Cocain luach £600,000 air a lorg ann an càr faisg air a' Ghearasdan

An Gearasdan Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair na poilis an cocain beagan deas air a' Ghearasdan Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ag ràdh gun d' fhuair iad cocain luach timcheall air £600,000 nuair a chuir oifigearan stad air càr ann an Loch Abar.

Thachair seo mu 1:50f Dihaoine air an A82 beagan deas air a' Ghearasdan.

Chaidh fear, 55, a chur an greim agus fo chasaid ann an co-cheangal ris a' chùis.

Thuirt an Detective Inspeactair Aonghas Moireasdan gu bheil na thachair a' dearbhadh dìcheall Poileas Alba dèiligeadh ri droch eucoir eagraichte.

Thuirt e: "Tha mar a fhuair sinn an luchd mòr seo a' toirt seachad teachdaireachd shoilleir nach fhuiling sinn drugaichean mì-laghail sna coimhearsnachdan againn.

"Tha na h-oifigearan againn gu mòr airson am poball a dhìon bhon eucoir seo le bhith a' cur bacadh air reic stuth mì-laghail, a' cur stad orra bho bhith air an sgaoileadh air sràidean na h-Alba agus a' dèiligeadh ri draghan mhuinntir an àite."