A' ghrian a' deàrrsadh?
Dè an diofar a nì beachd nam pàipearan-naidheachd?
Ann an 2007, bha an SNP a' dol as àicheadh gun robh brìgh sam bith anns na thuirt iad, agus tòrr dhiubh gu tur nan aghaidh.
An uair sin, chuir An Sun crampag air prìomh dhuilleag a' phàipear air là an taghaidh, an cumadh logo an SNP mar rabhadh air na thachradh do dh'Alba ma bhuannaicheadh na nàiseantaich an taghadh.
Ach an-diugh, chuir am pàipear taic ris an SNP agus ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.
Canaidh na Làbaraich, tha mi cinnteach, gu bheil seo a' sealltainn gu bheil an SNP ro fhaisg air na Tòraidhean, a fhuair taic a' phàipeir mu dheas ron taghadh an uiridh.
Don SNP, ge-tà, tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.