Ciamar a thug a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd buaidh air a' Charibbean?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

An Caribbean agus a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd

Gràbhaladh bhon 19mh linn de dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilc shiùcairImage source, ALAMY
Image caption,
Rinn planntachasan aon-bhàrr a chaidh a stèidheachadh anns a' Charibbean milleadh air an eaconamaidh ionadail agus cuideachd air eaconamaidh nan eilean.

Dreach luath

Dh'fhàg a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd dìleab mhaireannach ann an eileanan a' Charibbean:

  • Chaidh sluagh a' Charibbean an ìre mhath a sgrios le galar agus tinneas.
  • Thug na milleanan de dhaoine Afraganach fo thràilleachd diofar dhualchasan cultarail dhan Charibbean.
  • Chaidh cultar tùsail, cànan agus traidiseanan nan tùsanach Ameireaganach a chall gu ìre mhòr.

Chaidh milleadh eag-eòlach a dhèanamh air na h-eileanan:

  • Chaidh coilltean a leagail airson barran luachmhor mar siùcar, cofaidh agus tombaca a chur.
  • Chaidh bith-iomadachd a mhilleadh oir chaidh barran singilte a chur.

Chaidh milleadh eaconamach a dhèanamh air eileanan a' Charibbean:

  • B' e barran singilte a bu mhotha a bha anns na h-eileanan. Anns a' Charibbean, b' e siùcar a bu mhotha a bh' ann.
  • 'S e glè bheag de dh'iomadachd eaconamach a bh' ann.
  • Nuair a thuit prìs a' bhàrr, chaidh an eaconamaidh a sgrios.

Chaidh milleadh poilitigeach a mhair a dhèanamh air eileanan a' Charibbean:

  • Mhair laghannan agus beachdan gràin-cinnidh a bh' air an dealbh gus a' mhòr-chuid dhubh a chumail fo smachd fada an dèidh crìoch malairt nan daoine fo thràilleachd.
Back to top

Ionnsaich barrachd

Buaidh air daoine agus cultar a' Charibbean

Dealbh de dhaoine tùsanach ArawakImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dhaoine tùsanach Arawak à Guiana Bhreatainn, Ameireaga a Deas, 1852. Le teachd Eòrpaich agus Afraganaich fo thràilleachd agus buaidh ghalaran mar a' bhreac, cha mhòr nach deach cur às dhe na daoine Arawak à eileanan a' Charibbean.

Aig an àm a stèidhich na h-Eòrpaich colonaidhean anns a' Charibbean, b' e mar an Arawak agus an Taino a bha a' fuireach ann.

Chleachd na h-Eòrpaich na daoine seo an toiseach mar luchd-obrach air na planntachasan. Mharbh galaran mòran de mhuinntir an Arawak agus an Taino, agus cha b' fhada gus nach robh gu leòr thùsanaich ann airson coinneachadh ri iarrtasan nan Eòrpach a bha a' sìor fhàs.

Thug luchd-obrach glacte am fuasgladh dhaibh, agus chaidh na milleanan de dhaoine Afraganach fo thràilleachd a thoirt thar an Atlantaig airson obrachadh air planntachasan a' Charibbean. Ann an ùine nach robh fada, thàinig sluagh dubh gu bhith anns a' mhòr-chuid anns a' chuid bu mhotha de dh'eileanan a' Charibbean.

Dh'adhbharaich seo atharraichidhean a mhair:

  • Chaidh an sluagh tùsail gu ìre mhòr a sgrios.
  • B' e sluagh dubh Afro-Caribbeanach a-nis an sluagh a bha anns a' mhòr-chuid anns a' chuid bu mhotha de dhùthchannan Caribbeanach.
  • Bha an cànan agus cultar Arawak agus Taino an ìre mhath air a sgrios anns a' Charibbean.
  • Chaidh cànain, cultar, biadh agus creideamhan Afraganach a stèidheachadh anns a' Charibbean.
  • Thàinig cànain, cultar, laghannan agus traidiseanan Eòrpach gu bhith stèidhichte mar a thàinig eileanan Caribbeanach gu bhith nan colonaidhean Eòrpach.

Thar ùine, thòisich cultar ùr Caribbeanach a' nochdadh. Thòisich daoine Eòrpach, Afraganach agus tùsanach, cànain, biadh agus cultar a' measgachadh. Thug am measgachadh seo de dhaoine agus de chultaran cultar ùr gu bith agus cànain ùra Creole agus Beurla Charibbeanach.

Dealbh de dhaoine tùsanach ArawakImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dhaoine tùsanach Arawak à Guiana Bhreatainn, Ameireaga a Deas, 1852. Le teachd Eòrpaich agus Afraganaich fo thràilleachd agus buaidh ghalaran mar a' bhreac, cha mhòr nach deach cur às dhe na daoine Arawak à eileanan a' Charibbean.
Back to top

Buaidh àrainneachdail air a' Charibbean

Dealbh de luchd-obrach fo thràilleachd ag obair air planntachas siùcair air Eilean Antigua anns a' CharibbeanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de luchd-obrach fo thràilleachd ag obair air planntachas siùcair air Eilean Antigua anns a' Charibbean.

Dh'adhbharaich barrachd iarraidh air bathar mar siùcar, cotan, cofaidh agus tombaca gun deach planntachasan na bu mhotha a chruthachadh.

Airson na planntachasan sin a chruthachadh, chaidh coilltean a leagail agus talamh a ghlanadh airson àite a dhèanamh do bharran luachmhor. Rinn seo sgrios air bòidhchead nàdarra nan eileanan agus mhill e eag-eòlas an àite. Agus air sgàth sin:

  • Chaidh lusan a sgrios.
  • Chaidh bhiastagan is bheathaichean a sgrios.

Dh'fhalbh na planntachasan le cha mhòr a h-uile sgath dhen talamh-àitich. Bha seo a' ciallachadh gun do chailleadh tuathanasan beaga a bha a' fàs diofar sheòrsachan bìdh.

Dealbh de luchd-obrach fo thràilleachd ag obair air planntachas siùcair air Eilean Antigua anns a' CharibbeanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de luchd-obrach fo thràilleachd ag obair air planntachas siùcair air Eilean Antigua anns a' Charibbean.
Back to top

Buaidh eaconamach air a' Charibbean

Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilc shiùcairImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilc shiùcair. Tha fìneadair siùcair ris a' chùl. Bha siùcar fìnichte agus bathar mar ruma nam prìomh stuthan mach-mhalairt dhan Charibbean.

Mhùch planntachasan mòra aon-bhàrr eaconamaidh nan eilean. Le bhith a' fàs aon bhàrr a-mhàin – mar cuilc shiùcair – nan tuiteadh prìs an t-siùcair bheireadh sin droch bhuaidh air eaconamaidh eileanan slàn.

Ann am Barbados, b' e siùcar a bh' ann an 93% dhen mhach-bhathar. Nuair a thuig dùthchannan Eòrpach gum faigheadh iad siùcar air prìs na bu shaoire à dùthchannan mar Na h-Innseachan agus Brasil, cha b' urrainn Barbados farpais riutha agus thuit an eaconamaidh aca às a chèile seach nach robh bathar no seirbheisean eile aca ri mhalairt.

Le na planntachasan a' cur feum air uiread de luchd-obrach, cha b' urrainn do ghnìomhachasan no tuathanasan eile leasachadh leis gun robh an luchd-obrach a bha ri fhaotainn ag obair sna h-achaidhean air na planntachasan.

Fiù 's às dèidh do thràilleachd sgur, mhaireadh cothroman eaconamach fhathast doirbh do dhaoine dubha anns a' Charibbean.

Bha a' mhòr-chuid de dhaoine dubha air eileanan a' Charibbean air a bhith ann an obair nach fheumadh sgilean air tuathanasan air na planntachasan. Nuair a sguir tràilleachd, lean seo. Bha am pàigheadh ìosal agus bha an cor beatha bochd mar bu trice.

Airson a' chùis a dhèanamh na bu mhiosa, cha do rinn prothaidean mòra nam planntachasan mòran feum do dh'eileanan a' Charibbean.

Bha a' chuid bu mhotha dhen airgead a' tilleadh a Bhreatainn seach a bhith air ath-thasgadh anns a' Charibbean oir cheannaicheadh luchd-seilbh phlanntachasan taighean mòra agus bha dòigh-beatha shòghail aca ann am mòr-bhailtean Bhreatainn.

'S e glè bheag a chaidh a thasgadh ann an gnìomhachasan ùra. Mar sin, fada às dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd sgur, bha eaconamaidh eileanan a' Charibbean stèidhichte air planntachasan mòra a bha a' fàs aon bhàrr a bha air a bhuain le luchd-obrach dubh gun sgilean agus a bha air an droch phàigheadh.

Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilc shiùcairImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilc shiùcair. Tha fìneadair siùcair ris a' chùl. Bha siùcar fìnichte agus bathar mar ruma nam prìomh stuthan mach-mhalairt dhan Charibbean.
Back to top

A' bhuaidh phoilitigeach air a' Charibbean

Ìomhaigh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue ann an 1791Image source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue ann an 1791. Bha eagal air luchd-seilbh phlanntachasan anns a' Charibbean gun dèanadh an sluagh dubh, a bha na bu mhotha, ar-a-mach nan aghaidh. Bha laghan tràilleachd air an dealbh airson daoine fo thràilleachd a chumail sìos.

Bha sluagh dubh fo thràilleachd a' dèanamh suas eadar 70-90% dhen àireimh-sluaigh gu lèir anns a' Charibbean. Mar sin, bha maighstirean Eòrpach an-còmhnaidh fo eagal ar-a-mach.

Chaidh Còdan Tràilleachd a thoirt a-steach dhan Charibbean leis na cumhachdan Eòrpach airson smachd a chumail air an t-sluagh dhubh. Na Còdan Tràilleachd:

  • Thug iad còraichean catharra bunaiteach bho dhaoine dubha.
  • Bha daoine dubha air am mìneachadh anns an lagh mar chuid a bhuineadh do luchd-seilbh nam planntachasan.
  • Thug iad a' chòir do luchd-seilbh daoine fo thràilleachd a pheanasachadh gu corporra.
  • Chuir iad bacadh air còraichean siubhail dhaoine fo thràilleachd.
  • Chuir iad bacadh air còraichean dhaoine fo thràilleachd pòsadh.
  • Chuir iad bacadh air cothroman eaconamach do dhaoine dubha agus daoine fo thràilleachd.

Bha mailisi geal, armaichte a’ dèanamh cinnteach gun robh na laghan sin air an cur an gnìomh, agus uaireannan, le saighdearan Breatannach a bha air an cur dha na h-eileanan.

Thòisich ar-a-mach agus ceannairc air sgàth ’s cho cruaidh ’s a bha na laghannan agus an suidheachadh uabhasach a bha daoine fo thràilleachd a’ fulang, agus thàinig sin gu blàran. Bhàsaich mòran anns gach ar-a-mach agus chaidh milleadh mòr a dhèanamh air bailtean agus tuineachaidhean anns a’ Charibbean.

Dhaingnich na laghannan seo cuideachd beachdan gràin-cinnidh Eòrpach mu dhaoine dubha, agus mhair sin anns a’ Charibbean fada às dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd sgur.

Fada às dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd sgur, bha mòran nàiseanan anns a’ Charibbean fhathast fo smachd Eòrpach.

  • Tha Martinique, Guadeloupe, Saint Martin agus St. Barth fhathast nan tìrean Frangach Caribbeanach.
  • Tha na British Virgin Islands, na Cayman Islands, Montserrat, na Turks and Caicos Islands agus Anguilla fhathast nan tìrean Breatannach Caribbeanach.
Ìomhaigh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue ann an 1791Image source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue ann an 1791. Bha eagal air luchd-seilbh phlanntachasan anns a' Charibbean gun dèanadh an sluagh dubh, a bha na bu mhotha, ar-a-mach nan aghaidh. Bha laghan tràilleachd air an dealbh airson daoine fo thràilleachd a chumail sìos.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Rinn a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd milleadh maireannach air eileanan a' Charibbean:

Atharrachadh air daoine anns a' Charibbean:

  • Cha mhòr nach deach tùsanaich Arawak agus Taino Ameireaga agus an cultar aca à bith.
  • Thuinich Eòrpaich anns a' Charibbean agus spàrr iad an cultar air na h-eileanan.
  • Thug imrich mhòr a chaidh a sparradh air Afraganaich fo thràilleachd tuilleadh atharrachaidh air cultar a' Charibbean.

Milleadh àrainneachdail:

  • Rinn planntachasan aon-bhàrr sgrios air àrainnean agus àrainneachd a' Charibbean.

Milleadh eaconamach:

  • Bha ceannas aon-bhàrr a' ciallachadh sgrios eaconamach nan tuiteadh a' phrìs no nam biodh nas lugha iarraidh air a' bhàrr.
  • Chaidh sluagh dubh a chumail ann an obraichean air bheag sgilean, air tuarastal beag air tuathanasan fiù 's an dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd crìochnachadh.

Milleadh poilitigeach:

  • Lean Còdan Tràilleachd a bha air an dealbh airson àireamh-sluaigh na bu mhotha de dhaoine Afraganach a chumail sìos às dèidh do thràilleachd crìochnachadh.
  • Dh'fhuirich iomadh eilean anns a' Charibbean fo smachd Eòrpach às dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd crìochnachadh.
Back to top