Ciamar a bha siùcar air a dhèanamh air planntachasan anns a' Charibbean?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Carson a bha siùcar ga fhàs air planntachasan anns a' Charibbean?

A' cur cuilc shiùcair, Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
B' e obair dhoirbh, chruaidh a bh' ann an glanadh na talmhainn airson barran luachmhor mar cuilc shiùcair a chur. Bha an cor obrach truagh, agus dh'fhaodadh an latha obrach a bhith gu math fada.

Dreach luath

Bha a' mhòr-chuid dhen t-siùcar a bhathar a' gabhail anns an Roinn Eòrpa a' tighinn bho phlanntachasan a' Charibbean.

  • bha iarraidh mhòr air siùcar a' ciallachadh prothaidean mòra
  • bha gnàth-shìde a' Charibbean freagarrach airson cuilc shiùcair fhàs
  • bha luchd-obrach fo thràilleachd a' ciallachadh luchd-obrach nach robh cosgail

Air planntachasan, bha siorap siùcair amh air a dhèanamh na bhathar le luach mòr mar:

  • siùcar
  • ruma

Bha am bathar sin air às-mhalairt dhan Roinn Eòrpa mar phàirt dhen mhalairt thriantanaich.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Carson a thàinig siùcar gu bhith na phrìomh bhàrr anns a' Charibbean?

Anns an Roinn Eòrpa, 's e biadh sòghail do dhaoine beairteach a-mhàin a bh' ann an siùcar gu na 1500an. Thòisich colonaidhean Portagaileach ann am Brasil a' fàs cuilc shiùcair a' cleachdadh dhaoine Afraganach fo thràilleachd mar luchd-obrach.

San t-17mh linn bha cuilc shiùcair a' tighinn a dh'Ìnnseachan an Iar Bhreatainn à Brasil.

Aig an àm sin bha a' mhòr-chuid de thuathanaich na sgìre a' fàs cotan agus tombaca. Ach bha farpais mhòr bho cholonaidhean Ameireaga a Tuath a' ciallachadh gun robh a' phrìs airson a' bhàrr sin a' tuiteam.

Chuir luchd-seilbh nam planntachasan mòra sa Charibbean romhpa atharrachadh gu bhith a' fàs cuilc shiùcair.

B' e cuilc shiùcair am prìomh bhàrr a bha a' fàs air na planntachasan a bha pailt air feadh a' Charibbean san 18mh agus san 19mh linn. Bha eadar 80% agus 90% dhen t-siùcar a bh' air a chleachdadh air taobh an iar na Roinn Eòrpa a' tighinn bho na planntachasan sin.

Cha mhòr nach robh gach eilean còmhdaichte le planntachasan siùcair agus leis na muilnean air an robh feum airson a' chuilc fhìneadh gus faighinn chun na mìlseachd. Gus an deach cur às do thràilleachd, b' e daoine Afraganach fo thràilleachd a bha a' dèanamh a' mhòr-chuid dhen obair.

Back to top

Carson a dh'fhàs daoine cho measail air siùcar?

Eadar 1700 agus 1790, chaidh malairt an t-siùcair am meud gu mòr air sgàth 's mar a bha daoine a' sìor fhàs measail air siùcar airson deochan sòghail mar tea agus cofaidh a dhèanamh milis, agus airson biadh milis a dhèanamh mar silidh, suiteis agus fuine.

Ann an 1700, bha gach duine ann am Breatainn a' gabhail 4 puinnd (timcheall air 1.8 cg), agus ceud bliadhna an dèidh sin bha sin air èirigh gu 18 puinnd gach duine (8.2 cg).

Bha barrachd siùcair ri fhaotainn agus bha daoine measail air air sgàth dà adhbhar:

  • cor beò-shlaint a' fàs mean air mhean (roimhe cha b' urrainn ach daoine glè bheairteach rudan sòghail mar siùcar a cheannach)
  • barrachd cholonaidhean air an stèidheachadh anns an t-Saoghal Ùr a bha air leth freagarrach airson barran sòghail mar siùcar fhàs

Ged a b' e siùcar am bàrr a bu chudromaiche a bha a' fàs sa Charibbean, bha bàrr eile mar cofaidh, lus a' ghuirmein agus rus a' fàs cuideachd.

Back to top

Carson a bha siùcar ga fhàs air planntachasan?

Dealbh a' sealltainn fìneadair siùcair air planntachas anns na h-Innseachan an Iar, 1725Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn fìneadair siùcair air planntachas anns na h-Innseachan an Iar, 1725. Bha na fìneadairean seo a' pròiseasadh cuilc shiùcair amh airson bathar prothaideach a dhèanamh mar siùcar fìnichte, siorapan agus ruma.

Eadar 1766 agus 1791, rinn Innseachan an Iar Bhreatainn còrr is millean tunna siùcair.

B' ann air planntachasan mòra le tòrr luchd-obrach a b' èifeachdaiche a ghabhadh an cuideam mòr de chuilc siùcair a bha a dhìth fhàs.

B' e obair chruaidh le feum air mòran luchd-obrach a bh' ann am fàs an t-siùcair. Seach nach robh daoine gu leòr anns a' Charibbean, chaidh àireamhan mòra de dh'Afraganaich a thoirt a-steach an aghaidh an toil airson obrachadh air planntachasan an t-siùcair san 18mh linn.

Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' ciallachadh gum b' urrainnear am bàrr a bhuain aig prìs reusanta le prothaid.

Ann an 1746, sgrìobh an t-eaconamaiche, Malachi Postlethwaite, mura biodh daoine Afraganach fo thràilleachd, "…we can have no sugar, tobacco, rum etc. Consequently the public revenue, arising from the importation of plantation produce, will be wiped out. And hundreds of thousands of Britons making goods for the triangular trade will lose their jobs and go a begging".

Dh'aontaich mòran ris, oir bha iad a' creidsinn gun robh siostam a' phlanntachais, a bha stèidhichte air obair dhaoine fo thràilleachd, riatanach do bheairteas, do ghnìomhachas agus do dh'obraichean ann am Breatainn.

Dealbh a' sealltainn fìneadair siùcair air planntachas anns na h-Innseachan an Iar, 1725Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn fìneadair siùcair air planntachas anns na h-Innseachan an Iar, 1725. Bha na fìneadairean seo a' pròiseasadh cuilc shiùcair amh airson bathar prothaideach a dhèanamh mar siùcar fìnichte, siorapan agus ruma.
Back to top

Ciamar a bha siùcar air a dhèanamh air planntachasan?

Dealbh de mhuileann siùcair ann an Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha obair mhòr an cois sùgh cuilc shiùcair fhìneachadh gu bhith na siùcar. Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' cumail chosgaisean sìos agus a' dèanamh prothaid na bu mhotha.

Bha siùcar air a dhèanamh mar a leanas:

  • dh'fheumaist an talamh a thaomadh, a thodhaigeadh, luibhean a thoirt às, lusan a chur agus todhar a chur air
  • aig àm buain, bha na slatan siùcair air an gearradh le machetes agus air an cur air cairtean
  • nuair a bha na slatan air am buain, bha iad a' dol gu muileann siùcair far an robh iad air am pronnadh agus air an goil gus an tigeadh sùgh ruadh, steigeach asta
  • bha sùgh an t-siùcair air fhàgail ann am baraillean gus an deigheadh siorap ruadh air an robh molasas a tharraing às
  • bha an lionn a bu shoilleire a bha air fhàgail a' dol na chriostalan siùcair, agus dheigheadh sin a chur ann am baraillean agus a chur dhan Roinn Eòrpa
  • bha molasas air a chleachdadh airson mach-bhathar eile às a' Charibbean a dhèanamh – ruma
Dealbh de mhuileann siùcair ann an Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha obair mhòr an cois sùgh cuilc shiùcair fhìneachadh gu bhith na siùcar. Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' cumail chosgaisean sìos agus a' dèanamh prothaid na bu mhotha.
Back to top

Cò ris a bha obair air planntachas siùcair coltach?

Dealbh de bhuain cuilcean siùcair, Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha a' mhòr-chuid dhen luchd-obrach fo thràilleachd anns a' Charibbean ag obair air planntachasan cuilc shiùcair. Bha fìorachd am beathannan obrach gu math diofraichte bho dhealbhan agus dhealbhan-peant a chaidh a dhèanamh aig an àm.

B' e obair chruaidh le feum air mòran luchd-obrach a bh' ann am fàs an t-siùcair.

Bha buidhnean obrach anns an robh fir, mnathan agus clann ag obair fo ghrèidhearan geala. Bha daoine fo thràilleachd ag obair bho mhoch gu dubh. Bha iad air an cuipeadh mura robh iad ag obair cruaidh gu leòr.

Aig àm buain, bha e cumanta do dhaoine fo thràilleachd a bhith ag obair 18 uairean san latha, fhad 's a dheigheadh toirt air cuid obrachadh suas ri 48 uairean gun stad.

Bhiodh innealan biorach, na slatan siùcair fhèin agus an duilleagan gu tric ag adhbharachadh ghearraidhean a dh'fhaodadh a thighinn gu galarachadh. Bha seo air a dhèanamh na bu mhiosa le innear a bhith air a chleachdadh mar thodhar.

Bha an dòigh-beatha air na planntachasan anabarrach cruaidh. Bha an treas cuid de dh'Afraganaich fo thràilleachd a' bàsachadh taobh a-staigh trì bliadhna de bhith sa Charibbean. Bha sin a' fàgail iarrtas airson daoine eile fo thràilleachd a dheigheadh nan àite.

Dealbh de bhuain cuilcean siùcair, Antigua, 1823Image source, ALAMY
Image caption,
Bha a' mhòr-chuid dhen luchd-obrach fo thràilleachd anns a' Charibbean ag obair air planntachasan cuilc shiùcair. Bha fìorachd am beathannan obrach gu math diofraichte bho dhealbhan agus dhealbhan-peant a chaidh a dhèanamh aig an àm.
Back to top

Leasachadh gnìomhachais ann an obair an t-siùcair

Bha obair an t-siùcair feumach air leasachadh gnìomhachais leis gun robh an ìre ìosal de theicneòlas a' dèanamh obair an t-siùcair doirbh agus feumach air mòran dhaoine. Bha an t-iarrtas airson siùcar cuideachd a' dol suas, gu h-àraidh ann am Breatainn.

Bha luchd-seilbh nam planntachasan a' lorg dhòighean air barrachd siùcair a dhèanamh:

  • chaidh a' bhuain a chur am meud le bhith a' cleachdadh siostam uisgeachaidh airson barran uisgeachadh
  • chaidh stòran-amair, damaichean, cladhain uisge agus canàlaichean a thogail gus piseach a thoirt air solar an uisge
  • chaidh barrachd innearach a chleachdadh airson barran a thorrachadh
  • chaidh muilnean na b' adhartaiche le uidheamachd na b' fheàrr a leasachadh
  • chaidh seòrsachan na b' fheàrr de chuilc shiùcair a bha a' dèanamh barrachd siùcair a leasachadh

Bho dheireadh an 18mh linn, bha barrachd is barrachd innealan gan cleachdadh ann a bhith a' dèanamh an t-siùcair. Ann an 1768, airson a' chiad turas, chaidh einnsean smùide a chleachdadh airson cumhachd a thoirt do mhuileann siùcair ann an Iameuga.

Back to top

A' mach-mhalairt siùcar a' Charibbean

Mun àm a thàinig 1750, bha siùcar air àite a' ghràin a ghabhail mar am bathar a bu luachmhoire ann am malairt na Roinn Eòrpa - b' e siùcar a bha sa chòigeamh cuid de steach-bhathar às an Roinn Eòrpa.

Ghabh eileanan a' Charibbean brath air an t-suidheachadh agus thòisich iad a' dèanamh barrachd is barrachd siùcair. Ann am Barbados, b' e siùcar a bh' ann an 93 sa cheud de mhach-bhathar an eilein.

Bha mach-bhathar siùcair às a' Charibbean na phrìomh phàirt dhen charago a bha air a ghiùlan anns an treas agus anns a' chùrsa dheireannach dhen mhalairt thriantanaichCùrsa na Dachaigh.

Bhiodh bàtaichean tràilleachd a ghabhadh an 'Cùrsa Meadhain' à Afraga a' reic an carago de dhaoine fo thràilleachd, agus an uair sin a' luchdachadh nam bàtaichean le siùcar agus ruma a reiceadh iad ann am Breatainn

B' e Lunnainn, Bristol and Liverpool na prìomh phuirt dham biodh na bàtaichean siùcair a' dol.

Ann an 1785, thàinig 22,811 baraille siùcair a-steach a Bhristol.

Map a' sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt nan daoine fo thràilleachd agus àiteachan a bha na lùib
Figure caption,
Map a' sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt dhaoine fo thràilleachd agus àiteachan a bha na lùib.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

  • Bha a' chuid bu mhotha de shiùcar na Roinn Eòrpa a' tighinn às a' Charibbean
  • Bha an iarraidh mhòr air siùcar a' ciallachadh prothaidean mòra
  • Bha feum air mòran luchd-obrach airson siùcar a dhèanamh
  • Bha Afraganaich fo thràilleachd nan luchd-obrach nach robh cosgail dha na planntachasan

Bha lionn de shiùcar amh air a phròiseasadh ann am muilnean airson bathar le luach mòr a dhèanamh mar siùcar fìnichte agus ruma. Bha am bathar sin a' dol air ais dhan Roinn Eòrpa air bàtaichean airson a reic.

Am measg nam puirt ann am Breatainn a bha an sàs gu mòr ann am malairt an t-siùcair bha:

  • Lunnainn
  • Bristol
  • Liverpool
Back to top