Dè bh' ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd ann an Afraga an Iar?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Dè bh' ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd?

Daingneach Metal Cross, GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
Daingneach Metal Cross ann an Ghana a bha air a cleachdadh airson Afraganaich fo thràilleachd a chumail mus deigheadh an toirt a dh'Ameireaga a Deas agus Tuath.
Back to top

Dreach luath

Thòisich cumhachdan Eòrpach a' malairt airson òr agus bathar eile ann an Afraga an Iar bhon 15mh Linn.

Le mar a bha cumhachdan farpaiseach Eòrpach a' strì airson smachd air malairt, leudaich ionadan-malairt gu bhith nan daingneachan fo dhìon.

Mar a leasaich malairt ann an daoine fo thràilleachd, bha daingneachan air an cleachdadh airson daoine glacte a chumail gus an deigheadh an reic ri bàtaichean a bha a' dol seachad.

Bha an suidheachadh ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd dìreach uabhasach:

  • bha daoine glacte air am brandadh mar chuid-seilbh
  • bha fireannaich agus boireannaich air an sgaradh agus air an cumail ann an suidheachadh dorcha, salach gun shlàinteachas
  • cha robh iad a' faighinn ach beagan bìdh airson an cumail ceannsaichte
  • bhàsaich mòran fo bhuaidh ghalaran ùra agus droch làimhseachadh
  • bha oidhirpean air seasamh an aghaidh chùisean a' faighinn peanas brùideil no bàs

Bha cuid de dhaoine air an cumail ann an daingneachan fad mhìosan mus deigheadh an cur air bàtaichean agus an cur a dh'Ameireaga a Tuath no Deas.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Ciamar a thòisich malairt na Roinn Eòrpa ri Afraga an Iar?

Infografaig a' sealltainn slighean malairt eadar Afraga, an Roinn Eòrpa agus an Caribbean
Dealbh de Chaisteal ElminaImage source, ALAMY
Image caption,
Chaidh Caisteal Elmina a thogail air a' chosta ris an canar Ghana an-diugh mar ionad-malairt daingnichte le luchd-malairt à Portagail ann an 1482. B' e a' chiad ionad-malairt san sgìre sin de dh'Afraga.

An toiseach, cha robh malairt na Roinn Eòrpa ri Afraga gu sònraichte ann an daoine fo thràilleachd.

Anns a' 15mh Linn, thòisich Portagail air malairt ri Afraga an Iar. Thòisich luchd-malairt à Portagail a' ceannach òr bho chomainn Afraganach air a' chosta a dh'fhàs aithnichte mar Costa an Òir.

Thog iad daingneachan mar São Jorge da Mina ('Naomh Seòras na Mèinn'), no Elmina, às dèidh seo, mar ionadan-malairt. Bha na structaran daingnichte seo air an dealbh gus neart a shealltainn agus gus smachd a chumail air malairt. Bha stòran mòra annta far an robh bathar air a chumail.

Mun t-17mh Linn, bha cumhachdan Eòrpach eile, mar na Duitsich, na Frangaich agus na Breatannaich a' leasachadh cheangalan malairt ri comainn-shòisealta Afraganach. A bharrachd air òr, meatailtean eile agus fiodh, thòisich iad ri malairt bathar airson daoine glacte a bha air an toirt a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas nan daoine fo thràilleachd.

Dealbh de Chaisteal ElminaImage source, ALAMY
Image caption,
Chaidh Caisteal Elmina a thogail air a' chosta ris an canar Ghana an-diugh mar ionad-malairt daingnichte le luchd-malairt à Portagail ann an 1482. B' e a' chiad ionad-malairt san sgìre sin de dh'Afraga.
Back to top

Ciamar a dh'fhàs daingneachan dhaoine fo thràilleachd?

Caisteal Cladach a' Cheap ann an GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
B' e daingneach dhaoine fo thràilleachd a bh' ann an Caisteal Cladach a' Cheap ann an Ghana. Bha pàirt mhòr aige ann an glacadh agus giùlan Afraganaich fo thràilleachd.

Thug malairt phrothaideach ann an Afraga an Iar air Eòrpaich campaichean malairt maireannach, no daingneachan, a stèidheachadh air costa Afraga an Iar le cead bho na ceannardan ionadail Afraganach.

Bha na h-ionadan-malairt sin ag obrachadh mar bhailtean beaga le sgìrean taigheadais anns am fuiricheadh na h-Eòrpaich, agus taighean-stòir air an deagh dhìon far an robh am bathar a bha iad a' malairt air a stòradh.

Thug an fharpais airson malairt eadar cumhachdan co-fharpaiseach Eòrpach atharraichean air na tuineachaidhean sin:

  • chaidh na daingneachan a bh' ann a leudachadh
  • chaidh daingneachan na bu mhotha agus na bu làidire a thogail
  • bha iad sin air an dìon le ballachan tiugh agus canain a bha ag amas air a' mhuir airson stad a chur air ionnsaighean bho bhàtaichean creachaidh no spùinneadairean
  • bhiodh daoine a' sabaid mu na daingneachan agus dh'atharraich an luchd-seilbh iomadh turas

Mar eisimpleir:

  • ghabh na Duitsich smachd air Elmina
  • chaidh Caisteal Cladach a' Cheap ann an Ghana an latha an-diugh a thogail le marsantan Suaineach am meadhan nan 1600an. Chaidh a ghlacadh an uair sin leis na Dànaich, agus an uair sin leis na Sasannaich ann an 1662

Nuair a fhuair ceannach agus reic dhaoine fo thràilleachd làmh-an-uachdair sa mhalairt Afraganach, chaidh na rumannan stòraidh a chur gu feum mar thollan-dubha anns an robh daoine air an cumail nam prìosanaich.

Caisteal Cladach a' Cheap ann an GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
B' e daingneach dhaoine fo thràilleachd a bh' ann an Caisteal Cladach a' Cheap ann an Ghana. Bha pàirt mhòr aige ann an glacadh agus giùlan Afraganaich fo thràilleachd.
Back to top

Daoine fo thràilleachd a' ruighinn daingneach – dè thachradh dhaibh?

Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd ann an sèinicheanImage source, ALAMY
Image caption,
Tha an dealbh seo, a tha a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd ann an sèinichean, bho thaisbeanadh aig daingneach nan daoine fo thràilleachd aig Fort Elmina air Cladach a' Cheap, Ghana.

An toiseach bha a' chuid bu mhotha de dh'Afraganaich a chaidh a ghlacadh airson an reic ri luchd-malairt dhaoine fo thràilleachd bho sgìrean costail air taobh an iar Afraga.

An dèidh seo, nuair a chrìon an àireamh-sluaigh anns na sgìrean costail, b' fheudar do luchd-ceannach dhaoine fo thràilleachd gluasad nas fhaide a-steach dhan tìr airson Afraganaich a ghlacadh.

Bha aig na daoine glacte sin ri mèarrsadh fhada fhulang air ais chun a' chosta mus deigheadh an cur dhan phrìosan ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd. Glè thric bha iad air an ceangal còmhla le sèine ann am buidhnean ris an cante coffles.

Nuair a ruigeadh iad daingneachan nan daoine fo thràilleachd, bha na h-Afraganaich ghlacte air an cur an òrdugh:

  • bha fireannaich is boireannaich air an sgaradh
  • bha teaghlaichean air an sgaradh
  • bha lannsair a sgrùdadh nam prìosanaich
  • bha na daoine a b' fhallaine air an taghadh agus air an ceannach
  • bha daoine glacte a bha fallain air am brandadh air am broilleach le iarann teth – bha seo ag amas air stad a chur air luchd-malairt Afraganach bho bhith a' cur phrìosanaich thinn an àite dhaoine fallain fo thràilleachd a bha air an ceannach
  • bha prìosanaich an uair sin air an toirt a chealla gleidhidh (glè thric tollan-dubha) airson feitheamh gus an tigeadh bàtaichean Eòrpach do dhaoine fo thràilleachd
Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd ann an sèinicheanImage source, ALAMY
Image caption,
Tha an dealbh seo, a tha a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd ann an sèinichean, bho thaisbeanadh aig daingneach nan daoine fo thràilleachd aig Fort Elmina air Cladach a' Cheap, Ghana.
Back to top

Cò ris a bha cùisean coltach an daingneach dhaoine fo thràilleachd?

Tollan-dubha ann an Caisteal Elmina, GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
Na tollan-dubha ann an Caisteal Elmina, Ghana. Bhiodh Afraganaich fo thràilleachd air an cumail ann an tollan-dubha.

Bha an suidheachadh ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd gràineil:

  • bha daoine fo thràilleachd a' fuireach ann an tollan-dubha gun mòran rùm agus gun mòran èadhair agus gun mòran àite sìnidh
  • bha am biadh truagh agus bha daoine fo thràilleachd air an cumail leis an acras airson gum biodh iad lag agus umhail
  • cha robh slàinteachas idir ann agus bha tinneas agus galaran cumanta
  • bha an suidheachadh truagh seo ag adhbharachadh bàsan bho thinneasan tropaigeach leithid agus am
  • cha robh mòran seasamh aig daoine glacte Afraganach ri tinneasan Eòrpach ris nach robh iad air coinneachadh roimhe agus bhàsaich mòran leis na tinneasan sin
It must not be concluded that the slaves were unaffected by the local disease environment. Not only did they fall victim to their indigenous diseases but they were infected by the new ones brought by the Europeans.
– 'General History of the Caribbean, Volume III: The slave societies of the Caribbean', deasaiche Franklin W. Knight

Bha an suidheachadh aig na h-Eòrpaich anns na daingneachan gu math na b' fheàrr. Bha gàrraidhean aig cuid dhe na daingneachan far an robh measan agus lusan a' fàs, agus bha goireasan eile ann mar eaglaisean.

Ach bha h-Eòrpaich fosgailte do ghalaran ùra ris nach robh mòran no seasamh idir aca:

Between 1684 and 1732, for example, the average annual death toll for men in the [Royal Africa] Company's service on the Gold Coast was 27%.
– 'General History of the Caribbean, Volume III: The slave societies of the Caribbean', deasaiche Franklin W. Knight
Tollan-dubha ann an Caisteal Elmina, GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
Na tollan-dubha ann an Caisteal Elmina, Ghana. Bhiodh Afraganaich fo thràilleachd air an cumail ann an tollan-dubha.

Droch-dhìol agus peanas ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd

Bha ainneart agus droch-dhìol cumanta ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd.

  • bha Afraganaich glacte air an cuipeadh agus air am pronnadh airson rudan a dhèanadh iad ceàrr
  • bha ionnsaighean drabasta agus èigneachadh ro bhoireannaich is ro nigheanan glacte
  • bha daoine air an cur a cheallan peanasachaidh airson seasamh an aghaidh chùisean – agus ann am fìor dhroch shuidheachaidhean chan fhaigheadh iad biadh no uisge agus dheigheadh am fàgail gus am bàsaicheadh iad

Glè thric, bhiodh daoine fo thràilleachd a' fulang anns an t-suidheachadh seo fad mhìosan mus deigheadh an reic ri luchd-malairt Eòrpach dhaoine fo thràilleachd.

Back to top

Ciamar a dh'fhàgadh duine glacte daingneach dhaoine fo thràilleachd?

Dealbh a' sealltainn bàta Portagaileach do dhaoine fo thràilleachd ga luchdachadhImage source, ALAMY
Image caption,
Afraganaich fo thràilleachd gan toirt gu bàta Portagaileach do dhaoine fo thràilleachd. Chaidh na milleanan de dh'Afraganaich fo thràilleachd, a bha air an cumail ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd, a thoirt gu planntachasan ann an Ameireaga a Tuath agus Deas agus anns a' Charibbean. Chan fhaca iad dùthaich am breith gu bràth tuilleadh.

Do dhaoine Afraganach a thigeadh beò à tollan-dubha dhaingneachan nan daoine fo thràilleachd às dèidh mìosan a chur seachad annta, cha robh dòigh aca faighinn às ach a bhith air an reic ri luchd-malairt Eòrpach dhaoine fo thràilleachd.

Bhiodh cuid de luchd-malairt a' siubhal a' chosta, a' stad aig diofar dhaingneachan dhaoine fo thràilleachd a' togail carago de dhaoine glacte gus am biodh luchd slàn aca. Bhiodh cuid eile de luchd-malairt a' togail luchd slàn aig aon daingneach.

Bhiodh daoine fo thràilleachd air an toirt a-mach às an daingneach tro gheata ris an cante 'an doras gun tilleadh' agus air bòrd bhàtaichean a bha gam feitheamh agus a bheireadh iad air falbh à Afraga gu bràth.

An dèidh tighinn beò à suidheachadh gràineil, crampaidh nan tollan-dubha, bha aig na h-Afraganaich fo thràilleachd a bha air an slighe gu planntachasan Ameireaga no a' Charibbean ri seachdainean fhulang ann an tollan carago bhàtaichean tràilleachd. Bhàsaicheadh mòran eile air an t-slighe.

Thathar a' meas gun do bhàsaich mu 6 millean Afraganach an dara cuid fo bhruid ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd no air bòrd bhàtaichean tràilleachd a bha a' dol a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Dealbh a' sealltainn bàta Portagaileach do dhaoine fo thràilleachd ga luchdachadhImage source, ALAMY
Image caption,
Afraganaich fo thràilleachd gan toirt gu bàta Portagaileach do dhaoine fo thràilleachd. Chaidh na milleanan de dh'Afraganaich fo thràilleachd, a bha air an cumail ann an daingneachan dhaoine fo thràilleachd, a thoirt gu planntachasan ann an Ameireaga a Tuath agus Deas agus anns a' Charibbean. Chan fhaca iad dùthaich am breith gu bràth tuilleadh.
Back to top

Dè a' bhuaidh a bha aig daingneachan nan daoine fo thràilleachd?

Caisteal Cladach a' Cheap ann an GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
B' e Caisteal Cladach a' Cheap, air a' chosta ris an can sinn Ghana a-nis, fear dhe na daingneachan dhaoine fo thràilleachd Eòrpach a bu mhotha.

Nuair a stèidhich luchd-malairt Eòrpach ionadan-malairt ann an Afraga an Iar, dh'atharraich seo na slighean malairt a bha ag obrachadh ann an Afraga.

  • dh'atharraich coimears ris an t-saoghal taobh a-muigh Afraga bho bhith air tìr gu bhith aig muir
  • bha bailtean beaga air a' chosta aig an robh iasgach agus dèanamh-salainn mar phrìomh bhathar malairt a-nis nam puirt agus nan ionadan-malairt
  • bha daingneachan dhaoine fo thràilleachd agus a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a-nis nam prìomh theachd-a-steach anns na sgìrean costail

Bha àite aig a' cheann thall aig na h-ionadan maireannach sin – a bha glè thric ag obrachadh còrr air ceud bhliadhna – ann an tuineachadh Eòrpach de phàirtean mòra de dh'Afraga.

Mun àm sin, bha Afraga air a faicinn mar stòr mòr beairteis do nàiseanan Eòrpach agus cudromach a thaobh an soirbheachaidh mar chumhachdan cruinneil.

Caisteal Cladach a' Cheap ann an GhanaImage source, ALAMY
Image caption,
B' e Caisteal Cladach a' Cheap, air a' chosta ris an can sinn Ghana a-nis, fear dhe na daingneachan dhaoine fo thràilleachd Eòrpach a bu mhotha.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

  • Bha tràilleachd ann an comainn-shòisealta Afraganach mus tàinig luchd-malairt Eòrpach.
  • Rinn a' mhalairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd fàs air tràilleachd Afraganach.

Air sgàth 's iarraidh mhòr airson luchd-obrach fo thràilleachd a dh'obraicheadh air planntachasan a' Charibbean agus Ameireaga, stèidhich luchd-malairt Eòrpach ionadan maireannach ann an Afraga an Iar. B' iad sin daingneachan dhaoine fo thràilleachd.

  • Chaidh na milleanan de dh'Afraganaich a ghlacadh agus a reic tro na daingneachan dhaoine fo thràilleachd Eòrpach sin.
  • Bhàsaich na milleanan de dh'Afraganaich fo thràilleachd ann am bruid no air bòrd bhàtaichean tràilleachd air an turas dhan t-Saoghal Ùr.

Dh'atharraich comainn-shòisealta ann an Afraga an Iar air sgàth na malairt ann an daoine fo thràilleachd. Rinn an t-airgead mòr a bha ri dhèanamh à malairt ris na h-Eòrpaich tràilleachd na phrìomh ghnìomhachas do chuid de sgìrean ann an Afraga an Iar.

Bha cogadh cumanta eadar sgìrean Afraganach agus bha prìosanaich cogaidh air an reic ri luchd-malairt Eòrpach.

Back to top

More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Find out more by working through a topic