Air An Là a-raoir chaidh a' chiad aithris shònraichte againn a chraoladh bho sgìrean targaid an taghaidh Albannaich.
An turas-sa, bha Iain MacDiarmaid ag aithris bhon Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach.
Aig an taghadh seo, tha crìochan nan sgìrean air atharrachadh bho na chaidh a chleachdadh aig na taghaidhean Albannach ann an 1999, 2003 agus 2007.
Mar sin, gus comas a dhèanamh eadar an taghadh seo agus am fear mu dheireadh, tha againn ri bhòt 2007 a chunntadh a-rithist a-rèir nan crìochan ùra.
Ma nì sinn sin, chì sinn gu bheil na Lib Deamaich anns a' chiad àite, agus iad a' dìon mòrchuid de 2,784 anns an sgìre.
'S i a' cheist dè cho sàbhailte agus a tha a' mhòrchuid sin.
Cugallach
Tha i a' coimhead beagan nas cugallaiche, 's dòcha, as dèidh mar a chuir seann bhall-pàrlamaid Albannach na sgìre a thaic-san ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.
'S e Iain Fearchar Rothach a riochdaich an t-Eilean Sgitheanach o chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999.
Tha Mgr Rothach a' leigeal dheth a dhreuchd aig an taghadh seo - gur math a thèid leis.
Ach tha e a' fàgail na pàrlamaid aig àm gu math duilich don phàrtaidh aige.
'S e riaghailt phoileataigeach Bhreatainn gur e rud duilich a tha ann cuidhteas a dhèanamh air Lib Deamach a tha stèidhichte ann an sgìre ionadail.
Tha an SNP - agus an tagraiche acasan Dàibhidh MacThòmais - an dòchas gun toir fàgail Mhgr Rothaich cothrom dhaibh an sgìre a ghabhail bhuapa.
Ionadail
Mar a mhìnich Iain MacDiarmaid air An Là agus air Aithris na Maidne an-dè, bheir cùisean ionadail buaidh mhòr air thoradh an taghaidh anns an sgìre seo.
Ach bidh sùilean air cuideachd mar shlat-thomhais an taghaidh aig ìre nàiseanta.
Mas fìor na cunntasan bheachd, 's e taghadh duilich a tha air fàire do na Lib Deamaich agus feadhainn an Alba feargach mun càirdeas aca ris na Tòraidhean aig Westminster.
'S e tè dhe na ceistean as motha aig an taghadh seo an tuit bhòt nan Lib Deamach, agus ma thuiteas, càite an tèid i.
'S i a' cheist a tha agamsa, ge-tà, dè thachras don phàrtaidh air Ghàidhealtachd, àite a thagh Libearalaich fad na linntean.
Bidh toradh anns an Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach na phàirt mhòir den fhreagairt don cheist sin.