Dè an obair a bha daoine fo thràilleachd a' dèanamh anns a' Charibbean?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Dè an obair a bha aig Afraganaich fo thràilleachd anns a' Charibbean?

Dealbh de fhìneachadh siùcair air planntachas ann an AntiguaImage source, Science History Images/ALAMY
Image caption,
Bha bathar mar ruma agus siùcar fìnichte air a dhèanamh air planntachasan air eileanan anns a' Charibbean mar Antigua. Bha na fìneadairean uabhasach teth agus b' e obair chunnartach a bh' ann a bhith a' tionndadh cuilc shiùcair na bhathar dèante luachmhor.

Dreach luath

Bha a' mhòr-chuid de dhaoine fo thràilleachd anns a' Charibbean ag obair ann an achaidhean air planntachasan siùcair an aghaidh an toil:

  • bha còmhlain obrach a' cladhach, a' cur, a' torrachadh agus a' gearradh cuilc shiùcair
    • bhiodh ceannair dhaoine fo thràilleachd a' cumail sùil orra
    • bha marasgalan geala os an cionn – a' cumail smachd brùideil orra agus a’ toirt seachad pheanasan cruaidh

Bha daoine ag obrachadh uairean fada, glè thric bho mhoch gu dubh, sia latha san t-seachdain. Bha sioftaichean obrach fiù 's na b' fhaide aig àm an fhogharaidh.

Bha luchd-obrach fo thràilleachd ann am factaraidhean siùcair ag obrachadh innealan a bha a' pronnadh na cuilc shiùcair, agus a' goil an t-sùgh airson siùcar, ruma agus molasas a dhèanamh.

  • bha an obair a' dol air adhart a latha 's a dh'oidhche
  • bha an obair ann an sioftaichean de dhà uair dheug
  • dh'fhaodadh an cor obrach teth, cunnartach daoine a leòn no a mharbhadh

Bha cuid de luchd-obrach fo thràilleachd ag obair air mhuinntireas, a' coimhead às dèidh bheathaichean, no ann an obair ionnsaichte nan saoir no nan goibhnean.

Back to top

Bhidio - Beatha agus aghaidheachd air planntachasan

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mun obair agus mun chor obrach a bha aig Afraganaich fo thràilleachd air planntachasan, agus mar a chuir iad an aghaidh a bhith fo dhaorsa.

Faigh a-mach mu bheatha Afraganaich fo thràilleachd air planntachasan, agus mar a chuir iad an aghaidh a bhith fo dhaorsa.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Ag obair air planntachas anns a' Charibbean

Air a' phlanntachas, bha dòigh-beatha dhoirbh nan daoine fo thràilleachd a' leantainn oir b' e obair air leth cruaidh a bh' ann am fàs an t-siùcair.

Bha buidhnean de dhaoine fo thràilleachd, fir, mnathan, clann is seann daoine ag obair bho mhoch gu dubh fo òrdughan ceannair geal.

Cò ris a bha e coltach a bhith ag obair air planntachas siùcair?

Dealbh de fhogharadh na cuilc shiùcair, Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha a' mhòr-chuid dhen luchd-obrach fo thràilleachd anns a' Charibbean ag obair air planntachasan cuilc shiùcair. Cha robh an obair aca càil coltach ris na dealbhan agus na peantaidhean a chaidh a chruthachadh aig an àm.

B' e obair chruaidh a bh' ann am fàs an t-siùcair agus bha feum air mòran luchd-obrach.

Bha còmhlain obrach de fhireannaich, boireannaich agus clann ag obair fo cheannairean geala. Bha daoine fo thràilleachd ag obair bho mhoch gu dubh. Bha iad air an cuipeadh nuair nach biodh iad ag obair cruaidh gu leòr.

Aig àm an fhoghair, bha e cumanta do dhaoine fo thràilleachd a bhith ag obair làithean de 18-uairean, agus bhathas a' toirt air cuid eile a bhith ag obair cho fada ri 48 uairean gun stad.

Bha innealan biorach, a' chuilc fhèin agus na duilleagan aca tric ag adhbharachadh ghearraidhean le cunnart galarachadh nan cois. Bha a bhith a' cleachdadh innearach mar thodhar a' dèanamh seo na bu mhiosa.

Bha beatha air na planntachasan uabhasach cruaidh. Bha an treas cuid de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' bàsachadh taobh a-staigh trì bliadhna às dèidh dhaibh an Caribbean a ruighinn. Bha seo a' ciallachadh gun robh iarrtas an-còmhnaidh ann airson dhaoine eile fo thràilleachd a ghabhadh an àite.

Dealbh de fhogharadh na cuilc shiùcair, Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha a' mhòr-chuid dhen luchd-obrach fo thràilleachd anns a' Charibbean ag obair air planntachasan cuilc shiùcair. Cha robh an obair aca càil coltach ris na dealbhan agus na peantaidhean a chaidh a chruthachadh aig an àm.
Back to top

Còmhlain obrach planntachasan a' Charibbean

Glè thric, ma bha aig na Afraganaich fo thràilleachd ri obrachadh anns na h-achaidhean, bha iad air an cur ann an còmhlain obrach, le obair shònraichte aig gach fear.

Ann an 1755, thug William Belgrove Comhairle air an dòigh a b' fheàrr air còmhlain obrach a chur air dòigh ann an 'A treatise upon husbandry or planting':

  • men in two gangs

    • "the ablest and best by themselves for holeing (digging holes to plant canes in) and the stronger work"
    • "the more ordinary" for "dunging, (fertilising with manure), etc"
  • women "also into two gangs as before"

  • children into "two gangs, the least (youngest) to be followed by some careful old woman, who must use them with gentleness"

Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' buain na cuilc shiùcair air planntachasImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' buain na cuilc shiùcair air planntachas.

Anns an fharsaingeachd, bha an obair air a cur air dòigh mar a leanas:

  • bha a' chiad chòmhlan dhen fheadhainn a b' fhiota agus a bu làidire, a' dèanamh na h-obair throm anns na h-achaidhean mar cladhach, cur, gearradh agus losgadh.
  • bha aig an dara còmhlan ri bhith a' giùlan innearach, a' cur todhar air na cuilcean agus a' glanadh às dèidh a' chiad chòmhlain. Bha a' mhòr-chuid dhen obair sin air a dèanamh le deugairean agus daoine na bu shine fo thràilleachd no màthraichean ùra bhon nach robh iad cho trom air am bodhaigean ris an obair a bha a' chiad chòmhlan a' dèanamh.
  • b' e an fheadhainn a bha glè òg no glè aosta a bh' anns an treas còmhlan. Cha robh an obair acasan cho trom air am bodhaigean agus bha i a' gabhail a-steach glanadh luibhean às an talamh agus a' toirt biadh gu còmhlain eile.

Às dèidh greiseag bheag airson lòn agus beagan fois, bha iad ag obair gu dol-fodha na grèine.

Bha iad ag obair sia latha san t-seachdain leis an t-Sàbaid dheth airson a dhol dhan eaglais còmhla ri teaghlach an neach-seilbh. Ach aig àm an fhogharaidh, bha iad ag obair seachd latha airson am bàrr a thoirt a-steach cho luath 's a ghabhadh.

Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' buain na cuilc shiùcair air planntachasImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' buain na cuilc shiùcair air planntachas.

Boireannaich fo thràilleachd air planntachasan anns a' Charibbean

Bha nigheanan ag obair air oighreachdan bho cho òg ri ceithir bliadhna a dh'aois. Bha iomadh obair ann do nigheanan eadar 12 bliadhna agus 19 eadar obair ann an achadh agus obair bheathaichean gu obair dhachaigheil. Bha boireannaich a bh' air aois a ruighinn tric ag obair mar mhnathan-glùine, nursaichean no a' coimhead às dèidh dachaigh.

Ann an Iameuga, bha a' mhòr-chuid de bhoireannaich eadar 19 agus 54 ag obair anns na h-achaidhean.

Back to top

Cò ris a bha e coltach a bhith ag obair ann am factaraidh siùcair?

Aig àm an fhogharaidh, dh'fheumadh cuilc shiùcair a bhith air a pròiseasadh gu luath gus nach deigheadh i a dhìth, agus mar sin bha factaraidhean ag obrachadh fad 24 uairean.

Bha an obair air a cur air dòigh ann an sioftaichean 12-uair, aon tron latha agus aon tron oidhche. Glè thric, bhiodh luchd-obrach fo thràilleachd air an sàrachadh le bhith ag obair uairean fada ann an teas uabhasach.

Anns a' mhuilinn, bhiodh an luchd-obrach fo thràilleachd a' biathadh na cuilc a-steach tro rolairean fiodha no meatailte airson a pronnadh agus an sùgh a thoirt aiste.

Bha e uabhasach cunnartach a bhith ag obrachadh innealan ann am muileann siùcair, gu h-àraidh do luchd-obrach a bha claoidhte. Dh'fhaodadh daoine a bha ag obair an sin a bhith air an leòn no fiù 's air am marbhadh. Bhon nach robh na rolairean a' stad, chaidh làmhan no gàirdeanan a thoirt far cuid de dhaoine fo thràilleachd gus nach deigheadh an tarraing na b' fhaide a-steach dha na h-innealan.

Nuair a bha a' chuilc air a pronnadh, bha an sùgh a' sruthadh dhan taigh-ghoil. An seo, bha i air a teasachadh agus air a fuarachadh a-rithist agus a-rithist airson uisge sam bith a thoirt aiste.

Bha an sùgh siùcair sin a bha air a phròiseasadh an uair sin air a dhèanamh na ruma, siorap molasas no air fhìneachadh na shiùcar.

B' e obair sgileil a bh' ann siùcar a phròiseasadh, agus bhithte a' cur luach air cuid dhen luchd-obrach fo thràilleachd airson na sgil a bh' aca. Ach bhiodh e air a bhith gu math mì-chàilear a bhith ag obair anns an teas, agus dh’fhaodadh tubaistean le siùcar goileach leòntan uabhasach no bàs adhbharachadh.

Back to top

Dè an obair eile a bha aig Afraganaich fo thràilleachd sa Charibbean?

Muinntireas

Cha robh a h-uile Afraganach fo thràilleachd ag obair ann an dèanamh siùcar. Bha cuid dhiubh a' dèanamh obair ann an taighean luchd-seilbh agus manaidsearan nam planntachasan, mar eisimpleir:

  • còcaireachd
  • glanadh
  • nigheadaireachd
  • dràibheadh charbadan
  • a' frithealadh air an teaghlach nam buidealaran no nan searbhantan
  • nursaichean a' coimhead às dèidh clann

Cha robh na h-obraichean sin cho trom air a' bhodhaig 's a bha obair ann an achaidhean siùcair, agus dh'fhaodadh gum biodh buannachdan nan cois mar taigheadas na b' fheàrr agus aodach. Ach, bha an fheadhainn aig an robh na h-obraichean sin beò fad na h-ùine fo shùil an luchd-seilbh agus dh'fhaodaist an cur air ais dha na h-achaidhean gu math luath.

Beathaichean

Tha cuid de thuairmsean ag ràdh gun robh mu 10% de dhaoine fo thràilleachd ag obair an lùib bheathaichean.

Bha eich, buabhaill agus muileidean air an cleachdadh airson còmhdhail agus airson cumhachd a thoirt dha na muilnean siùcair, fhad 's a bha crodh, mucan, gobhair agus caoraich air an àrach airson biadh a dhèanamh.

Bhiodh luchd-obrach fo thràilleachd a' coimhead às dèidh bheathaichean, gan gluasad gu far an robh feum orra, a' togail fheansaichean agus a' cruinneachadh innearach bha air a cleachdadh mar thodhar air na planntachasan. Bha an obair seo na b' fhasa agus na b' inntinniche na bhith ag obair ann an achaidhean siùcair.

Bailtean agus mòr-bhailtean

Dh'fhàs sluagh geal a' Charibbean mun cuairt malairt an t-siùcair agus Afraganaich fo thràilleachd. Stèidhich marsantan agus seirbheisean a bha a' toirt taic do luingearachd agus malairt iad fhèin ann am puirt agus ann am bailtean a bha a' fàs mar Kingston, Iameuga.

Glè thric bhiodh aon neach fo thràilleachd no barrachd ag obair ann an gnìomhachasan agus ann an dachaighean geala, a' dèanamh obair mar còcaireachd agus glanadh.

Bha cuid de dhaoine fo thràilleachd ag obair air bàtaichean, a' toirt dhaoine agus bathar eadar bàtaichean agus tìr. Bha feadhainn eile ag obair ann an ceàirdean, mar eisimpleir mar shaoir no mar ghoibhnean, agus leasaich iad sgilean anns na raointean sin.

Dìreach mar a bha air na planntachasan, bha àireamh nan daoine fo thràilleachd na bu mhotha na àireamh nan daoine geala saor:

BliadhnaÀireamh-sluaigh Kingston, JamaicaÀireamh-sluaigh fo thràilleachd
177414,2009,000
178826,47816,659

(Stòr: Slaves and Slavery in Kingston, 1770–1815, Burnard, T (2020))

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Bha obair anns na h-achaidhean air planntachasan siùcair air a sparradh air a' mhòr-chuid de dhaoine fo thràilleachd anns a' Charibbean:

  • bha daoine fo thràilleachd air an cur air dòigh ann an còmhlain obrach:
    • bha fir agus mnathan a bha fiot agus làidir a' dèanamh na h-obrach a bu chruaidhe a' cladhach, a' cur agus a' buain na cuilc shiùcair
    • bhiodh inbhich nach robh cho comasach a' cur innearach air na cuilcean, agus a' cruinneachadh nan cuilcean a bha air am buain
    • bhiodh clann agus daoine nas sine a' glanadh luibhean às an talamh agus a' toirt biadh chun an luchd-obrach eile

Bhiodh iad tric ag obrachadh uairean fada, uaireannan bho mhoch gu dubhsia latha san t-seachdain.

Bhiodh ceannairean dhaoine fo thràilleachd, a bha iad fhèin fo thràilleachd, a' cumail sùil air na còmhlain obrach.

Bha ceannairean geala os an cionn – bhiodh iad a' cumail smachd brùideil, cruaidh orra agus a' toirt seachad pheanasan cruaidh.

Bha factaraidhean siùcair air na planntachasan far an robh cuilc shiùcair air a pronnadh agus an sùgh air a ghoil gus siùcar, ruma agus molasas a dhèanamh:

  • aig àm an fhogharaidh, bhiodh daoine fo thràilleachd ag obair sioftaichean dà uair dheug ann an teas uabhasach
  • dh'fhaodadh luchd-obrach a bhith air am pronnadh no air am marbhadh le innealan
  • dh'fhaodadh siùcar goileach do losgadh gu dona no fiù 's do mharbhadh

Bha feadhainn eile ag obair air mhuinntireas ann an dachaighean mharsantan no luchd-seilbh nam planntachasan, no a' coimhead às dèidh bheathaichean.

Ann am puirt agus ann am bailtean, bha tuilleadh dhaoine fo thràilleachd ag obair ann an taighean dhaoine geala, no bha cuid dhiubh nan luchd-obrach ionnsaichte mar saoir no goibhnean.

Back to top