Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe|Prìomh phost|Ath-phost »

Deasbad an taghaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher|2011-04-28, 16:04

Deasbad an Taghaidh

Am faca sibh Deasbad an Taghaidh air BBC Alba a-raoir?

Mura faca, chaidh a chraoladh air Radio nan Gàidheal an-diugh - gabhaidh èisteachd ris a-rithist an seo.

Nam b' fheàrr leibh Iain MacIllEathain fhaicinn a' ceasnachadh riochdairean na ceithir pàrtaidhean as motha, bidh e air BBC Alba a-rithist a-nochd aig 2200.

Airson an SNP bha Alasdair Allan, bha Dòmhnall Crichton ann airson nan Làbarach, Pàdraig Moireasdan airson nan Lib Deamach agus Bill Innes a' bruidhinn bho thaobh nan Tòraidhean.

A-measg na cuspairean a chaidh a thogail bha a' chìs chomhairle, prìs na dibhe, RET, neo-eismileachd agus tòrr eile.

Chaidh na ceistean a thogail leis an luchd-bhòtaidh a bha an làthair aig stiùidiothan a' BhBC ann an Glaschu. Ach cò fhuair làmh-an-uachdair? Fàgaibh ur beachd an seo, mar as àbhaist.

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.