Sgaradh bheachdan mu RET
Deagh naidheachd do chuid, briseadh dùil do chuid eile.
Tha sgaradh bheachdan mun naidheachd a thàinig an-diugh, gun tèid sgeama RET a chumail a' dol fad bliadhna eile gu 2012.
Deagh naidheachd do muinntir nan Eilean Siar, agus do Thioriodh is Colla far a bheil an sgeama a' ruith cuideachd.
Ach ùpraid ann an àiteachan eile - Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan mu Thuath - far a bheil feadhainn feargach nach tèid an sgeama a leudachadh do na sgìrean aca fhèin.
Tha BPA Arcaibh, Liam McArthur, air iarraidh air ministear na còmhdhail a dhreuchd a leigeal seachad.
Mar a bhiodh dùil, Stewart Stevenson air a bhith a' dìon a' cho-dhunaidh.
Taghadh
Tha ceist do mhuinntir nan Eilean Siar cuideachd.
Sin dè thachras as dèidh 2012, nuair a bhios an taghadh Albanach seachad?
A dh'aindeoin deagh naidheachd an là an-diugh, tha fios againn uile gu bheil an sporan poblach gann.
Tha sin dol a dh'fhàs nas miosa mus fàs e nas fheàrr.
Bidh sinn a' leantainn na sgeòil seo tron t-seachdainn.
Anns an eadar-ama, bidh tuilleadh air An Là aig 8f.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.