Ruiseal airson Earra-Ghàidheal
Tha mi a' tuigsinn gur e Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, a sheasas airson an SNP ann an Earra-Ghàidheal an ath-bhliadhna.
Cha tèid seo fhoillseachadh gus an tèid a dhearbhadh le NEC a' phàrtaidh diaciadain.
Ach tha mi a' tuigsinn gun d' fhuair Mgr Ruiseal taic a bharrachd bho bhuill a' phàrtaidh anns an sgìre na fhuair Mìcheal MacCoinnich, a bha na thagraiche dhaibh aig an taghadh choitcheann am bliadhna-sa.
Tha ministear an gnìomhachais, Jim Mather - a choisinn an seat don SNP bho Sheòras Lyon ann an 2007 - a leigeal dheth a dhreuchd mar bhall-pàrlamaid aig an ath thaghadh.
Tha fios agam, a charaidean, gur tràth a bhith bruidhinn mu dheidhinn an taghaidh sin - ach 's e an fhìrinn gu bheil an iomairt air tòiseachadh mar-thà.
Agus 's e Earra-Ghàidheal tè dhe na sgìrean as cudromaiche - bidh mo shùil air cho tric 's a ghabhas.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.