Tar-shealladh air Breatainn agus an Caribbean

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Tar-shealladh air Breatainn agus an Caribbean

'S e Breatainn agus an Caribbean an dara earrann dhen topaig A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd (1770-1807) ann an Eachdraidh Nàiseanta 5.

Tha e a' gabhail a-steach:

  • cho cudromach 's a bha barran planntachais, gu h-àraidh siùcar
  • buaidh Bhreatainn anns a' Charibbean
  • buaidh malairt a' Charibbean air eaconamaidh Bhreatainn
  • droch bhuaidh na malairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd air leasachadh eileanan a' Charibbean

Thoir sùil tron tar-shealladh seo airson iùl luath dha na h-earrannan sin, no airson ath-sgrùdadh air na dh'ionnsaich thu mar-thà.

Cliog air na ceangalan agus faigh fiosrachadh nas mionaidiche air gach earrann.

Back to top

Bhidio - Breatainn agus an Caribbean

Bha puirt agus mòr-bhailtean ann am Breatainn an sàs gu dìreach anns a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd anns a' Charibbean. Faigh a-mach mar a thug a' mhalairt buaidh an dà chuid air Breatainn agus air a' Charibbean.

Back to top

Cho cudromach 's a bha barran planntachais, gu h-àraidh siùcar

  • Bha a' chuid bu mhotha de shiùcar na Roinn Eòrpa a' tighinn às a' Charibbean
  • Bha an iarraidh mhòr air siùcar a' ciallachadh prothaidean mòra
  • Bha feum air mòran luchd-obrach airson siùcar a dhèanamh
  • Bha Afraganaich fo thràilleachd nan luchd-obrach nach robh cosgail dha na planntachasan

Bha lionn de shiùcar amh air a phròiseasadh ann am muilnean airson bathar le luach mòr a dhèanamh mar siùcar fìnichte agus ruma. Bha am bathar sin a' dol air ais dhan Roinn Eòrpa air bàtaichean airson a reic.

Am measg nam puirt ann am Breatainn a bha an sàs gu mòr ann am malairt an t-siùcair bha:

  • Lunnainn
  • Bristol
  • Liverpool
Peann soillseachaidh agus duilleag de sgrìobhadh le earrannan air an soillseachadh
Back to top

Buaidh muinntir Bhreatainn anns a' Charibbean

Chruthaich Breatainn colonaidhean ann an Ameireaga a Tuath agus anns a' Charibbean anns a' chiad leth dhe na 1600an.

  • Chaidh barran luachmhor mar cotan, tombaca agus cofaidh a chur anns na tìrean sin.
  • Bha luchd-obrach Afraganach fo thràilleachd air an cleachdadh airson na barran a bhuain.

Mun àm a thàinig na 1700an, b' e siùcar am prìomh bhàrr a bha ga chur anns a' Charibbean. Bha Afraganaich fo thràilleachd ag obrachadh nam planntachasan siùcair.

  • Chaidh 12 millean Afraganach fo thràilleachd a thoirt dhan t-Saoghal Ùr.
  • Chaidh trì millean Afraganach fo thràilleachd a ghiùlan air bàtaichean tràilleachd Breatannach.

Dh'fhàs a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd riatanach do dh'eaconamaidh Bhreatainn.

  • Mun àm a thàinig 1800, bha 60% de mhalairt Bhreatainn a' dol a dh'Afraga agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Ri linn a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd, dh'fhàs an Cabhlach Rìoghail agus cabhlach chatharra nam marsantan ann am Breatainn.

Faigh fiosrachadh nas mionaidiche air buaidh muinntir Bhreatainn anns a' Charibbean.

Back to top

Buaidh malairt a' Charibbean air eaconamaidh Bhreatainn

Fhuair eaconamaidh Bhreatainn buannachd bho cholonaidhean a' Charibbean agus a' phàirt a bh' aca anns a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd:

  • Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' dèanamh nan stuthan amh a leig le factaraidhean Bhreatainn fàs.
  • Bha margaidean mòra thall thairis airson bathar bho fhactaraidhean Bhreatainn.
  • Rinn malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd na marsantan beairteach.
  • Bha bancaichean Bhreatainn a' toirt iasadan agus àrachas do mharsantan a bha an sàs anns a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Rinn malairt ann am bathar a rinn Afraganaich fo thràilleachd beairteas do phuirt agus do bhailtean Bhreatainn.
  • Dh'fhàs puirt mar Glaschu, Liverpool agus Bristol bho bhith nam bailtean puirt bheaga gu bhith nam mòr-bhailtean air sgàth 's na malairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Dh'fhàs gnìomhachasan leithid togail-bhàtaichean ri linn barrachd iarrtais airson bàtaichean a bhith a' malairt bathair a' buntainn ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Thàinig marsantan Breatannach agus luchd-seilbh phlanntachasan anns a' Charibbean còmhla agus stèidhich iad buidhnean lobaidh gus tagradh a dhèanamh ri Pàrlamaid na RA airson na h-ùidhean gnothachais aca a dhìon agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd a dhìon.

Bolgan-solais laiste

Faigh fiosrachadh nas mionaidiche air buaidh malairt a' Charibbean air eaconamaidh Bhreatainn.

Back to top

Droch bhuaidh air leasachadh eileanan a' Charibbean

Rinn a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd milleadh maireannach air eileanan a' Charibbean:

Atharrachadh air daoine anns a' Charibbean:

  • Cha mhòr nach deach tùsanaich Arawak agus Taino Ameireaga agus an cultar aca à bith.
  • Thuinich Eòrpaich anns a' Charibbean agus spàrr iad an cultar air na h-eileanan.
  • Thug imrich mhòr a chaidh a sparradh air Afraganaich fo thràilleachd tuilleadh atharrachaidh air cultar a' Charibbean.

Milleadh àrainneachdail:

  • Rinn planntachasan aon-bhàrr sgrios air àrainnean agus àrainneachd a' Charibbean.

Milleadh eaconamach:

  • Bha ceannas aon-bhàrr a' ciallachadh sgrios eaconamach nan tuiteadh a' phrìs no nam biodh nas lugha iarraidh air a' bhàrr.
  • Chaidh sluagh dubh a chumail ann an obraichean air bheag sgilean, air tuarastal beag air tuathanasan fiù 's an dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd crìochnachadh.

Milleadh poilitigeach:

  • Lean Còdan Tràilleachd a bha air an dealbh airson àireamh-sluaigh na bu mhotha de dhaoine Afraganach a chumail sìos às dèidh do thràilleachd crìochnachadh.
  • Dh'fhuirich iomadh eilean anns a' Charibbean fo smachd Eòrpach às dèidh dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd crìochnachadh.
Back to top