Isle of Islay gu bhith air feadh nan eilean

MV Isle of IslayTùs an deilbh, Brian Fulton
  • Air fhoillseachadh

Ruigidh an MV Isle of Islay Ìle airson a' chiad uair nas fhaide den t-seachdain seo, mus dèan i deuchainnean aig puirt air feadh a' chosta an iar.

Tha an soitheach, a chaidh a thogail san Tuirc, dìreach air ùine a chur seachad san doca thioram airson sgrùdadh air a slige, agus tha dùil gum falbh i Dimàirt airson deuchainnean air diofar shlighean ChalMac.

Nì i deuchainnean mara an toiseach, mus seòl i Diciadain eadar an Truthail, Brodaig agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Thèid i an uair sin a Phort Asgaig ann an Ìle, far am fan i beagan làithean airson obraichean coimiseanaidh agus trèanadh criutha.

Cha tèid deuchainnean a dhèanamh leatha aig Port Ilein, oir tha fhios aig CalMac mar thà nach bi i freagarrach air a' phort sin gus an tèid ath-leasachadh a dhèanamh air.

Chaidh maoineachadh airson na h-obrach sin a dhearbhadh le Riaghaltas na h-Alba a t-seachdain a chaidh.

Cha mhotha gun tèid a feuchainn aig Àird Rosain, oir tha an cala an sin ro thana dhi, ged a thuirt CalMac gum faodadh sin atharrachadh le ath-leasachadh air a' phort.

Tha i ro throm airson a cleachdadh aig Creag an Iubhair an am Muile.

Nì i deuchainnean eadar Port Asgaig, Colbhasa, an t-Òban, Colla, Tiriodh, Bàgh a' Chaisteil, Loch nam Madadh, Steòrnabhagh, Ullapul, an Tairbeart agus Ùige eadar Disathairne an 14mh là den Mhàrt, agus Dimàirt an 17mh là den Mhàrt.

MV Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL

Tha dùil aig CalMac gun tòisich an Isle of Islay air slighe Ìle air thoiseach air toiseach clàr-ama an t-samhraidh air an 27mh là den Mhàrt.

"Tha deuchainnean san lìonra nam pàirt cudromach de bhith ag ullachadh an MV Isle of Islay airson seirbheis, oir gheibh sinn dealbh soilleir air càite an gabh i fhèin agus na trì soithichean ùra eile ris a bheil dùil cleachdadh," thuirt Stiùiriche Manaidsearachd a' Chabhlaich aig CalMac, Louis de Wolff.

Thuirt Mgr de Wolff gum bu chòir gum bi e comasach an dèidh nan deuchainnean seo na trì soithichean eile ris a bheil dùil on Tuirc a chur ann an seirbheis nas luaithe aon uair 's gun tèid an toirt seachad.

"Tha sinn air bhioran gum faic coimhearsnachdan air feadh Chluaidh agus Innse Gall an soitheach a' seòladh thuca sna làithean a tha romhainn," thuirt e.

"Chan fhada gus an cuir i gu mòr ris na seirbheisean aiseig gu tìr-mòr air a bheil muinntir Ìle agus Diùra a' crochadh."