Dè a' bhuaidh a bha aig Breatainn air a' Charibbean?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Na rinn Breatainn anns a' Charibbean

Dreach luath

Mun àm a thàinig meadhan nan 1600an, bha Breatainn air colonaidhean a stèidheachadh ann an Ameireaga a Tuath agus anns a' Charibbean:

  • Virginia, 1607
  • Barbados, 1625
  • Iameuga, 1655

Bha planntachasan air an stèidheachadh airson bàrr fhàs:

  • Cofaidh
  • Tombaca
  • Cotan

Mun àm a thàinig toiseach nan 1700an, b' e cuilc shiùcair am prìomh bhàrr a bha air fhàs air planntachasan anns a' Charibbean.

Bha daoine Afraganach fo thràilleachd air an toirt a-steach airson obrachadh air na planntachasan:

  • Chaidh 12 millean neach Afraganach fo thràilleachd a thoirt dhan t-Saoghal Ùr
  • Chaidh 3 millean neach Afraganach fo thràilleachd a ghiùlan air bàtaichean Breatannach

Dh'fhàs a' mhalairt thar an Atlantaig eadar Breatainn, Afraga agus an Caribbean cho mòr 's gun robh smachd aice air an eaconamaidh:

  • Mun àm a thàinig 1800, bha 60% de mhalairt Bhreatainn a' dol a dh'Afraga agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.
Back to top

Bhidio - Breatainn agus an Caribbean

Bha puirt agus mòr-bhailtean ann am Breatainn an sàs gu dìreach anns a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd anns a' Charibbean. Faigh a-mach mar a thug a' mhalairt buaidh an dà chuid air Breatainn agus air a' Charibbean.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Prìomh amannan san robh Breatainn an sàs anns a' Charibbean

Infografaig a' sealltainn nam prìomh amannan ann an leasachadh malairt Bhreatainn anns a' Charibbean
Figure caption,
Breatainn agus malairt a' Charibbean: prìomh amannan
Back to top

Coloinidhean Bhreatainn anns a' Charibbean

Dealbh de dhaoine Afraganach fo thràilleachd ag obair air buain chuilcean siùcair air planntachasImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dhaoine Afraganach fo thràilleachd ag obair air buain chuilcean siùcair air planntachas. Bha an stòr seo de luchd-obrach co-èignichte mar chlach-stèidh air a' bheairteas a thàinig bho na planntachasan anns a' Charibbean.

Chaidh a' chiad cholonaidhean de dh'Ìmpireachd Bhreatainn a stèidheachadh ann an Ameireaga a Tuath (Virginia, 1607) agus sna h-Innseachan an Iar (Barbados, 1625). Ann an 1655 fhuaireadh Iameuga.

Thòisich luchd-malairt Breatannach a' toirt dhaoine Afraganach fo thràilleachd a cholonaidhean Bhreatainn airson obrachadh air na planntachasan.

Thàinig leasachadh a bharrachd air pàirt Bhreatainn anns a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ann an 1713, nuair a thug Cùmhnant Utrecht an cùmhnant ris an canar an Asiento do luchd-malairt Breatannach cead airson 144,000 neach fo thràilleachd a mhalairt gach bliadhna ri Ameireaga a Deas a bhuineadh dhan Spàinn.

An dèidh 1700, chaidh an àireamh dhaoine fo thràilleachd a bha air an giùlan am meud gu mòr.

  • Chaidh 12 millean neach Afraganach a ghlacadh airson an toirt a dh'Ameireaga a Deas agus Tuath fo thràilleachd.
  • Chaidh mu thrì millean dhe na daoine sin a ghiùlan air bàtaichean Breatannach.
Dealbh de dhaoine Afraganach fo thràilleachd ag obair air buain chuilcean siùcair air planntachasImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dhaoine Afraganach fo thràilleachd ag obair air buain chuilcean siùcair air planntachas. Bha an stòr seo de luchd-obrach co-èignichte mar chlach-stèidh air a' bheairteas a thàinig bho na planntachasan anns a' Charibbean.
Back to top

Dè bha a' fàs air planntachasan anns a' Charibbean?

Sa chiad dol-a-mach, bha a' mhòr-chuid de phlanntachasan na sgìre a' fàs cotan agus tombaca. Ach, bha farpais mhòr bho cholonaidhean Ameireaga a Tuath a' ciallachadh gun robh a' phrìs airson a' bhàrr sin a' tuiteam.

Mar fhreagairt, chuir luchd-seilbh nam planntachasan mòra sa Charibbean romhpa atharrachadh gu bhith a' fàs cuilcean siùcair. Cheannaich luchd-seilbh nam planntachasan daoine fo thràilleachd airson an obair sin a dhèanamh.

Prothaidean bho chuilcean siùcair

Cha mhòr nach robh gach eilean Caribbeanach còmhdaichte le planntachasan siùcair agus leis na muilnean air an robh feum airson na cuilcean fhìneadh gus faighinn chun na mìlseachd. Gus an deach cur às do thràilleachd, b' e daoine Afraganach fo thràilleachd a bha a' dèanamh a' mhòr-chuid dhen obair.

Eadar 1700 agus 1790 chaidh a' mhalairt ann an siùcar am meud gu mòr air sgàth 's gun robh daoine a' sìor fhàs measail air siùcar airson deochan sòghail mar tea agus cofaidh a dhèanamh milis.

  • Ann an 1700, bha gach duine ann am Breatainn a' gabhail 2cg de shiùcar sa bhliadhna.
  • Mun àm a thàinig 1800, bha sin air èirigh gu 8cg gach duine.
  • Bha eadar 80–90% dhen t-siùcar a bh' air a chleachdadh air taobh an iar na Roinn Eòrpa a' tighinn bho phlanntachasan a' Charibbean.
Back to top

Carson a bha planntachasan ag iarraidh luchd-obrach fo thràilleachd?

Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilcean siùcairImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilcean siùcair. Ris a' chùl tha fìneadair siùcair. Bha siùcar fìnichte agus bathar mar ruma nam prìomh mhach-bhathar dhan Charibbean.

Bha dèanamh an t-siùcair a' cur feum air mòran luchd-obrach. Gus coinneachadh ris an iarrtas a bharrachd, thòisich Eòrpaich gheala air daoine Afraganach a ghiùlan an aghaidh an toil agus an cur fo thràilleachd.

Ann an 1746, sgrìobh an t-eaconamaiche, Malachi Postlethwaite, mura biodh daoine Afraganach fo thràilleachd:

… we can have no sugar, tobacco, rum etc. Consequently the public revenue, arising from the importation of plantation produce, will be wiped out. And hundreds of thousands of Britons making goods for the triangular trade will lose their jobs and go a begging.
Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilcean siùcairImage source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' buain cuilcean siùcair. Ris a' chùl tha fìneadair siùcair. Bha siùcar fìnichte agus bathar mar ruma nam prìomh mhach-bhathar dhan Charibbean.
Back to top

Malairt anns a' Charibbean a' fàs

Le fàs ann am malairt ann an daoine fo thràilleachd, ann am bàrr phlanntachasan agus ann am mach-bhathar a cholonaidhean Ameireaganach is Charibbeanach, chaidh luingearachd am meud.

Bha malairt thall thairis air a dhèanamh taobh a-staigh riaghailtean nan Achdan Seòladaireachd. Bha iad sin ag ràdh gum:

  • Bu chòir a' mhalairt gu lèir a bhith ann am bàtaichean Breatannach.
  • Bu chòir daoine a bha ag obair air na bàtaichean a bhith nan seòladairean Breatannach.
  • Bu chòir malairt a bhith eadar puirt ann am Breatainn agus puirt eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn.

Chaidh laghannan a bharrachd a thoirt a-steach a thug buannachd do chompanaidhean luingearachd Breatannach thairis air companaidhean cèin a bha a' farpais riutha:

  • Chuir Achd nam Molasas 1733 bacadh air siùcar cèin a thoirt a-steach a dh'Ameireaga a Tuath.
  • Thug Achd na Mach-mhalairt Dhìrich 1739 cead do luchd-planntachaidh Breatannach bathar a chur gu dìreach dhan Roinn Eòrpa.

An Cabhlach Rìoghail a' fàs

Dh'fhàs an Cabhlach Rìoghail rè àm na còmhstri airson smachd fhaighinn air na colonaidhean. Aon uair 's gun robh Breatainn air fàs gus smachd a ghabhail air a' Charibbean, bha feum fhathast air a' Chabhlach airson dìon a chur air na colonaidhean sin agus bàtaichean Bhreatainn.

Chuir a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ri fàs a' Chabhlaich Rìoghail agus ri fàs cabhlach chatharra nam marsantan. Bha a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a' toirt trèanadh cudromach do sheòladairean Breatannach agus iad an uair sin nan criuthachan eòlach dha na cabhlaich eile.

Cudromachd do dh'eaconamaidh Bhreatainn

Thàinig cruth-atharrachadh mòr air eaconamaidh Bhreatainn air sgàth malairt an Atlantaig ann an daoine Afraganach fo thràilleachd.

  • Ann an 1700, bha 80 sa cheud de mhalairt Bhreatainn a' dol dhan Roinn Eòrpa bho phuirt air taobh an ear agus an ceann a deas Bhreatainn.
  • Mun àm a thàinig 1800, bha 60 sa cheud de mhalairt Bhreatainn a' dol a dh'Afraga agus a dh'Ameireaga, a' seòladh bho na trì phrìomh phuirt air an taobh siar – Glaschu, Liverpool agus Bristol.
Back to top

Feuch dè dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Chruthaich Breatainn colonaidhean ann an Ameireaga a Tuath agus anns a' Charibbean anns a' chiad leth dhe na 1600an.

  • Chaidh barran luachmhor mar cotan, tombaca agus cofaidh a chur anns na tìrean sin.
  • Bha luchd-obrach Afraganach fo thràilleachd air an cleachdadh airson na barran a bhuain.

Mun àm a thàinig na 1700an, b' e siùcar am prìomh bhàrr a bha ga chur anns a' Charibbean. Bha Afraganaich fo thràilleachd ag obrachadh nam planntachasan siùcair.

  • Chaidh 12 millean Afraganach fo thràilleachd a thoirt dhan t-Saoghal Ùr.
  • Chaidh trì millean Afraganach fo thràilleachd a ghiùlan air bàtaichean tràilleachd Breatannach.

Dh'fhàs a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd riatanach do dh'eaconamaidh Bhreatainn.

  • Mun àm a thàinig 1800, bha 60% de mhalairt Bhreatainn a' dol a dh'Afraga agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Ri linn a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd, dh'fhàs an Cabhlach Rìoghail agus cabhlach chatharra nam marsantan ann am Breatainn.

Back to top