Goldie ga ceasnachadh
Am faca sibh an t-agallamh a rinn Annabel Goldie le Newsnight Scotland?
A-rithist, 's e ceasnachadh cruaidh a fhuair ceannard nan Tòraidhean bho Ghòrdon Brewer.
Thòisich e leis an naidheachd a bha agam fhìn air an oidhche ud, gun robh an SNP a' coimhead air reòthadh 5 bliadhna air a' chìs chomhairle.
An cuireadh na Tòraidhean taic ris? Thuirt Annabel Goldie nach robh ise cinnteach gun gabhadh pàigheadh air a shon.
Tha na Tòraidhean airson cìsean a ghearradh ach tha iad a' feuchainn ri cliù a thogail aig an taghadh seo mar phàrtaidh a tha onorach leis an luchd-bhòtaidh, an fheadhainn nach geall rudan nach gabh a choilionadh. An turas-sa bha an dàrna rud nas cudromaiche.
Dè ur beachdan fhèin, ge-tà?

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
Deagh cheasnachadh a-rithist le Mr Brewer, ach cha chreid mi nach d'fhuair e làmh an uachdar nas fhoillisiche thar Tavish an latha roimhe. Tha mi searbh sgith de na Tòraidhean ag ràdh gu bheil iad a' tabhann "common sense"... bhiodh tu an dùil sin bho tagraiche sam bith co-dhiù! Tha e dìreach a' riochdachadh cion phoileasaidh agus ideòlach am measg nan Tòraidhean an Alba. Dh'fheuch Dubya an aon rud is e ag ràdh gu robh esan na 'straight talker' is gu robh na neach-phoiliteags eile cho dà bheulach ri sgadain... is tha fhios againn uile air crìoch an sgeula ud.