Tar-shealladh dhen mhalairt thriantanaich

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Tar-shealladh dhen mhalairt thriantanaich

'S e a' mhalairt thriantanach a' chiad earrann dhen topaig A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd (1770-1807) ann an Eachdraidh Nàiseanta 5.

Tha e a' gabhail a-steach:

  • nàdar na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd agus mar a bha i air a cur air dòigh
  • a bhuaidh air puirt Bhreatannach
  • a bhuaidh air comainn-shòisealta Afraganach, mar eisimpleir Ashanti, agus planntachasan anns a' Charibbean
  • 'factaraidhean' dhaoine fo thràilleachd air costa Afraga
  • cosgaisean agus suidheachadh na 'Cùrsa Mheadhain'

Thoir sùil tron tar-shealladh seo airson iùl luath dha na h-earrannan sin, no airson ath-sgrùdadh air na dh’ionnsaich thu mar-thà.

Cliog air na ceangalan agus faigh fiosrachadh nas mionaidiche air gach earrann.

Back to top

Bhidio - A' mhalairt thriantanach

Dh'fhàs mòran luchd-malairt Eòrpach glè bheairteach air sgàth malairt an Atlantaig ann an Afraganaich fo thràilleachd. Faigh a-mach barrachd mu na slighean malairt anns an fhilm ghoirid seo.

Back to top

Rianachd agus nàdar na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Chaidh luchd-malairt Breatannach an sàs gu foirmeil ann am malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd air sgàth 's an Asiento – a' chòir 144,000 Afraganach a reic airson tràilleachd gach bliadhna ann an tìrean fo riaghladh Spàinnteach ann an Ameireaga a Deas.

Bha luchd-malairt Breatannach a' cleachdadh turas trì ìrean thar an Atlantaig agus b' e seo a' mhalairt thriantanach.

  • Ìre 1: Cùrsa a' Bhathair Dhèante. A' malairt bathar air a dhèanamh ann am Breatainn leithid clòimh agus gunnaichean ann an Afraga. Bhiodh an luchd-malairt a' ceannach Afraganaich fo thràilleachd leis an airgead a thigeadh bho na chaidh a reic.
  • Ìre 2: an Cùrsa Meadhain. Bhiodh Afraganaich fo thràilleachd air an toirt thar an Atlantaig a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas. Dheigheadh an reic air prothaid mhòr airson obrachadh air planntachasan.
  • Ìre 3: Cùrsa na Dachaigh. Bhiodh an luchd-malairt a' ceannach bathar air a dhèanamh le daoine fo thràilleachd leithid siùcar, ruma, cotan agus tombaca. Bha iad sin air an reic anns an Roinn Eòrpa agus a' cruthachadh beairteas mòr.
Peann soillseachaidh agus duilleag de sgrìobhadh le earrannan air an soillseachadh
Back to top

Buaidh na malairt thriantanaich air puirt Bhreatannach

Bha puirt Bhreatainn uabhasach cudromach ann an leasachadh na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

  • Bha puirt Lunnainn a' làimhseachadh steach-bhathar siùcair bho phlanntachasan a' Charibbean.
  • Rinn ionadan ionmhais agus bancaichean Lunnainn airgead bho bhith a' maoineachadh agus a' toirt àrachas do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Bha smachd aig Glaschu air 50% de mhalairt an tombaca san Roinn Eòrpa.
  • Thàinig bathar a bha ri mhalairt airson Afraganaich fo thràilleachd bho ghnìomhachasan Bhristol. Bha e cuideachd na phort cudromach siùcair.
  • Ghiùlain marsantan Liverpool barrachd Afraganaich fo thràilleachd na port sam bith eile ann am Breatainn – mu 60% dhen mhalairt.

A bharrachd air a bhith a' giùlan Afraganaich fo thràilleachd, fhuair puirt Bhreatainn buannachd bhon mhalairt ann an dòighean eile. Bha mòran phuirt a' toirt a-steach agus a' malairt bathar a chaidh a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd.

Back to top

Buaidh air comainn-shòisealta agus planntachasan anns a' Charibbean

  • bha malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd a' dol air adhart ann an Afraga mus tàinig na h-Eòrpaich ach cha robh e air mòr-sgèile
  • thionndaidh iarraidh Eòrpach air luchd-obrach fo thràilleachd a' mhalairt gu bhith na ghnìomhachas mòr
  • bha a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd prothaideach dha na h-Eòrpaich agus do chuid de riaghladairean agus do mharsantan Afraganach

Bha call mòr air beatha dhaoine anns a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd:

  • chaidh 12 millean Afraganach a thoirt dhan t-Saoghal Ùr mar dhaoine fo thràilleachd
  • bhàsaich 6 millean Afraganach fo bhruid agus air bòrd bàtaichean tràilleachd

Bha buaidh chultarail agus shòisealta na b' fharsainge air Afraga:

  • call eòlais agus eachdraidh a bha a' dol bho ghinealach gu ginealach
  • call thuathanaich, fogharadh na bu bhochda agus dìth leasachaidh ann an àiteachas
  • bha barrachd bheachdan tàrmasach agus gràin-chinnidheach Eòrpach a' nochdadh mu Afraga agus Afraganaich
Bolgan-solais laiste
Back to top

'Factaraidhean' dhaoine fo thràilleachd air costa Afraga

  • Bha tràilleachd ann an comainn-shòisealta Afraganach mus tàinig luchd-malairt Eòrpach.
  • Thug a' mhalairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd fàs air tràilleachd Afraganach.

Air sgàth 's iarraidh mhòr airson luchd-obrach fo thràilleachd a dh'obraicheadh air planntachasan a' Charibbean agus Ameireaga, stèidhich luchd-malairt Eòrpach ionadan maireannach ann an Afraga an Iar. B' iad sin daingneachan dhaoine fo thràilleachd.

  • Chaidh na milleanan de dh'Afraganaich a ghlacadh agus a reic tro na daingneachan dhaoine fo thràilleachd Eòrpach sin.
  • Bhàsaich na milleanan de dh'Afraganaich fo thràilleachd ann am bruid no air bòrd bhàtaichean tràilleachd air an turas dhan t-Saoghal Ùr.

Dh'atharraich comainn-shòisealta ann an Afraga an Iar air sgàth na malairt ann an daoine fo thràilleachd. Rinn an t-airgead mòr a bha ri dhèanamh à malairt ris na h-Eòrpaich tràilleachd na phrìomh ghnìomhachas do chuid de sgìrean ann an Afraga an Iar.

Bha cogadh cumanta eadar sgìrean Afraganach agus bha prìosanaich cogaidh air an reic ri luchd-malairt Eòrpach.

Faigh a-mach fiosrachadh nas mionaidiche mu 'fhactaraidhean' dhaoine fo thràilleachd air costa Afraga.

Back to top

Cosgaisean agus suidheachadh air a' 'Chùrsa Mheadhain'

B' e an Cùrsa Meadhain a' phàirt dhen Mhalairt Thriantanaich air am biodh daoine glacte Afraganach air an toirt bho Thaobh an Iar Afraga dhan Charibbean agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Bha dà dhòigh ann air daoine glacte a ghiùlan. Bha na dhà ag amas air an ìre as motha de phrothaid.

dòighcunntasbuil
luchdachadh dlùthuiread 's a ghabhadh de dhaoine glacte air an dinneadh air bòrdbhàsaicheadh mòran ach bha luchd-malairt an dòchas gum biodh gu leòr beò airson prothaid mòr a dhèanamh
luchdachadh sgaoiltecha robh uiread de dhaoine glacte air bòrd agus bha barrachd rùm acabhiodh barrachd beò, agus mar sin bhiodh na prothaidean fhathast mòr

An suidheachadh air bòrd

  • Bha fireannaich air an cumail ann an sèinichean ann an toll carago dorcha gun mòran rùm ann
  • Bha boireannaich agus clann air an cumail air leth - uaireannan air an deic gun mòran fasgaidh
  • Bha am biadh gann agus cha robh beathachadh ann - dh'fhàs daoine glacte lag no tinn
  • Bha biadh agus uisge air an gànrachadh le sgudal dhaoine
  • Dh'adhbharaich dìth slàintealachd, cus dhaoine agus èadharachadh truaghgalar agus tinneas
  • Bha daoine glacte buailteach dha ainneart, pianadh agus dubh-shaothrachadh gnèitheasach

Aghaidheachd

Bhiodh daoine glacte uaireannan a' diùltadh biadh, a' diùltadh eacarsaich, a' leum far a' bhàta no a' planadh ionnsaigh airson smachd fhaighinn air a' chriutha no am marbhadh.

Bha daoine a dh'fheuchadh air aghaidheachd, no seasamh an aghaidh chùisean, air am peanasachadh le cuipeadh no pianadh eile no air am marbhadh.

Thathar a' meas gun do bhàsaich 15% de dhaoine glacte Afraganach air a' Chùrsa Mheadhain.

Ann an 1781, shad criutha bàta tràilleachd, an Zong, 132 neach glacte Afraganach dhan mhuir airson uisge òil a ghleidheadh agus gus stad a chur air ar-a-mach. Dh'fheuch luchd-seilbh a' bhàta ri airgead-dìolaidh fhaighinn air sgàth 's gun do chaill iad an carago. Chuir a' chùis spionnadh ris an iomairt airson cur às do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Atharrachadh san t-suidheachadh

Chaidh Achd Malairt nan Daoine fo Thràilleachd, 1788 (ris an cante Achd Dholben) a chur an gnìomh airson an suidheachadh air bòrd bhàtaichean tràilleachd a leasachadh:

  • chaidh bacadh air an àireimh dhaoine glacte a bhiodh air an giùlan a stèidheachadh
  • dh'fheumadh lannsair/dotair a bhith air a h-uile bàta
  • bha pàigheadh lannsair a rèir àireimh nan daoine glacte a mhaireadh beò

Faigh a-mach fiosrachadh nas mionaidiche mu na cosgaisean agus an suidheachadh air a' 'Chùrsa Mheadhain'.

Back to top