Ciamar a bha daoine fo thràilleachd a' cur an aghaidh tràilleachd no a' dèanamh ar-a-mach?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Ciamar a chur Afraganaich fo thràilleachd an aghaidh a bhith am bruid?

Dealbh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue 1791Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn Ar-a-mach Saint-Domingue 1791. Bha an t-ar-a-mach an aghaidh smachd na Frainge buadhmhor air a' cheann thall agus ri linn chaidh nàisean Haiti a chruthachadh ann an 1804.
Back to top

Dreach luath

Cha robh Afraganaich fo thràilleachd a' gabhail ris na bha a' tachairt dhaibh gun ghearan. Tha eachdraidh a' sealltainn gun robh iad a' cur an aghaidh a bhith fo bhruid.

  • Dh'fheuch Afraganaich fo thràilleachd ri smachd fhaighinn air bàtaichean tràilleachd.
  • Dh'fheuch Afraganaich fo thràilleachd ri seasamh an aghaidh a bhith fo dhaorsa air planntachasan.

Air planntachasan, bha dà sheòrsa aghaidheachd ann:

  • Aghaidheachd fhulangach – mar a bhith ag obair gu slaodach no a' milleadh innealan.
  • Aghaidheachd ghnìomhach – mar a bhith a' teiche, a' cur ar-a-mach air dòigh.

Air eileanan a' Charibbean, bha an sluagh dubh fo thràilleachd mar bu trice gu math na bu mhotha na an sluagh geal, Eòrpach. Bha eagal an-còmhnaidh air luchd-seilbh nam planntachasan agus air na daoine geala bho ar-a-mach.

Bhiodh ar-a-mach mar bu trice a' fàilligeadh air sgàth nan aon adhbharan:

  • Bha cothrom aig feachdan mailisia Eòrpach air gunnachan.
  • Bha saighdearan Eòrpach a bha stèidhichte air eileanan anns a' Charibbean air an trèanadh na b' fheàrr agus air an stiùireadh le barrachd sgil.
  • Bha e doirbh do dh'ar-a-mach soirbheachail grèim a chumail air eileanan anns a' Charibbean ro fhada.
Back to top

Ionnsaich barrachd

Aghaidheachd air bòrd bhàtaichean tràilleachd

Cha robh daoine Afraganach idir, idir a' cur suas ris a h-uile sìon, agus bha iad gu mòr a' cur an aghaidh a bhith air an glacadh agus air an reic airson beatha ann an tràilleachd.

Tha iomadh eisimpleir ainmeil ann de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' feuchainn ri smachd fhaighinn air na bàtaichean air an robhas gan giùlan.

An Jolly Batchelor, 1742

Ann an 1742, fhad 's a bha i anns an doc air Abhainn Sierra Leone, chaidh ionnsaigh a thoirt air an Jolly Batchelor agus a glacadh le Afraganaich fo thràilleachd a bha gan luchdadh air bòrd.

Chaidh an criutha a mharbhadh anns an t-sabaid. Thug na Afraganaich air falbh acainn agus siùil na luinge gu lèir agus shaor iad na daoine eile a bha glacte ann an toll a' bhàta. An uair sin chuir iad cùl ris a' bhàta.

Am Marlborough, 1752

Peantadh leis an ainm, The Revolt of the Marlborough, 1752Image source, ALAMY
Image caption,
Rinn an ar-a-mach air bòrd a' Mharlborough na cinn-naidheachd dheth aig an àm air sgàth 's gun deach a' mhòr-chuid dhen chriutha a mharbhadh. B' e seo turas ainneamh nuair a chaidh aig Afraganaich glacte air iad fhèin a shaoradh aig muir.

Ann an 1752, bha am Marlborough, bàta tràilleachd a bha stèidhichte ann am Bristol, air carago de chòrr is 300 Afraganach fo thràilleachd a thogail bho dhaingneachan nan daoine fo thràilleachd air taobh an iar Afraga.

Fhad 's a bha iad a' seòladh a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas, fhuair buidheann de dhaoine Afraganach fo thràilleachd mu sgaoil agus chaidh aca air smachd fhaighinn air a' bhàta agus mharbh iad a' mhòr-chuid dhen chriutha. Chaidh toirt air an fheadhainn a bha beò dhen chriutha am bàta a sheòladh air ais a dh'Afraga.

Rinn am bàta an turas, a' stad ann am Bonny (Nigeria san latha an-diugh) airson na Afraganaich a bha air tighinn às a sin a thilleadh dhachaigh.

Sheòl am bàta an uair sin nas fhaide sìos Costa an Òir agus cha chualas guth oirre gu bràth tuilleadh.

Peantadh leis an ainm, The Revolt of the Marlborough, 1752Image source, ALAMY
Image caption,
Rinn an ar-a-mach air bòrd a' Mharlborough na cinn-naidheachd dheth aig an àm air sgàth 's gun deach a' mhòr-chuid dhen chriutha a mharbhadh. B' e seo turas ainneamh nuair a chaidh aig Afraganaich glacte air iad fhèin a shaoradh aig muir.

An Amistad, 1839

Gràbhaladh dathte a' sealltainn ar-a-mach Amistad ann an 1839Image source, ALAMY
Image caption,
Ar-a-mach Bàta Tràilleachd an Amistad, 1839. Thog an tachartas seo ùidh dhaoine gu h-eadar-nàiseanta. Bha casaidean murt agus spùinneadaireachd ro na Afraganaich fo thràilleachd, ach thàinig Àrd-chùirt nan SA a-mach air taobh nan Afraganach agus thug iad dhaibh an saorsa air ais.

Thachair an t-ar-a-mach a b' ainmeile a rinn Afraganaich fo thràilleachd ann an 1839 air bàta dhen ainm La Amistad.

Bha am bàta a' toirt Afraganaich fo thràilleachd gu planntachas ann an Ciùba a bhuineadh dhan Spàinn. Le fear dham b' ainm Sengbe Pieh (no Joseph Cinqué) air an ceann, fhuair buidheann de dh'Afraganach mu sgaoil bho na sèinichean aca agus ghabh iad smachd air a' bhàta, a' marbhadh grunn dhen chriutha.

Aig a’ cheann thall, chaidh na Afraganaich a ghlacadh a-rithist agus bha èisteachd anns a' chùirt airson co-dhùnadh dè bha a' dol a thachairt dhaibh. Ann am breith ùghdarrasach, thug Àrd-chùirt nan SA an saorsa dha na Afraganaich fo thràilleachd.

Gràbhaladh dathte a' sealltainn ar-a-mach Amistad ann an 1839Image source, ALAMY
Image caption,
Ar-a-mach Bàta Tràilleachd an Amistad, 1839. Thog an tachartas seo ùidh dhaoine gu h-eadar-nàiseanta. Bha casaidean murt agus spùinneadaireachd ro na Afraganaich fo thràilleachd, ach thàinig Àrd-chùirt nan SA a-mach air taobh nan Afraganach agus thug iad dhaibh an saorsa air ais.
Back to top

Aghaidheachd air planntachasan

Diagram a' sealltainn nan dòighean anns am biodh daoine fo thràilleachd a' dèanamh strì: a' briseadh innealan, a' feuchainn ri teiche, teaghlaichean agus coimhearsnachdan, margaidean, creideamh, a' bruidhinn chànain Afraganach, ceòl agus ar-a-mach

Bha cuid dhen t-strì an aghaidh tràilleachd a' gabhail a-steach a bhith a' feuchainn ri fèin-aithne agus cultar a ghleidheil.

Ged a bha iad glè thric air an toirmeasg, chùm Afraganaich fo thràilleachd orra a' cleachdadh an cànain fhèin, a' leantainn chreideimh agus chreideasan Afraga an Iar, agus a' cluich no a' seinn ceòl traidiseanta Afraganach. Thar ùine, bha pàirt aca sin uile ann an leasachadh cultar a' Charibbean.

Ged a bha luchd-seilbh nam planntachasan tric a' sgaradh theaghlaichean, bhiodh daoine fo thràilleachd a' togail dhàimhean, chàirdeasan agus an coimhearsnachdan fhèin.

Nuair a chaidh an t-Sàbaid a thoirt a-steach mar latha far an obair, b’ urrainn do daoine fo thràilleachd coinneachadh aig margaidean, le cuid a’ reic bathar bhon talamh bìdh agus bho na gàrraidhean aca.

Bha seo uile a’ cuideachadh gus spiorad coimhearsnachd agus daonnachd a thogail.

Back to top

Ciamar a chur Afraganaich fo thràilleachd an aghaidh a bhith am bruid?

Bha diofar dhòighean aig Afraganaich fo thràilleachd air a bhith a' dol an aghaidh an t-suidheachaidh anns an robh iad beò agus ag obair.

Ged a b' e aon neach a bha ri gnìomhan reubalach sa mhòr-chuid, bha eisimpleirean ann de ghnìomhan air an co-òrdanachadh, an dara cuid taobh a-staigh a' phlanntachais no thairis air grunn phlanntachasan.

Bha sheòrsa aghaidheachd chumanta ann:

  • fulangach
  • gnìomhach

Aghaidheachd fhulangach

Bha aghaidheachd fhulangach ag amas air maill a chur air an obair ach cha dèanadh e cron dìreach sam bith air an neach fhèin.

B' e bhith ag obair nas slaodaiche na an àbhaist an dòigh bu chumanta air aghaidheachd fhulangach a dhèanamh – bhiodh seo air a' cheann thall a' ciallachadh nach dèanadh neach-seilbh a' phlanntachais uiread de phrothaid oir cha bhiodh uiread de bharran aca airson an reic.

Uaireannan, bhriseadh daoine fo thràilleachd innealan gus nach gabhadh an cleachdadh. Bha seo na dhòigh eile air maill a chur air an obair.

Aghaidheachd ghnìomhach

Peantadh bho 1796 a' sealltainn ceannard Maroon à Iameuga ris an cante Leonard ParkinsonImage source, ALAMY
Image caption,
Peantadh bho 1796 a' sealltainn ceannard Maroon à Iameuga ris an cante Leonard Parkinson a bha air a bhith trang anns an t-sabaid an aghaidh feachdan Bhreatainn anns a' Chiad Chogadh Maroon, 1730-39.

B' e teiche bhon phlanntachas an dòigh bu chumanta a bh' aig neach Afraganach fo thràilleachd air aghaidheachd ghnìomhach a dhèanamh.

Dhan fheadhainn a dhèanadh a' chùis air, bha e a' ciallachadh beatha ùr air falbh bho thràilleachd.

Air eileanan anns a' Charibbean, mar Iameuga, dh'fhaodadh gum biodh seo a' ciallachadh gabhail a choimhearsnachdan eile de dh'Afraganaich a theich bho thràilleachd. B' e na Maroons a chante ri na coimhearsnachdan sin.

Ach bha cunnart an cois teiche ge-tà.

  • Bha iomadh eilean anns a' Charibbean creagach agus doirbh faighinn thairis orra.
  • Cha bhiodh daoine fo thràilleachd eòlach air an tìr agus cha bhiodh fios aca càit an deigheadh iad.
  • Bha luchd-glacaidh dhaoine fo thràilleachd aig luchd-seilbh phlanntachasan airson a dhol a lorg luchd-obrach a theich.

Dh'fhaodadh peanas uabhasach borb a bhith a' feitheamh air daoine fo thràilleachd a dheigheadh a ghlacadh a-rithist.

  • Bha cuipeadh cumanta, agus bha an àireamh shràcan a rèir 's dè cho dona 's a bha an eucoir.
  • Dh'fhaodadh luchd-obrach a theich, agus a thug air feadhainn eile a dhol còmhla riutha, a bhith air an crochadh gu bàs.
Peantadh bho 1796 a' sealltainn ceannard Maroon à Iameuga ris an cante Leonard ParkinsonImage source, ALAMY
Image caption,
Peantadh bho 1796 a' sealltainn ceannard Maroon à Iameuga ris an cante Leonard Parkinson a bha air a bhith trang anns an t-sabaid an aghaidh feachdan Bhreatainn anns a' Chiad Chogadh Maroon, 1730-39.
Back to top

Carson a bha eagal air luchd-seilbh phlanntachasan bho ar-a-mach?

Dealbh de dhaoine fo thràilleachd ri ar-a-mach air planntachas ann an IameugaImage source, ALAMY
Image caption,
Nuair a bhiodh ar-a-mach ann, bha e cumanta do phlanntachasan air an robh Afraganaich fo thràilleachd ag obair a bhith air an losgadh gu talamh.

Air a' mhòr-chuid de dh'eileanan anns a' Charibbean, bha àireamh an t-sluaigh dhuibh fo thràilleachd fada na bu mhotha na sluagh nam maighstirean geala Eòrpach. Mar thoradh air a sin, bha eagal mòr ann gun dèanadh an sluagh fo thràilleachd ar-a-mach.

Gus bacadh a chur air an seo chaidh a h-uile turas a rinn an sluagh fo thràilleachd aghaidheachd no ar-a-mach a chruaidh pheanasachadh. Bha seo a' gabhail a-steach nan daoine fo thràilleachd a chuir an aghaidh luchd-seilbh nam planntachasan le bhith a' teiche.

  • Ann an Antigua - dheigheadh neach sam bith fo thràilleachd a theicheadh airson trì mìosan no barrachd a chur gu bàs, chailleadh e ball bodhaig no dheigheadh a chuipeadh air òrdugh dà bhritheamh.

  • Ann am Montserrat - dh'fheumadh an neach-seilbh 500 punnd siùcair a phàigheadh do neach geal sam bith a ghlacadh neach fo thràilleachd a theich. Neach sam bith a theich agus air nach biodh sgeul airson trì mìosan no barrachd, dheigheadh a chur gu bàs mar eucorach.

  • Ann an Saint Christopher - nan lorgadh neach geal no saor neach fo thràilleachd taobh a-muigh planntachas an neach-seilbh gun chead, dh'fhaodadh iad an cuipeadh.

  • Ann an Iameuga - nan deigheadh neach fo thràilleachd a lorg le eadar 5 is 20 punnd feòil ùr, dheigheadh a chuipeadh air òrdugh dà bhritheamh, ach gun barrachd air 39 sràc.

  • Ann am Barbados - bha neach sam bith fo thràilleachd a dhèanadh fòirneart air Crìosdaidh ri chuipeadh gu cruaidh air a' chiad eucoir. Airson an dara eucoir, bha an neach fo thràilleachd ri chuipeadh gu cruaidh, an sròn air a sgoltadh agus an aodann air a bhrandadh le iarann teth.

Dealbh de dhaoine fo thràilleachd ri ar-a-mach air planntachas ann an IameugaImage source, ALAMY
Image caption,
Nuair a bhiodh ar-a-mach ann, bha e cumanta do phlanntachasan air an robh Afraganaich fo thràilleachd ag obair a bhith air an losgadh gu talamh.
Back to top

Strì agus ar-a-mach

Barrachd air aon turas, chruinnich agus dh'armaich daoine fo thràilleachd iad fhèin airson sabaid airson saorsa bhom maighstirean.

Bha ar-a-mach mar seo uabhasach cunnartach, agus bha na peanasan, nam fàilligeadh iad, uabhasach cruaidh.

Ged a bha corra bhuaidh ainmeil aig daoine fo thràilleachd, dh'fhàillig ar-a-mach anns an fharsaingeachd. Gle thric, bha seo air sgàth dìth bhuill-airm airson sabaid an aghaidh an nàimhdean aig an robh uidheamachd na b' fheàrr.

A' Chiad Chogadh Maroon, 1728-1740

Dealbh de Trelawney Town, 1772, prìomh thuineachadh Maroon air eilean Iameuga anns a' CharibbeanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Trelawney Town, 1772, prìomh thuineachadh Maroon air eilean Iameuga anns a' Charibbean. Bha am baile, àrd sna beanntan air an eilean, aithnichte mar Cudjoe's Town bho thùs – air ainmeachadh air ceannard nam Maroons.

Ann an Iameuga, chruthaich Afraganaich fo thràilleachd, aig an deach air teiche, coimhearsnachdan dhaibh fhèin anns na sgìrean iomallach ann am beanntan an eilein. Chante na Maroons ris na daoine sin.

Thar ùine, dh'fhàs meud agus neart nam Maroons gu ìre 's gun robh smachd aca air pàirtean mòra de sgìrean nam beanntan air an eilean. Dh'adhbharaich seo còmhstri glè thric eadar iad fhèin agus na feachdan Breatannach a bha a' cumail a-mach gur ann leotha a bha Iameuga.

Thar grunn bhliadhnaichean, dh'adhbharaich oidhirpean feachdan armailteach Bhreatainn air smachd fhaighinn air an eilean iomadh blàr garg ris na Maroons.

Mu dheireadh, thuig feachdan Bhreatainn nach dèanadh iad a' chùis air na Maroons agus mhol iad aonta sìth.

Ann an 1740, chuir ceannardan nam Maroons, Cudjoe, Quao, agus Queen Nanny, an ainm ri cùmhnant a gheall saorsa dha na Maroons.

Mar thoradh air a sin, bha aig na Maroons ri gabhail ris gun leanadh tràilleachd air an eilean.

Dealbh de Trelawney Town, 1772, prìomh thuineachadh Maroon air eilean Iameuga anns a' CharibbeanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Trelawney Town, 1772, prìomh thuineachadh Maroon air eilean Iameuga anns a' Charibbean. Bha am baile, àrd sna beanntan air an eilean, aithnichte mar Cudjoe's Town bho thùs – air ainmeachadh air ceannard nam Maroons.

Ar-a-mach Tacky, 1760

Dealbh bho 1832 a' sealltainn planntachas ga chur na theineImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bho 1832 a' sealltainn planntachas ga chur na theine. Bha taighean agus achaidhean luchd-seilbh phlanntachasan glè thric nan targaid aig ar-a-mach dhaoine fo thràilleachd leithid Ar-a-mach Tacky, 1760.

Le fear Afraganach fo thràilleachd air an robh Takyi (ris an cante Tacky às dèidh seo) os an cionn, fhuair na reubalaich grèim air fùdar-gunna agus raidhfilean agus thog iad orra thar eilean Iameuga a chur nam planntachasan nan teine agus a shaoradh dhaoine eile a bha fo thràilleachd.

B' e an rud a chuir uabhas air ùghdarrasan Bhreatainn cho mòr 's a bha an t-ar-a-mach agus cho math 's a bha e air a chur air dòigh.

Fo cheannardas Tacky, thàinig feachd de cheudan dhaoine fo thràilleachd a bha air an saoradh faisg air smachd fhaighinn air pàirt mhòr dhen eilean.

Air a' cheann thall, chaidh Arm Bhreatainn a chleachdadh gus stad a chur air an ar-a-mach. Chaidh na ceudan de reubalaich fo thràilleachd a ghlacadh a-rithist, chaidh mòran dhiubh a chur gu bàs, agus chaidh Takyi a mharbhadh anns an t-sabaid.

Dealbh bho 1832 a' sealltainn planntachas ga chur na theineImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bho 1832 a' sealltainn planntachas ga chur na theine. Bha taighean agus achaidhean luchd-seilbh phlanntachasan glè thric nan targaid aig ar-a-mach dhaoine fo thràilleachd leithid Ar-a-mach Tacky, 1760.

Ar-a-mach Haiti, 1791-1804

Dealbh de Toussaint LouvertureImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Toussaint Louverture. Bha Louverture uair fo thràilleachd agus bha an t-ar-a-mach a rinn e air eilean Saint-Domingue, a bha fo smachd na Frainge, aig a' cheann thall mar mheadhan air nàisean Haiti a chruthachadh ann an 1804.

Thòisich an t-ar-a-mach a b' ainmeile anns a' Charibbean ann an 1791 air eilean Saint-Domingue a bha fo smachd na Frainge.

Sgaoil rud a thòisich mar ar-a-mach Afraganaich fo thràilleachd ann an ceann a tuath an eilein gu math luath gu bhith na ar-a-mach cudromach, oir dh’èirich daoine eile fo thràilleachd an aghaidh am maighstirean Frangach, agus chaidh iad fhèin an sàs ann cuideachd. Cha b' fhada gus an robh còrr is 100,000 neach anns na feachdan sin.

Leudaich a' chòmhstri seo nuair a chuir Breatainn agus an Spàinn feachdan chun an eilein gus cuideam a chur air an co-fharpaiseach Eòrpach, an Fhraing.

Bha na Breatannaich agus na Spàinntich an toiseach a' toirt taic dha na daoine fo thràilleachd, ach cha b' fhada gus an do thòisich iad a' leantainn an ùidhean fhèin le bhith a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an eilean dhaibh fhèin.

B' e an ceannard a bu chudromaiche a dh'èirich às a' chòmhraig seanalair dubh air an robh Toussaint Louverture.

Rugadh Louverture fo thràilleachd ann an Saint-Domingue agus an uair sin, às dèidh sin, bha e air a shaorsa a dhearbhadh dha fhèin.

Fo stiùireadh sgileil Louverture, chuir feachdan ionadail nan daoine fo thràilleachd an teiche air na Breatannaich agus air na Spàinntich agus ghabh iad smachd air a' mhòr-chuid de shuidhichidhean ro-innleachdach an eilein.

Fiù 's an dèidh Louverture a bhith air a ghlacadh leis na Frangaich, chùm an t-ar-a-mach a' dol gus an deach aig eilean Saint-Domingue air neo-eisimeileachd a ghairm bhon Fhraing ann an 1804. Thug e an uair sin an t-ainm Haiti air fhèin.

B' e na thachair ann na Haiti an aon ar-a-mach a thug gu buil stèidheachadh stàite air a riaghladh le daoine a bha roimhe fo thràilleachd.

Dealbh de Toussaint LouvertureImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de Toussaint Louverture. Bha Louverture uair fo thràilleachd agus bha an t-ar-a-mach a rinn e air eilean Saint-Domingue, a bha fo smachd na Frainge, aig a' cheann thall mar mheadhan air nàisean Haiti a chruthachadh ann an 1804.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Bha Afraganaich fo thràilleachd a' dèanamh ar-a-mach ann an grunn dhòighean.

  • Air bòrd bhàtaichean tràilleachd
  • Air planntachasan anns a' Charibbean

Air na planntachasan bha dà sheòrsa aghaidheachd ann:

  • Fulangach – mar a bhith ag obair gu slaodach
  • Gnìomhach – mar a bhith a' teiche no a' feuchainn ri sabaid

Rinn Afraganaich fo thràilleachd iomadh ar-a-mach ann an eileanan a' Charibbean:

  • A' Chiad Chogadh Maroon, 1728-1740
  • Ar-a-mach Tacky, 1760
  • Ar-a-mach Haiti, 1791-1804

Dh'fhàillig a' mhòr-chuid dhiubh air sgàth 's nach robh dòigh aca air buill-airm fhaighinn agus dìth cheannardan sgileil.

Back to top