Ciamar a thug a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd buaidh air eaconamaidh Bhreatainn?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Malairt ann an Afraganaich fo thràillealachd is eaconamaidh Bhreatainn

Dealbh de charago ga chur air tìr ann am BristolImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de charago ga chur air tìr ann am Bristol. Bha am port na phrìomh ionad airson siùcar air a thoirt a-steach bho phlanntachasan anns na h-Innseachan an Iar.

Dreach luath

Rinn e feum do dh'eaconamaidh Bhreatainn a bhith an sàs anns a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd agus anns a' mhalairt ri planntachasan a' Charibbean.

  • Bha bathar a chaidh a dhèanamh ann am Breatainn air a reic ann am margaidean thall thairis
  • Bha prothaidean mòra gan dèanamh a' reic dhaoine Afraganach fo thràilleachd
  • Rinn malairt bathair a chaidh a dhèanamh air planntachasan anns a' Charibbean luchd-malairt Breatannach beairteach

Dh'fhàs bailtean agus puirt beairteach tro mhalairt co-cheangailte ri ceannach agus reic dhaoine Afraganach fo thràilleachd.

  • Thug bancaichean Lunnainnseirbheisean ionmhais dhan luchd-mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd.
  • Dh'fhàs Bristol beairteach bho mhalairt ann an siùcar a' Charibbean.
  • Dh'fhàs Glaschu beairteach bho mhalairt ann an tombaca a chaidh fhàs air planntachasan ann an Ameireaga a Tuath agus Deas.
Back to top

Ionnsaich barrachd

A' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd agus gnìomhachas Bhreatainn

Bha fàs ann an gnìomhachasan dèanaimh a bha a' solarachadh luchd-malairt dhaoine fo thràilleachd. Dh'fhàs iarrtas air bathar mar gunnaichean, deoch-làidir, poitean, panaichean agus teacstaidhlean a bha air an iomlaid airson dhaoine Afraganach glacte aig a' chiad ìre dhen mhalairt thriantanaich.

B' e gnìomhachas nan teacstaidhlean aon dhe na gnìomhachasan ann am Breatainn air an tàinig fàs mòr aig an àm seo. Thug a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd buannachd dhìreach do luchd-dèanaimh theacstaidhlean.

  • Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' toirt dhaibhcotan mar bhun-stuth.
  • Bha cotan a bha air a steach-mhalairt air a dhèanamh na theacstaidhlean luachmhor ann am muilnean Bhreatainn.
  • Bha na teacstaidhlean cotain seo an uair sin air an reic ris an luchd-malairt ann an Afraga.

San fharsaingeachd, fhuair gnìomhachas ann am Breatainn buannachd bhon mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd ann an iomadh dòigh:

  • Bha barrachd bathair ga dhèanamh ann am factaraidhean Bhreatainn.
  • Bha margaidean thall thairis a-nis airson bathar Breatannach.
  • Bha bancaichean agus companaidhean àrachais a' reic àrachas ri marsantan dhaoine fo thràilleachd.
  • Bha bathar air a dhèanamh ann am planntachasan a bhuineadh do Bhreatainn air a reic ann am margaidean Eòrpach air prothaid.

Bha prothaidean air an dèanamh ann am malairt dhaoine Afraganach fo thràilleachd a' toirt airgead airson a thasgadh ann an gnìomhachas Bhreatainn.

Thuirt an t-eachdraiche à Nigeria Joseph Inikori gur dòcha gur e a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd a leig le tachairt agus a dh'atharraich Breatainn gu bhith na sàr chumhachd san t-saoghal.

Infografaig a' sealltainn mar a fhuair gnìomhachas Breatainn buannachd às a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd
Figure caption,
Thug a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd buannachd do ghnìomhachas Bhreatainn ann an iomadh dòigh.
Back to top

A' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd agus puirt Bhreatainn

Docaichean nan Innseachan an Iar, Lunnainn, mu 1880Image source, ALAMY
Image caption,
Docaichean nan Innseachan an Iar, Lunnainn, mu 1880. Chaidh na docaichean a thogail tràth anns an 19mh linn airson a bhith a' làimhseachadh luingearachd co-cheangailte ris a' mhalairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd.

Chuir obair dhaoine fo thràilleachd air na planntachasan ri prothaidean mòra, mòra agus beairteas nam marsantan agus nam port a bha an lùib na h-obrach, an dà chuid ann am Breatainn agus sa Charibbean.

Dh'fhàs na prìomh phuirt ann am Breatainn a bha an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd gu math luath agus gu math beairteach san 18mh linn.

Eadar 1761 agus 1807:

  • Thug luchd-malairt a bha stèidhichte ann am puirt am Breatainn 1,428,000 Afraganach glacte thar an Atlantaig.
  • Rinn iad £60 millean bho bhith a' reic dhaoine Afraganach fo thràilleachd (timcheall air £8 billean aig luach airgid an-diugh).

Thàinig fàs uabhasach air gnìomhachas na luingearachd. Bha a' mhòr-chuid de bhàtaichean tràilleachd Bhreatannach air an uidheamachadh anns na puirt sin. Bha a cheart uiread de dh'obair an lùib togail, uidheamachadh agus càradh nam bàtaichean 's a bh' ann a bhith gan seòladh.

Dh'fhàs Liverpool na phrìomh mhòr-bhaile airson togail-bhàtaichean mar thoradh air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Bha malairt ris a' Charibbean a' toirt obair do dhara leth bàtaichean fad-astair Bhreatainn. Bha mòran de luchd-seilbh bhàtaichean a bha an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd cuideachd nan luchd-seilbh phlanntachasan. Glè thric bha prothaidean air an cosg mun cuairt phuirt na dachaigh aca.

Docaichean nan Innseachan an Iar, Lunnainn, mu 1880Image source, ALAMY
Image caption,
Docaichean nan Innseachan an Iar, Lunnainn, mu 1880. Chaidh na docaichean a thogail tràth anns an 19mh linn airson a bhith a' làimhseachadh luingearachd co-cheangailte ris a' mhalairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd.
Back to top

Lunnainn agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

A' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd agus bancaichean Lunnainn

An Lutine Bell aig prìomh oifis Lloyd's of LondonImage source, ALAMY
Image caption,
An Lutine Bell aig prìomh oifis Lloyd's of London. Bha an clag ga bhualadh nuair a dheigheadh bàta le àrachas Lloyd's fodha. Thòisich gnothachas Lloyd's of London le bhith a' reic àrachas ri gnìomhachas na luingearachd – bha mòran dhe na bàtaichean an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd.

Bha Banca Shasainn a' toirt calpa a bha a dhìth airson bhòidsichean thràilleachd agus dh'fhàs an City of London gu bhith na ionad ionmhais aig teis-meadhan na malairt ann an daoine fo thràilleachd.

Bha bancaichean agus institiùdan ionmhais mar Lloyd's of London agus Barclays a' tabhann sheirbheisean ionmhais mar iasadan agus àrachas do mharsantan:

  • Bha iasadan banca a' toirt airgead do mharsantan airson bàtaichean a cheannach agus uidheamachadh airson malairt ris an t-Saoghal Ùr.
  • Dh'fhaodadh gun toireadh bàtaichean malairt còrr is bliadhna mus tilleadh iad a Bhreatainn agus bha iasadan banca a' pàigheadh nan cosgaisean bho latha gu latha dhan luchd-malairt.
  • Dh'fhaodadh bàtaichean agus carago a bhith air an call ann an stoirm. Bha àrachas a' pàigheadh airson cosgais call sam bith.
An Lutine Bell aig prìomh oifis Lloyd's of LondonImage source, ALAMY
Image caption,
An Lutine Bell aig prìomh oifis Lloyd's of London. Bha an clag ga bhualadh nuair a dheigheadh bàta le àrachas Lloyd's fodha. Thòisich gnothachas Lloyd's of London le bhith a' reic àrachas ri gnìomhachas na luingearachd – bha mòran dhe na bàtaichean an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd.

Companaidh Rìoghail Afraga

Ann an 1672 stèidhich an Rìgh Teàrlach II agus marsantan à LunnainnCompanaidh Rìoghail Afraga.

  • Bha monopolaidh aig a' chompanaidh air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, òr agus bathar à Afraga an Iar.
  • Eadar 1672 agus 1689, chuir iad mu 100,000 Afraganach fo thràilleachd.
  • Thugadh an t-ainm guinea air an òr a thug iad do Thaigh-cùinnidh Shasainn às dèidh na dùthcha ann an Afraga an Iar às an robh an t-òr a' tighinn.

Ann an 1689 chaill Companaidh Rìoghail Afraga am monopolaidh a bh' aca air malairt dhaoine fo thràilleachd agus thòisich marsantan à mòr-bhailtean eile ann am Breatainn a' dol an sàs anns a' mhalairt barrachd is barrachd.

Buidheann Ùidhe nan Innseachan an Iar

Chaidh a' bhuidheann phoilitigeach, a' West India Interest a stèidheachadh sna 1740an nuair a chaidh marsantan Breatannach an sàs còmhla ri luchd-cuir an t-siùcair anns na h-Innseachan an Iar.

Airson a' mhòr-chuid dhen 18mh linn, b' e an colonaidh Bhreatannach, Barbados, a bu bheairtiche dhe na colonaidhean Eòrpach sa Charibbean air sgàth na prothaid bho phlanntachasan an t-siùcair.

Dh'fhàs marsantan Breatannach beairteach a' malairt ris na planntachasan. Stèidhich na marsantan agus luchd-seilbh nam planntachasan caidreachas poilitigeach airson an ùidhean a dhìon.

B' e a' West India Interest a' chiad bhuidheann malairt siùcair aig an robh guth mòr sa Phàrlamaid. Mar eisimpleir ann an 1789 thadhail buidheann de luchd-cuir à Iameuga air a' Phàrlamaid airson tagradh a dhèanamh ri Buill Pàrlamaid gus taic a chur ri malairt dhaoine fo thràilleachd.

Back to top

Gnìomhachas an t-siùcair ann am Bristol

Ìomhaigh de Edward Colston ann am BristolImage source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh de Edward Colston. B' e marsanta a bh' ann an Colston anns an t-17mh linn. Rinn e fhortan bho bhith an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd. Chaidh ìomhaigh Cholston a leagail agus a sadail a chala Bhristol mar phàirt dhen togail-fianais aig Black Lives Matter.

B' e obair an t-siùcair an gnìomhachas a bu bhuannachdaile a bh' ann am Bristol – aig aon àm bha 22 taighean siùcair ann am Bristol. Bha na fìneadairean sin ann airson a bhith a' pròiseasadh nan siùcaran amh a thàinig thar an Atlantaig bho na planntachasan anns a' Charibbean.

Bha buidhnean de mharsantan siùcair soirbheachail ann am Bristol, agus luchd-cuir às na h-Innseachan an Iar a bha air tilleadh 'dhachaigh' a dh'fhuireach ann an taighean leòmach sa West Country nuair a leig iad dhiubh an dreuchd.

Tha pàirt de dh'ailtireachd Bhristol fhathast a' cuimhneachadh a' cheangail a bh' aige ri siùcar agus ri malairt dhaoine fo thràilleachd.

  • Chaidh Drochaid Phero ainmeachadh air neach fo thràilleachd a thug an luchd-cuir ainmeil, na Pinneys, a Bhristol à St Kitts.
  • Chaidh Guinea Street agus Merchants' Hall a thogail le prothaid bho mhalairt dhaoine fo thràilleachd.
Ìomhaigh de Edward Colston ann am BristolImage source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh de Edward Colston. B' e marsanta a bh' ann an Colston anns an t-17mh linn. Rinn e fhortan bho bhith an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd. Chaidh ìomhaigh Cholston a leagail agus a sadail a chala Bhristol mar phàirt dhen togail-fianais aig Black Lives Matter.
Back to top

Gnìomhachas an tombaca ann an Glaschu

Gailearaidh nan Nuadh Ealain ann an Royal Exchange Square, GlaschuImage source, ALAMY
Image caption,
Gailearaidh nan Nuadh Ealain ann an Royal Exchange Square, Glaschu. Anns an 18mh linn, b' e an togalach seo an dachaigh leòmach aig a' mharsanta tombaca William Cunninghame. Chaidh fortan Chunninghame a dhèanamh mar thoradh air malairt dhaoine fo thràilleachd.

Anns an 18mh linn, rinn Glaschu uabhasach math à prothaid bho mhalairt dhaoine fo thràilleachd.

Bha làmh-an-uachdair aig buidheann beag de mharsantan à Glaschu air gnìomhachas tar-Atlantaig an tombaca a bha a' sìor fhàs. Thugadh 'Triathan an Tombaca', no 'Tobacco Lords', air na marsantan Albannach sin.

Stèidhich iad lìonraidhean airson malairt tombaca ann a' Virginia, agus ann an 1760 bha Glaschu air àite Lunnainn a ghabhail mar am prìomh bhaile a bha a' toirt a-steach tombaca.

Tha mòran de sheann shràidean Ghlaschu air an ainmeachadh air Triathan Tombaca.

  • Sràid Bhochanain
  • Sràid Glassford
  • Sràid Ingram
  • Sràid Dunlop
Gailearaidh nan Nuadh Ealain ann an Royal Exchange Square, GlaschuImage source, ALAMY
Image caption,
Gailearaidh nan Nuadh Ealain ann an Royal Exchange Square, Glaschu. Anns an 18mh linn, b' e an togalach seo an dachaigh leòmach aig a' mharsanta tombaca William Cunninghame. Chaidh fortan Chunninghame a dhèanamh mar thoradh air malairt dhaoine fo thràilleachd.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Fhuair eaconamaidh Bhreatainn buannachd bho cholonaidhean a' Charibbean agus a' phàirt a bh' aca anns a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd:

  • Bha luchd-obrach fo thràilleachd a' dèanamh nan stuthan amh a leig le factaraidhean Bhreatainn fàs.
  • Bha margaidean mòra thall thairis airson bathar bho fhactaraidhean Bhreatainn.
  • Rinn malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd na marsantan beairteach.
  • Bha bancaichean Bhreatainn a' toirt iasadan agus àrachas do mharsantan a bha an sàs anns a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Rinn malairt ann am bathar a rinn Afraganaich fo thràilleachd beairteas do phuirt agus do bhailtean Bhreatainn.
  • Dh'fhàs puirt mar Glaschu, Liverpool agus Bristol bho bhith nam bailtean puirt bheaga gu bhith nam mòr-bhailtean air sgàth 's na malairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Dh'fhàs gnìomhachasan leithid togail-bhàtaichean ri linn barrachd iarrtais airson bàtaichean a bhith a' malairt bathair a' buntainn ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Thàinig marsantan Breatannach agus luchd-seilbh phlanntachasan anns a' Charibbean còmhla agus stèidhich iad buidhnean lobaidh gus tagradh a dhèanamh ri Pàrlamaid na RA airson na h-ùidhean gnothachais aca a dhìon agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd a dhìon.

Back to top