhartas mòr air a dhèanamh air raon cheistean a chaidh a thogail leis an Urras, bho cùmhnantachadh lìonra gu solarachd iomlan naidheachdan ann an Alba agus faotainneachd rèidio air an A9.

Lean obair air cùisean neo-chudromach mar naidheachdan lìn de chùisean tiomnaichte, agus mu leantainneachd BBC ALBA.

Tha seirbheisean a’ BhBC air a bhith ag obair cruaidh airson na rùintean poblach a lìbhrigeadh air na meadhanan uile agus chaidh adhartas mòr a dhèanamh am-bliadhna ann an cuid de roinnean. Bha craoladh iomairt an taghaidh ùr-ghnàthach is brosnachail, agus choisrig BBC Four seusan slàn airson sàr phrògraman air cuspairean cudromach Albannach a chur fa chomhair luchd na RA air fad. Tha an t-Urras air gabhail ri cùisean co-cheangailte ri ruigsinneachd is riochdachadh a tha buntainneach do luchd-amais tron RA. A thuilleadh air sin, tha a’ Chomhairle air iarraidh gun tèid beachdachadh air ro-innleachd làidir fad-ùine co-cheangailte ri dràma telebhisein dha luchd-amais ann an Alba.

Jeremy Peat
Urrasair Nàiseanta na h-Alba

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.