Chuir luchd-amais ann an Alba luach mhòr air prògraman is seirbheisean a’ BhBC a chaidh a dhèanamh gu sònraichte dhaibh. Tha luchd-amais den bheachd gum bu chòir dha prògraman lìonraidh is prògraman neo-chompàirteachail bhon BhBC a bhith a’ cumail ris an aon ìre càileachd, raoin is doimhneachd. Mhol a’ Chomhairle gum bu chòir dhan Urras iarraidh air an Àrd Chomhairle ro-innleachd làidir fad-ùine a leasachadh airson dràma telebhisein dha luchd-amais ann an Alba, gus àrdachadh a thoirt air riochdachadh, cruthachas a bhrosnachadh agus leudachadh a dhèanamh air an raon dràma a tha dealbhachadh Alba dha luchd-amais.
Tron bhliadhna, chuir an t-Urras co-phròiseact air bhog còmhla ris an Àrd Chomhairle gus dòighean a rannsachadh anns am b’ urrainn dhan BhBC dealbh na b’ fheàrr a thoirt seachad air làn iomadachd dùthchannan is coimhearsnachdan na RA.
Tha a’ Chomhairle den bheachd gun toir seo dealbh nas fheàrr de RA an latha an-diugh, agus tha iad a’ coimhead air adhart ri adhartas dearbhte a bhith air a choileanadh sa bhliadhna ri teachd.
Leanaidh a’ Chomhairle a’ cumail sùil air na ceistean a chaidh a thogail sna bliadhnaichean roimhe leithid riochdachadh lìonra telebhisein ann an Alba, riochdachadh naidheachdan lìonraidh nan dùthchannan tiomnaichte, inbhean deasachaidh agus gluasad didseatach.
Cumaidh a’ Chomhairle sùil cuideachd air buileachadh nam planaichean gus riochdachadh nas fheàrr a dhèanamh air àiteachan ann an Alba, taobh a-staigh nan cuibhreachan a shuidhich an t-Urras.
Prìomhacasan cudromach na h-ath bhliadhna Bidh Comhairlean Luchd-amais a’ BhBC ag aontachadh co-phrìomhachasan bho shealladh luchd-amais nan dùthchannan.
Chaidh ceithir co-phrìomhachasan a mholadh dhan Urras ann an 2009/10.
Dhearbh obair luchd-amais air na ceistean a chaidh a thogail anns an aithisg Digital Britain gu bheil mì-riarachadh a’ leantainn a thaobh ruigsinneachd air seirbheisean gnàthaichte a’ BhBC.
Tha mòran de luchd pàigheadh chìsean tron RA nach urrainn ruighinn ach air cuid de sheirbheisean a’ BhBC, air neo ‘s ann truagh a tha an ruigsinneachd, seach nach eil na seirbheisean poblach bunaiteach rim faighinn air na h-ùrlaran uile.
‘S ann co-cheangailte ri rèidio is ris a’ bhann leathainn a tha na trioblaidean sa chumantas.
Ann an Alba tha easbhaidhean mòra ann an ruigsinneachd choitcheann rèidio lìonraidh, a’ gabhail a-steach solarachd Rèidio na h-Alba air fad an A9, agus DAB ann an grunn cheàrnaidhean, gu h-àraidh aig tuath is an iar.
Ann am pàirtean den RA far a bheil ruigsinneachd air bann leathainn truagh no gun ruigsinneachd idir , chan eil cothrom aig luchd-amais air susbaint nach eil ach air-loidhne a-mhàin.
Tha comhairlean den bheachd, gus dleastanasan craolaidh a sheirbheis phoblach a ghabhail os làimh, mar chraoladair nàiseanta na RA, gum feum am BBC an RA air fad a fhrithealadh.
Mhol Comhairle Luchd-amais na h-Alba gum bu chòir iarraidh air an Àrd Chomhairle plana a dheasachadh gus ruigsinneachd choitcheann gu seirbheisean a’ BhBC fhaighinn dha luchd-amais ann an Alba, a’ toirt fuasglaidhean gu duilgheadasan fa leth air adhart far am bi sin comasach, fhad ‘s a bhitear a’ leasachadh dòigh-obrach ro-innleachdail airson na h-ùine fhada.
Bidh comhairlean a’ beachdachadh air raon farsaing de dhàta mu cho math ‘s a tha am BBC a’ coileanadh sna dùthchannan, a’ gabhail a-steach sgrùdaidhean leis an Urras is an Àrd Chomhairle agus obair luchd-amais le Comhairlean, agus gheibh Comhairlean an uairsin air beachd a thoirt air na taobhan de sheirbheisean a’ BhBC as cudromaiche dha na coimhearsnachdan a tha iad a’ frithealadh.
‘S e aon de na ceistean as follaisiche tron RA, a’ gabhail a-steach Alba, mar a tha luchd-amais a’ faicinn gum faodadh am BBC barrachd bheachdan brosnachail ùra a thabhainn. Tha a’ chùis seo coltach a bhith cudromach ann an Ath-sgrùdadh Ro-innleachdail a’ BhBC a thig gu ceann san fhoghar 2010.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.