Chùm am BBC ann an Alba fiosrachadh farsaing freagarrach ri daoine air na meadhanan uile mun droch aimsir sa gheamhradh 2009/10, a’ toirt cunntas air cùisean tron RA agus a’ tabhann fiosrachadh bho iomadh àite air feadh Alba. Bha cothromachadh math ann eadar a bhith a’ lìbhrigeadh an fhiosrachaidh a bha riatanach airson breithneachadh fiosraichte a dhèanamh mu shiubhal, gun a bhith ag adhbhrachadh cus uallaich agus fiosrachadh mu chùisean neo-àbhaisteach. Bha buill mothachail dha ùidh phoblach ann an aithris bho roinnean na h-Alba.
Chaidh sàr aithrisean is mion-sgrùdadh a dhèanamh air prìomh thachartasan na bliadhna. Rinn The Love of Money air BBC Two prìomh mhion-sgrùdadh air càs eadar-nàiseanta bancaireachd 2008, a’ beachdachadh air adhbharan agus a’ tarraing leasanan airson an àm ri teachd, agus bha BBC na h-Alba a’ toirt cunntas air a’ bhuaidh air an roinn ionmhasail ann an Alba. Thug The Making of Modern Britain le Andrew Marr agus dràma BBC One, Occupation, mu bheatha saighdearan Breatannach ann an Iraq, seallaidhean brosnachail seachad mun bheatha làitheil. Chaidh an sgeulachd gun robh an duine a chaidh a dhìteadh airson bomadh Lockerbie gu bhith air a shaoradh às a’ phrìosan ann an Alba agus a thilleadh air ais a Libya – fhoillseachadh an toiseach air a’ BhBC ann an Alba.
Chaidh mion-sgrùdadh farsaing a dhèanamh air an sgeulachd thoinnte seo, le lìonraidhean a’ cleachdadh ealantas luchd-naidheachd a’ BhBC ann an Alba. Bhuannaich sgioba a’ BhBC ann an Alba duais Royal Television Society Scoop of the Year airson mar a lìbhrig iad an sgeulachd. Thabhainn seusan BBC Four, This is Scotland, beairtas de shàr phrògraman fìor air cuspairean Albannach, bho phrògraman aithriseach mu dhìleab Chalvin agus gnìomhachas a’ chlò-Hearaich gu mion-sgrùdadh buadhach air poilitigs na h- Alba sna 1980an ann an Thatcher and the Scots. Chaidh Democracy Live, prògram didseatach fiosrachail mu phoilitigs co-aimsireil na RA a chaidh a chur air bhog san t-Samhain.
Ann am bliadhna a bha dol a chrìochnachadh le taghadh coitcheann san RA, rinn am BBC ann an Alba leudachadh is àrdachadh air raon chothroman airson deasbad poilitigeach is sòisealta ann an Alba le Brian’s Big Debate air rèidio na h-Alba, beò bho bhailtean air feadh Alba bho Dùn Phàrlain gu Steòrnabhagh. Lìon prògram ùr le deasbad buntainneach làitheil air Radio nan Gàidheal beàrn ann an clàr-ama na lìonraidh gun ìre ‘s gu bheil e a-nis, 25 bliadhna an dèidh a bhith air a chur air bhog, a’ craoladh fad an latha gun stad.
Lean buill na Comhairle planadh deasbadan an taghaidh ann an co-bhonn ri craoladairean eile air telebhisean a’ BhBC. Tha buill den bheachd gum bu chòir measadh a dhèanamh, an ceann sreath air dè cho math ‘s a chuidich rèiteachadh nan deasbadan am BBC ann an lìbhrigeadh a rùintean poblach dha luchd-amais ann an Alba. Mhol a’ Chomhairle an dòigh-obrach ùr-ghnàthach san deach an taghadh fhèin a chraoladh, far an robh prògram telebhisein Albannach mu na toraidhean air BBC One Alba, An Taghadh 2010 air BBC ALBA agus mion-sgrùdadh, Why Didn’t Scots Vote Tory? sna làithean dìreach an dèidh an toraidh neo-dhearbhte.
Thabhainn am BBC ann an Alba raon de shu sbaintean ùra a chuidich luchd-amais gus barrachd ionnsachadh mun t-saoghal mun cuairt orra. Chòrd an dara sreath den phròiseact iom-ùrlaireach, History of Scotland, ri luchd-amais. Dhan fheadhainn a bha airson tuilleadh rannsachadh a dhèanamh bha prògraman rèidio na h-Alba Walking Through History ann le goireasan air-loidhne.
Thàinig am prògram gu ceann le deasbad bheòthail telebhisein a bha a’ measadh cudromachd eòlas eachdraidheil dha Albannaich an latha an-diugh.
Chaidh rannsachadh a dhèanamh air ceanglaichean eadar Alba agus an t-saoghal mhòr ann an sreath leithid, Scots Who Made the Modern World. Bha toradh ann a bha a’ dèiligeadh ri uallaich co-aimsireil. Chleachd sreath ùr BBC na h-Alba, Jimmy’s Food Factory, dòigh-obrach saidheansail a thaobh luach mathachaidh bidhe agus lean Landward a’ craoladh bho àrainneachd na h-Alba bho shealladhaidhean gnìomhachasail is malairteach. Rinn Planes, Volcanoes and the Truth BBC na h-Alba rannsachadh air an t-saidheans co-cheangailte ri spreadhadh a’ bholcàno sa Ghiblean agus sheall e ris a’ bhuaidh air an àm ri teachd. Rinn prògram BBC na h-Alba dha BBC Two ath-mheasadh air The Legacy of Lawrence of Arabia fo shealladh tachartasan san Ear Mheadhanach o chionn ghoirid. Thug geamannan Bitesize Scotland tuilleadh ghoireasan air-loidhne gu sgoiltean na h-Alba, le geamannan ann an Ceimigeachd, Beurla is Matamataig gan tabhann.
Rinn Orcastra Siansaidh BBC na h-Alba leasachadh air a’ chlàr-ama de phrògraman beò air feadh Alba le raon farsaing de dh’iomairtean oideachail.
Bha a’ Chomhairle den bheachd gun robh raon farsaing de shusbaint a’ BhBC air na h-ùrlaran uile a’ cur ri lìbhrigeadh an ruin seo , bho Strictly Come Dancing air BBC One gu co-fharpais BBC Rèidio na h-Alba, Young Traditional Musician, a th’ air a bhith a’ ruith airson deich bliadhna a-nis. Chuir buill fàilte air an raon de chomadaidh ùr a bha BBC na h-Alba a’ tabhann tron bhliadhna, mar fhreagairt dha iarrtas an luchd-amais airson ùrachadh sa ghnè dhoirbh seo. Thug cuid de na prògraman ùra, leithid Gary Tank Commander, tlachd mhòr dha luchd-amais òg. Chaidh obair cuid de shàr luchd-ciùil na h-Alba fhoillseachadh ann an sreath chonsairtean air BBC Radio 3 sa Mhàrt, air an craoladh beò bho Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba. Bha Sheinn am Bàrd air BBC ALBA agus BBC Two na h-Alba a’ cuimseachadh air bàrdachd na Gàidhlig, agus ann am pròiseact fad-bliadhna chaidh comharrachadh a dhèanamh air dualchas na seinn le Òran an Latha air Radio nan Gàidheal. Bha Artworks Scotland a’ comharrachadh Coileanadh cruthachail ann an ealain, comadaidh is ceòl co-aimsireil le cunntasan air Dùghlas Gordon, Stanley Baxter agus Edwyn Collins.
Thug Peter Capaldi cunntas air eachdraidh dealbhadaireachd na h-Alba ann an A Portrait of Scotland agus chaidh cuimhneachan ceud bliadhna togalach Sgoil Ealain Ghlaschu a chomharrachadh le prògram aithriseach, Mackintosh’s Masterpiece. Bha a’ bhliadhna làidir a thaobh riochdachadh spòrs. Chaidh soirbheachadh na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta a chomharrachadh leis a’ BhBC ann an teanas agus Oilimpics a’ Gheamhraidh, agus chaidh tachartasan spòrs a chraoladh ann an Alba leis a’ BhBC a’ craoladh camanachd, Melrose Sevens, agus Lìog Ball-coise na h-Alba ga craoladh air BBC ALBA.
Tha obair cùmhnantachail na Comhairle a’ sealltainn gu bheil dèidh làidir am measg luchd-amais airson riochdachadh nas iomlaine is nas pongaile de dhùthchannan is choimhearsnachdan na RA ann am prògraman a’ BhBC. Bha buill a’ faireachdainn gun robh Small Island, sgeulachd mu in-imrichean Iameugach san RA ann am bliadhnaichean an dara cogaidh, na dheagh eisimpleir air mar a ghabhadh seo a choileanadh dha luchd-amais choitcheann BBC One. Bha barrachd obair dràma ann air a’ bhliadhna. Cha d’ fhuair an dràma ùr, suidhichte ann an Alba, Hope Springs, ath-chùmhnantachadh. Ach mhothaich a’ Chomhairle gun deach gabhail gu math ri Garrow’s Law, dràma suidhichte ann an Lunnainn ach air fhilmeadh ann an Alba.
Tha buill den bheachd gun cuireadh luchd-amais fàilte air tuilleadh dràma ann an suidheachadh Albannach, agus chaidh a’ chùis seo a thogail leis an Urras.
Bha buill a’ faireachdainn gun lìbhrig seusan BBC Four, This is Scotland, san iomlanachd, ìre bhrosnachail de chunntas cultarach: bha prògraman aithriseach ann le raon farsaing de chuspairean Albannach bho suidheachaidhean Albannach filmean clasaigeach gu euchdan nan Albannach ann an Arm Bhreatainn. Ann am prògraman lìonraidh a bha sealltainn taobhan de dh’Alba an latha an-diugh dha luchd-amais air feadh na RA bha Monty Halls’ Great Hebridean Escape, agus Simon King's Shetland Diaries. An dèidh moladh airson seirbheisean bhidio ionadail bhon BhBC a bhith air a dhiùltadh, thathas air a bhith a’ cuimseachadh às ùr air sealltainn coimhearsnachdan Albannach taobh a-staigh nan seirbheisean a th’ ann. Chuir buill fàilte air na leasachaidhean leithid dreuchd neach-naidheachd riaghaltas ionadail BBC na h-Alba, agus teicneòlas leasaichte ann an cuid de stiùidiothan BBC na h-Alba taobh a-muigh meadhan na h-Alba, a tha iad a’ smaoineachadh a chuireas ri lìbhrigeadh an ruin seo.
Tha rannsachadh luchd-amais a’ sealltainn gur e an sealladh eadar-nàiseanta a tha seirbheisean a’ BhBC a’ tabhann, a rèir mòran de luchd pàigheadh chìsean, as luachmhoire a th’ ann. Tron bhliadhna chaidh raon mòr de nithean a chraoladh bhon chrith-thalmhainn ann an Haiti, agus air a buaidh , gu South Pacific air BBC Two agus HD, agus seusan Ruiseanach BBC Four. Chuir riochdachaidhean BBC na h-Alba ris an rùn seo bho Cycling the Americas gu ficsean eucoir Lochlannach ann an Wallander. Ach bha buill na Comhairle den bheachd gu bu chòir dha BBC Worldwide barrachd a dhèanamh gus susbaint Albannach a leasachadh airson às-mhalairteachadh. Tha mothachadh farsaing cruinneil ann mu eachdraidh is cultar na h-Alba, ach cha deach susbaint Albannach sam bith le comasachd eadar-nàiseanta a leasachadh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha buill a’ faireachdainn gum biodh e na bu bhuailtiche seo a leasachadh nam biodh àrdachadh ann an riochdachadh telebhisein lìonraidh a’ cuimseachadh barrachd air susbaint le eileamaidean follaiseach Albannach.
Chuir buill fàilte air a’ ghluasad soirbheachail gu telebhisean didseatach sna Crìochan agus an Ceann a Deas na h-Alba. Thug iad cuideachd an aire gun nochd Freeview HDTV bhon BhBC ann an Alba, agus do dh’obair luachmhor an Urrais air molaidhean a’ BhBC airson cruth coitcheann, gus an eadar-lìon fhaighinn air scrionachan telebhisein. Bheireadh an dà iomairt sin ruigsinneachd na b’ fheàrr do shusbaint a’ BhBC dha luchd-amais. Tha beàrnan cudromach fhathast air FM agus DAB air rèidio; agus air DTT, neo-làthaireachd BBC ALBA . Tha susbaint a’ BhBC a’ leantainn a’ gabhail cothrom air comasachd nam meadhanan ùra gus luach phoblach àrdachadh.
Air BBC na h-Alba, tha Brian Taylor’s Blog a’ tàladh raon farsaing de luchd-amais; am-bliadhna thàinig Blog Poileataigeach air làrach-lìn BBC ALBA. Tha làraichean-lìn phrògraman leithid Cycling the Americas air làraichean-lìn sòisealta a chleachdadh airson ceangal a dhèanamh ri luchd-amais nas fharsainge.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.