Fearg an Alba Nuadh mu ghearraidhean mòra don Ghàidhlig agus na h-ealain

Bidh Comhairle na Gàidhlig a' brosnachadh beatha a' chànain ann an Alba Nuadh, ach thig na gearraidhean orrasan cuideachd
- Air fhoillseachadh
Tha draghan ann an Alba Nuadh mun bhuaidh a bheir gearraidhean de $130m aig riaghaltas na mòr-roinne air a' Ghàidhlig agus na h-ealain.
Bheir na gearraidhean buaidh cuideachd air leithid phrògraman sòisealta is àrainneachd.
Aig a' cheart àm 's a tha iad a' gearradh a' mhaoineachaidh, tha cìsean gan gearradh sa bhuidseat a tha an riaghaltas a' cur air adhart airson na bliadhna-ionmhais a tha romhainn - rud a dh'fhàgas teachd-a-steach nas lugha aca.
Tha mòran mì-thoilichte leis, agus tha na mìltean air a bhith a' togail fianais anns a' phrìomh-bhaile Halifax agus air feadh na h-Albann Nuaidh.
"Chan eil sinn buileach cinnteach gu dè an àireamh a thaobh dolaran a bhios a' cur buaidh air a' Ghàidhlig, ach tha sinn a' smaoineachadh gum biodh sin eadar $6-700,000," thuirt Rianaire Comhairle na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, Ciarán Mac Siúlaí.
"Chan e gum bi sinn a' faighinn an t-uabhas airgid nas motha. Dh'fhaodadh sin a bhith nas àirde na sin cuideachd."

'S e car mu chnoc a tha Mgr Mac Siúlaí a' sùileachadh bhon riaghaltas, ach chan eil e dòchasach.
"Air ais dhan drawing board mar a dh'abradh iad sa Bheurla, agus buidseat ùr a dhèanamh nach biodh cho trom air na prògraman a tha seo a tha cho cudromach do choimhearsnachdan air feadh na mòr-roinne," thuirt Mgr Mac Siúlaí.
"'S e sàr-mhòr-chuid a th' acasan. Chan eil cumhachd sam bith aig na dùbhlanaich."
Tha easbhaidh $1.2bn air Riaghaltas na h-Albainn Nuaidh, agus tha ceist air luchd-iomairt - agus na dùbhlanaich sa phàrlamaid - mun chuideachadh a tha an lùib $130m de ghearraidhean air maoineachadh cultair is ealain.
Tha iad draghail gu bheil structar cultarail na sgìre ga dhì-mhaoineachadh.
Mìneachadh
Dh'iarr na dùbhlanaich sa phàrlamaid air Prìomhaire na h-Albann Nuaidh, Tim Houston, mìneachadh a thoirt air na h-adhbharan aige.
"Saoilidh mi gum feum e mìneachadh a thoirt air an fhreagairt don cheist sin. Oir chan eil adhbhar ann," thuirt ceannard Nova Scotia NDP, Claudia Chender.
Tha na Libearalaich ag aontachadh.
"Chan e seo an t-àite a bhith a' coimhead airson cùmhnadh chosgaisean, agus tha e glè bheag an taca ris an easbhaidh mhòir," thuirt ceannard eadar-amail a' phàrtaidh, Iain MacFhraing.
'S e a fhreagairt: "Airson dìon a chur air prìomh sheirbheisean, airson dìon a chur air cùram slàinte agus airson foghlam a dhìon."

Chan eil dùil gun atharraich Prìomhaire na h-Albann Nuaidh, Tim Houston, a chùrsa
Tha a' bhuaidh gu math nas fharsainne na a' Ghàidhlig fhèin.
A' coimhead ris a' chùis gu lèir, tha dùil aig Urras Tàlant na h-Albann Nuaidh gun toir na gearraidhean buaidh gu dìreach air 22,000 cosnadh anns na h-ealain.
Tha am buidseat a' lùghdachadh no a' cur às buileach do chòrr air 280 tabhartas airgid.
Thèid cur às do thaic luach $700,000 do dh'ùghdaran ùra.
Thig air dusan taigh-tasgaidh dùthchail air feadh na mòr-roinne dùnadh cuideachd, agus thèid cur às do phrògraman a tha ag amas air daoine dùthchasach, daoine dubha, agus daoine ciorramach.

Tha dùil gun caill a' Ghàidhlig mu $6-700,000 de mhaoineachadh
Aig an ìre seo ge-tà, le airgead gann air feadh na dùthcha - agus ann an dùthchannan eile - chan eil coltas ann gun atharraich Riaghaltas na h-Albann Nuaidh an cùrsa.
"Cha chreid mi gun tachair sin," thuirt Mgr Houston.
"Tha sinn an-còmhnaidh ag èisteachd, ach 's e àm doirbh a tha seo - dhan mhòr-roinn againn agus dhan dùthaich againn.
"Ma choimheadas tu ris na buidseatan a chuir sinne air a' bhòrd thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, tha in-ionmhas nach beag air a bith ann thairis air an speactram.
"Nuair as urrainn dhuinn barrachd a dhèanamh, nì sinn barrachd."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Gearran 2021