Dè na dòighean a chleachd daoine a bha airson cur às do thràilleachd airson stad a chur air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Mar a rinn an gluasad airson cur às do thràilleachd iomairt na aghaidh

Ìomhaigh de William WilberforceImage source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh de William Wilberforce taobh a-muigh Taigh-tasgaidh William Wilberforce, Kingston upon Hull. B' e Wilberforce, BP, fear dhen phrìomh luchd-poilitigs a bha an sàs anns an t-strì gus cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Dreach luath

Bha iomadh taobh cudromach air soirbheachadh a' ghluasaid gus cur às do thràilleachd.

Chuir gnìomhachd laghail ceist an robh tràilleachd laghail fo lagh Bhreatainn:

  • Breith-cùirte Somerset, 1772. Chuir an co-dhùnadh seo bhon chùirt dìon air còraichean Afraganach fo thràilleachd gun a bhith air a chur gu planntachas an aghaidh a thoil.
  • Knight vs Wedderburn, 1774. Dh'ainmich a' chùis seo nach robh tràilleachd a' tighinn a rèir lagh Alba.

Chruinnich daoine a bha airson cur às do thràilleachd mar Thomas Clarksonfianais air cho borb 's a bha a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Chaidh teisteanasan agus cunntasanfhoillseachadh a chuidich gus beachd a' phobaill a thionndadh an aghaidh na malairt ann an daoine fo thràilleachd:

  • Dh'fhoillsich John Newton cunntas air a bhith na chaiptean air bàta tràilleachd, 1787
  • Dh'fhoillsich Olaudah Equiano cunntas mu dheidhinn a bhith fo thràilleachd, 1789

Chaidh iomairtean poblach a chur air dòigh airson casg air tràilleachd a bhrosnachadh:

  • boycott siùcair air siùcar a chaidh a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd, 1791
  • iomairt nàiseanta a' sgrìobhadh athchuingean airson cuideam a chur air a' Phàrlamaid agus air BP, 1780an gu na 1790an
Back to top

Ionnsaich barrachd

Dùbhlain laghail an aghaidh tràilleachd

B' e aon dhe na dòighean a chleachd an gluasad airson cur às do thràilleachd ceist a chur ann an laghaileachd na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

Bha Granville Sharp am measg a' chiad fheadhainn a bha airson cur às do thràilleachd agus an sàs ann an iomadh cùis an aghaidh laghaileachd tràilleachd.

Bha dà chùis-lagha ainmeil ann a shoirbhich ann a bhith taiceil do chòraichean Afraganaich a bha roimhe nan daoine fo thràilleachd agus a bha a' fuireach ann am Breatainn.

  • Breith-cùirte Somerset, 1772
  • Knight vs Wedderburn, 1774
Back to top

Granville Sharp (1735-1813)

B' e seirbheiseach catharra a bh' ann an Granville Sharp a thog ùidh a bhith ag iomairt an aghaidh tràilleachd ann an 1765.

Bha e air caraid a dhèanamh de Jonathan Strong, Afraganach fo thràilleachd a bha air a dhroch chuipeadh le mhaighstir.

Nuair a dh'fheuch am fear-seilbh leis an do chleachd Strong a bhith ri a reic air ais a-steach a thràilleachd anns a' Charibbean, thog Sharp cùis shoirbheachail le Mèar Lunnainn agus chaidh Strong a shaoradh.

Chuir Sharp an uair sin seachad a thìde a’ cur riaghailt dheimhinnte, laghail air adhart air am b’ urrainn toirt air neach fo thràilleachd Breatainn fhàgail an aghaidh a thoil.

Ann an 1772, bha e an sàs ann an cùis chudromach eile co-cheangailte ri neach Afraganach fo thràilleachd ann am Breatainn.

Back to top

Dè bh' ann am Breith-cùirte Somerset, 1772?

Dealbh a' sealltainn Granville Sharp a' dìon Jonathan Strong, 1767Image source, ALAMY
Image caption,
Chaidh Jonathan Strong, Afraganach fo thràilleachd a bha air a leòn agus a chaidh a thrèigsinn, a ghlacadh air sràid ann an Lunnainn le dùil gun deigheadh a reic ri luchd-seilbh phlanntachasan ann am Barbados. Chuir Sharp cùis lagha air dòigh a' dìon Strong.

B' e Afraganach fo thràilleachd a chaidh a cheannach ann an Ameireaga agus a thoirt a Bhreatainn le Charles Stewart a bh' ann an James Somerset. Theich Somerset às dèidh do Stewart feuchainn ri reic ri planntachas ann an Iameuga.

Anns a' chùirt-lagha a lean, thuirt am britheamh nach b' urrainn do luchd-seilbh dhaoine fo thràilleachd, gu laghail, toirt air daoine fo thràilleachd tilleadh dha na colonaidhean an aghaidh an toil aon uair 's gun robh iad ann am Breatainn.

B' e seo Breith-cùirte Somerset. Bha e air a mheas mar an nì a chuir às do thràilleachd taobh a-staigh Bhreatainn.

Dealbh a' sealltainn Granville Sharp a' dìon Jonathan Strong, 1767Image source, ALAMY
Image caption,
Chaidh Jonathan Strong, Afraganach fo thràilleachd a bha air a leòn agus a chaidh a thrèigsinn, a ghlacadh air sràid ann an Lunnainn le dùil gun deigheadh a reic ri luchd-seilbh phlanntachasan ann am Barbados. Chuir Sharp cùis lagha air dòigh a' dìon Strong.
Back to top

Dè bh' ann an cùis Knight vs Wedderburn 1774?

Ann an 1774, chaidh còmhstri eadar Afraganach fo thràilleachd ris an cante Joseph Knight, agus an t-Albannach a bh' air a cheannach, John Wedderburn, a thoirt dhan chùirt. Bha Knight air seirbheis Wedderburn fhàgail, agus dh'fheuch Wedderburn ris an lagh a chleachdadh airson toirt air tilleadh.

Ann am breith-cùirte cudromach, thuirt Cùirt an t-Seisein – a' chùirt as àirde ann an Dùn Èideann – nach robh tràilleachd a' tighinn a rèir lagh na h-Alba. Bha Knight, ann an sùilean na h-Alba, saor.

Back to top

A' cruinneachadh fianais air borbachd tràilleachd

Bha cruinneachadh fianais airson taic a thoirt do chunntasan nan daoine a bha airson cur às do thràilleachd leis cho borb 's cho an-iochdmhor 's a bha a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd na phàirt dheatamach dhen iomairt.

  • fianais fhiosaigeach - mar na glasan-làimhe a bha a' ceangal Afraganaich fo thràilleachd, agus na h-innealan a bha air a chleachdadh airson am pianadh agus am peanasachadh
  • fianais teisteanais - cunntasan agus aithrisean bho Afraganaich a chleachd a bhith fo thràilleachd agus cuideachd bho dhaoine a bha air a bhith an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd

Thomas Clarkson (1760-1846)

Bonn-cuimhne a' Chomainn airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a chur an Gnìomh le "Am I not a man and a brother?" sgrìobhte airImage source, ALAMY
Image caption,
Bonn-cuimhne a' Chomainn airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a chur an Gnìomh le "Am I not a man and a brother?" sgrìobhte air.

Ann an 1779 aig Oilthigh Chambridge, bhuannaich Thomas Clarkson farpais airson aiste a sgrìobhadh nuair a sgrìobh e air an robh e laghail daoine a chur fo thràilleachd an aghaidh an toil. Dh'fhoillsich e an aiste ann an 1786, a' toirt aire dhaoine gu cuspair na tràilleachd.

Ann an 1787, stèidhich Thomas Clarkson, Granville Sharp agus deichnear eile an Comann airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd. Chuidich an comann le ìmpidh a chur air a' BhP William Wilberforce taic a chur ri casg air tràilleachd.

B' e an obair aig Clarkson fiosrachadh agus fianais a chruinneachadh dhan chomataidh airson a chur air beulaibh na pàrlamaid agus a' phobaill.

Gu dìcheallach chuir e seachad a chuid ùine a' siubhal air feadh Bhreatainn, gu h-àraidh puirt Liverpool is Bristol, a' cruinneachadh fianais-sùla bho sheòladairean mu uabhasan na malairt ann an daoine fo thràilleachd.

Chruinnich e cuideachd fianais fhiosaigeach bho nithean co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd:

  • glasan-làimhe
  • cuipean
  • iarainn bhrandaidh
  • glasan-mheur
Bonn-cuimhne a' Chomainn airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a chur an Gnìomh le "Am I not a man and a brother?" sgrìobhte airImage source, ALAMY
Image caption,
Bonn-cuimhne a' Chomainn airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a chur an Gnìomh le "Am I not a man and a brother?" sgrìobhte air.
Back to top

A' foillseachadh theisteanasan dhaoine Afraganach fo thràilleachd

B' e teisteanasan dhaoine le fèin-eòlas air uabhasan na malairt ann an daoine fo thràilleachd cuid dhe na taobhan a bu chumhachdaiche agus a b' èifeachdaiche dhen ghluasad airson cur às do thràilleachd.

Nuair a chaidh am foillseachadh, chuidich na cunntasan aca ann a bhith ag oideachadh an t-sluaigh san fharsaingeachd agus ann a bhith a' tionndadh beachd a' phobaill an aghaidh na malairt.

Back to top

Olaudah Equiano (1745-1797)

Clàr-aghaidh fèin-eachdraidh Olaudah Equiano bho 1789Image source, ALAMY
Image caption,
Clàr-aghaidh fèin-eachdraidh Olaudah Equiano bho 1789.

Rinn daoine Afraganach a bha roimhe fo thràilleachd, mar Olaudah Equiano, cuideachd strì airson cur às do thràilleachd.

Bha Equiano na bhall ainmeil de 'Sons of Africa', buidheann de 12 duine dubh a bha ag iomairt airson cur às do thràilleachd.

Ann an 1789, dh'fhoillsich e eachdraidh a bheatha, The Interesting Narrative of the Life of Olaudah Equiano.

Chòrd e gu mòr ri daoine, a' cuideachadh a' ghluasaid airson cur às do thràilleachd agus rinn e duine beairteach de Equiano. Seo fear na leabhraichean as tràithe a chaidh fhoillseachadh le sgrìobhadair dubh, Afraganach.

Leis mar a shoirbhich leis an leabhar, bha daoine Afraganach eile a bha roimhe fo thràilleachd air am misneachadh gu bhith a' sgrìobhadh agus a' foillseachadh nan stòiridhean aca.

Clàr-aghaidh fèin-eachdraidh Olaudah Equiano bho 1789Image source, ALAMY
Image caption,
Clàr-aghaidh fèin-eachdraidh Olaudah Equiano bho 1789.
Back to top

John Newton (1725-1807)

B' e ministear eaglais Anglican, agus fear a bha roimhe na sgiobair air bàta tràilleachd, a bh' ann an John Newton. Sgrìobh e an laoidh Amazing Grace, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1779.

Thug e ùine mhòr mus do bhruidhinn e a-mach mun mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, ach nuair a rinn e sin, thug e buaidh air iomadh Crìosdaidh òg soisgeulach.

Thòisich Newton a' gabhail aithreachas mòr gun robh e an sàs anns a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Ann an 1787, sgrìobh e artaigil air an robh Thoughts upon the African Slave Trade a thug taic dhan iomairt airson cur às do thràilleachd.

Thug am pàipear cunntas grafaigeach air uabhas na malairt ann an daoine fo thràilleachd agus an ceangal a bh' aigesan ris a' mhalairt, agus thug e buaidh mhòr air daoine. Chaidh copaidh dhen bhileig a chur chun a h-uile BP.

Back to top

Iomairtean poblach airson cur às do thràilleachd

Bha iomairtean poblach agus fianais dhùbhlain glè chudromach ann a bhith a' faighinn taic a' phobaill airson feuchainn ri stad a chur air a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

Boycottan siùcair, 1791-1792

Bobhla siùcair seo bho Chompanaidh nan Innseachan an Ear bho 1820 a' sanasachd nach deach an siùcar a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachdImage source, Simon Leigh/ALAMY
Image caption,
Bha luchd-dèanaimh siùcair a bha ann am farpais ri planntachasan a' Charibbean a' coimhead ri prothaid a dhèanamh às a' mhì-thlachd a bha a' dol am meud mun mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd. Tha am bobhla siùcair seo bho Chompanaidh nan Innseachan an Ear bho 1820 a' sanasachd nach deach an siùcar a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd.

Cha b' e dìreach fireannaich a bha a' gabhail prìomhachas sa ghluasad airson cur às do thràilleachd aig an àm seo: bha pàirt chudromach aig boireannaich cuideachd.

Deireadh nan 1700an, thòisich boycott siùcair ann am Breatainn mar fhianais dhùbhlain an aghaidh na malairt ann an daoine fo thràilleachd. Bha an fhianais dhùbhlain gu mòr air a cur air dòigh agus air a cur an gnìomh le boireannaich, agus bha iad ag amas air milleadh a dhèanamh air prothaidean a rinn planntachasan siùcair a bha a' cleachdadh luchd-obrach fo thràilleachd.

Bhathar a' meas gun do ghabh còrr is 300,000 neach pàirt anns an fhianais dhùbhlain an aghaidh an t-siùcair. Mhill seo prothaidean nam planntachasan, ach cuideachd cha robh siùcar air a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd a-nis cho tarraingeach do dhaoine beairteach a' mheadhan-chlas a bha na bu dualtaich siùcar a cheannach.

Shoirbhich gu mòr le companaidhean siùcair nach robh a' reic siùcar air a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd. Bha Companaidh nan Innseachan an Ear a' faighinn siùcar às na h-Innseachan agus bha iad gu math moiteil a' sanasachd nach tàinig e bho luchd-obrach fo thràilleachd.

Bobhla siùcair seo bho Chompanaidh nan Innseachan an Ear bho 1820 a' sanasachd nach deach an siùcar a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachdImage source, Simon Leigh/ALAMY
Image caption,
Bha luchd-dèanaimh siùcair a bha ann am farpais ri planntachasan a' Charibbean a' coimhead ri prothaid a dhèanamh às a' mhì-thlachd a bha a' dol am meud mun mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd. Tha am bobhla siùcair seo bho Chompanaidh nan Innseachan an Ear bho 1820 a' sanasachd nach deach an siùcar a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd.

Tagraidhean an aghaidh tràilleachd

Ann an 1788, chuir an Comann airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a chur an Gnìomh (Society for Effecting the Abolition of the Slave Trade) air dòigh iomairt air feadh na rìoghachd airson aire a thogail mu olc na malairt ann an daoine fo thràilleachd. Chuir iad ìmpidh air daoine a bha taiceil dhan adhbhar aca sgrìobhadh gu na BP aca agus tagradh a chur chun an riaghaltais gus stad a chur air a' mhalairt.

Às dèidh na h-iomairt, chaidh còrr is 100 athchuinge a thoirt dhan phàrlamaid taobh a-staigh trì mìosan.

Ann an 1792, chaidh còrr is 500 athchuinge air an soidhnigeadh leis na mìltean dhaoine a thoirt dhan phàrlamaid ag iarraidh cur às dhan mhalairt.

Back to top

Clachan-mìle cudromach ann a bhith a' cur às do thràilleachd

Cùis an Zong, 1781

B' e bàta air an robh cus dhaoine a bh' anns an Zong a bha a' giùlain Afraganaich fo thràilleachd a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas ann an 1781.

Ri linn a dhol far a cùrsa, b' fheudar dhan bhàta trì seachdainean a bharrachd a chur seachad aig muir.

Le uisge agus bathar gus teireachdainn, mhurt an criutha 132 Afraganaich fo thràilleachd le bhith dhan cur thar cliathaich a' bhàta.

Chaidh a' chùis a chleachdadh le daoine a bha airson cur às do thràilleachd, leithid Thomas Clarkson, gus fìor bhrùidealachd an luchd-malairt ann an daoine fo thràilleachd a shònrachadh.

Back to top

Oidhirpean air toirt air a' phàrlamaid cur às do thràilleachd

Ann an 1789, thug an Comann airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd air a' BhP William Wilberforce an riochdachadh anns a' Phàrlamaid.

Chruinnich Thomas Clarkson fiosrachadh dhan chomataidh a chuireadh iad air beulaibh na Pàrlamaid agus a' phobaill.

Shiubhail e air feadh Bhreatainn, a' tadhal air puirt Liverpool is Bhristol, a' cruinneachadh fianais mu mhalairt ann an daoine fo thràilleachd bho fhianaisean-sùla, nam measg seòladairean a bha air a bhith ag obair air bàtaichean a bha a' malairt ann an daoine fo thràilleachd.

Back to top

Achd gus Cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd, 1807

Às dèidh còrr is fichead bliadhna de dh'iomairt, chaidh an Achd gus Cur às do Mhalairt nan Daoine fo Thràilleachd a chur an gnìomh le Pàrlamaid Bhreatainn ann an 1807. Rinn an achd ceannach agus reic dhaoine fo thràilleachd air feadh cholonaidhean Bhreatainn mì-laghail.

Ach ged a chuir an achd às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, cha do chuir i crìoch air cleachdadh luchd-obrach fo thràilleachd air feadh Ìmpireachd Bhreatainn. Dh'fhaodadh luchd-seilbh phlanntachasan fhathast an luchd-obrach fo thràilleachd a bh' aca mar-thà a chleachdadh.

Bha seo a' ciallachadh gun robh cuid de dhaoine anns a' Charibbean, agus ann an àiteachan eile de dh'Ìmpireachd Bhreatainn, fhathast fo thràilleachd.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Chleachd an gluasad airson cur às do thràilleachd iomadh ro-innleachd anns an t-strì aca gus stad a chur air tràilleachd.

Cùis-lagha:

  • Breith-cùirte Somerset, 1772. Thug an co-dhùnadh cùirte seo dìon do chòraichean neach Afraganach fo thràilleachd gun a bhith air a chur thar chuan gu planntachas an aghaidh a thoil.
  • Knight vs Wedderburn, 1774. Thuirt a' chùis seo nach robh tràilleachd a rèir lagh na h-Alba.

Cruinneachadh fianais:

  • Chruinnich Thomas Clarkson fianais air borbachd na malairt ann an daoine fo thràilleachd

Foillseachadh fianais:

  • Dh'fhoillsich John Newton a chunntas air a bhith na chaiptean air bàta tràilleachd, 1787
  • Dh'fhoillsich Olaudah Equiano a chunntas air a bhith fo thràilleachd, 1789

Iomairtean poblach:

  • boycott siùcair air siùcar a chaidh a dhèanamh le daoine fo thràilleachd, 1791
  • iomairtean sgrìobhadh-thagraidhean nàiseanta airson cuideam a chur air a' phàrlamaid agus air Buill Pàrlamaid, 1780an-1790an
Back to top

More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Find out more by working through a topic