Dè thachair do dhaoine fo thràilleachd anns a' Charibbean?
Image source, Science History Images/ALAMYDreach luath
Às dèidh a dhol thar an Atlantaig bho Afraga a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas, bha beatha ùr, bhrùideil ro na daoine fo thràilleachd.
Bha iad air an reic aig rùpan:
- air an reic ris an neach leis an tairgse a b' àirde aig rùp traidiseanta
- air falbh leotha leis a' chiad duine a gheibheadh grèim orra aig rùp cabhagach
Bha iad air am brandadh airson sealltainn cò leis a bha iad agus air an cur a dh'obair air planntachasan.
Bha beatha air a' phlanntachas cruaidh.
- dh'fheumadh daoine fo thràilleachd na taighean aca fhèin a thogail
- bha cor beatha truagh
- bha am biadh truagh agus cha robh beathachadh ann
- bha aodach bunasach ga thoirt dhaibh uair sa bhliadhna
Bha daoine fo thràilleachd air an droch làimhseachadh agus air am peanasachadh tric.
- bha daoine fo thràilleachd air am faicinn mar chuid-seilbh agus bha iad gun chòraichean
- dh'fhaodadh luchd-obrach fo thràilleachd a bhith air an cuipeadh no air an sràcadh ma bhathas a' smaoineachadh nach robh iad ag obair cruaidh gu leòr
- nam feuchadh iad ri teiche, dheigheadh an crochadh gu bàs
Ionnsaich barrachd
A' chiad eòlasan aig neach fo thràilleachd
Image source, ALAMYÀs dèidh tighinn beò à daingneachan nan daoine fo thràilleachd air costa Afraga an Iar, bha aig Afraganaich fo thràilleachd an uair sin ri cur suas ri turas sgreamhail air am faodadh iad bàsachadh air a' Chùrsa Mheadhain.
Nuair a ruigeadh iad an Caribbean, bha aig daoine fo thràilleachd ri dhol tro chùis-uabhais an rùp aca.
Bha caraidean agus teaghlaichean air an sgaradh bho chèile, agus glè thric chan fhaiceadh iad a chèile gu bràth tuilleadh.
Dh’fhaodadh gun deigheadh daoine fo thràilleachd a bha air am meas eas-umhail no doirbh a chur a 'champaichean seusanachaidh' far an robh air an dochann.
Bha faisg air leth nan daoine fo thràilleachd a chaidh a chur dha na campaichean sin a' bàsachadh annta. Bha iadsan a bha ro lag no ro thinn airson an reic uaireannan dìreach air am fàgail gus bàsachadh.
Image source, ALAMYCiamar a bha daoine fo thràilleachd air an reic aig rùp?
Image source, ALAMYAirson gun deigheadh a' phrothaid bu mhotha a dhèanamh, dh’fheumadh na Afraganaich fo thràilleachd a bhith air an ullachadh airson an rùp.
Bha seo a' gabhail a-steach tòrr obair chosmeataigeach airson an dochann a chaidh a dhèanamh orra air an turas fhalach:
- Bhiodh lotan agus creuchdan air an còmhdach le teàrr airson comharran an dochainn fhalach.
- Bhiodh cèir-sheillein no ola ga chur air an craiceann airson gum biodh deàrrsadh às agus iad a' coimhead fallain.
- Bhiodh am falt air a bhearradh airson faighinn cuidhteas falt liath gus am biodh na daoine fo thràilleachd a' coimhead na b' òige.
Às dèidh an ullachaidh seo, bha na Afraganaich fo thràilleachd deiseil airson an reic. Bha dà sheòrsa rùp ann:
- rùpan traidiseanta
- rùpan cabhagach
Image source, ALAMYRùpan traidiseanta
Aig rùp traidiseanta, bhiodh an ròpair a' toirt cunntas air feartan an Afraganaich fo thràilleachd agus a' moladh na h-obrach air am b' fheàrr a fhreagradh iad air a' phlanntachas.
Bhiodh an ròpair an uair sin a' suidheachadh prìs tòiseachaidh agus bhuannaicheadh an neach a dhèanadh an tairgse a b' àirde.
Ann am pròiseas an rùp, bha e gu math cumanta do theaghlaichean a bhith air an sgaradh bho chèile, oir bha an luchd-ceannach na bu dhèidheile air daoine Afraganaich na b' òige a chionn 's gun robh iad dhen bheachd gum biodh iad air chomas obrachadh na b' fhaide.
Rùpan cabhagach
'S e seòrsa de rùp caran mì-rianail a bh' ann an rùp cabhagach far am biodh daoine a dh'fhaodadh a bhith a' ceannach a' pàigheadh cìs shuidhichte airson a dhol a-steach a chrò far an robh cead aca na Afraganaich a bha iad ag iarraidh a thaghadh mus fhalbhadh duine eile leotha.
Olaudah Equiano – stòiridh neach fo thràilleachd
Image source, ALAMYB' e fear a chleachd a bhith fo thràilleachd a bh' ann an Olaudah Equiano a sgrìobh eachdraidh a bheatha ann an 1789.
Dh'inns e cò ris a bha e coltach a bhith air do reic aig rùp cabhagach:
On a signal given the buyers rushed into the yard where the slaves were kept, and chose the ones they liked the best. The noise and eagerness shown in the faces of the buyers increased the fear of the terrified Africans. In this way relations and friends were separated, most of them never to see each other again.
– The Interesting Narrative of the Life of Olaudah Equiano, Or Gustavus Vassa, The African, Olaudah Equiano, 1789.
Thug e cunntas cuideachd air na peanasan cumanta a bha daoine fo thràilleachd a' fulang:
- Bhiodh daoine fo thràilleachd air am brandadh le ciad litir ainm am maighstir.
- Bhiodh daoine fo thràilleachd air an luchdadh le sèinichean troma agus glè thric bhiodh innealan pianaidh air a chur riutha.
- Uaireannan bhiodh muiseal iarainn agus glasan-mheur air an cleachdadh mar pheanasan airson an rud bu lugha a dhèanadh iad ceàrr.
Image source, ALAMYDè bh' ann an 'seusanachadh'?
Bha mòran de luchd-seilbh nam planntachasan airson aghaidheachd sam bith a sheachnadh, agus mar sin, dh'fheuchadh iad ri faireachdainn sam bith a thaobh còmhstri, no dìlseachd sam bith eile, a mhùchadh:
- Bha teaghlaichean air an sgaradh bho chèile, a' briseadh nan ceanglaichean eatarra
- Bha daoine bhon aon sgìre no bhon aon chultar glè thric air an sgaradh – gun an aon chànan no an aon eòlas aca, bha e na bu dorra do dhaoine fo thràilleachd conaltradh ri chèile no obrachadh còmhla
- Bha ainmeannan ùra air a thoirt air daoine fo thràilleachd
Bha mòran de dhaoine fo thràilleachd a bha air an ùr-cheannach air an cur gu 'campaichean seusanachaidh'.
An sin bha iad air an ullachadh airson na dòigh-beatha agus an cor obrach ùr aca. Bha pianadh bodhaig is inntinn air an cleachdadh airson an spiorad a bhriseadh agus an dèanamh umhail.
Dh'fhaodadh gum maireadh pròiseas an t-seusanachaidh bliadhna no còrr, agus bha suas ri dara leth nan daoine fo thràilleachd a chaidh dha na campaichean sin a' bàsachadh annta.
Bha luach a bharrachd air a chur air an fheadhainn a thigeadh beò às a' phròiseas, 's iad air sealltainn gun tigeadh iad beò tro ghalairean coimheach a' Charibbean, agus dòigh-beatha chruaidh nam planntachasan.
Cò ris a bha an cor beatha coltach air planntachas anns a' Charibbean?
Image source, ALAMYGlè thric, bhathas a' sùileachadh gus togadh Afraganaich fo thràilleachd an taighean fhèin.
B' e bun-bhothain fhiodha a bha seo, suidhichte faisg air taigh an neach-seilbh airson gum b' urrainn dha sùil a chumail orra fad na h-ùine.
…consisting most frequently of wattle or stick huts, which were roofed with palm thatch. Furnishings within were always sparse and crude, most occupants sleeping in hammocks, or on the earth floor.– Stòr: Liverpool Museums: Slavery in the Caribbean.
Cha robh mòran àirneis anns na taighean agus, glè thric, cha robh iad mòr gu leòr dha na teaghlaichean a bha a' fuireach annta.
Bha daoine Afraganach fo thràilleachd a' faighinn aodach bunaiteach. Tha Còd nan Daoine fo Thràilleachd ann am Barbados, 1661, ag ràdh gum bu chòir "Clothes to cover their Nakednesse once every yeare (that is to say) Drawes and Capps for Men, and Petticoates for Women" a bhith aig daoine fo thràilleachd.
Image source, ALAMYDè am biadh a bhiodh daoine fo thràilleachd ag ithe?
Bha barrachd ùidh aig luchd-seilbh nam planntachasan ann am prothaid seach ann an càil sam bith eile. Cha robh cus dragh aca mu shlàinte is sunnd nan daoine fo thràilleachd, agus cha robh iad a' faighinn mòran bìdh. San fharsaingeachd, cha robh de bhiadh aig luchd-obrach ach na chumadh beò agus ag obair iad.
Airson 's gum biodh na prothaidean cho mòr 's a ghabhadh, bhiodh luchd-seilbh a' cleachdadh fearann torrach sam bith airson siùcar fhàs:
- Air cuid de dh'eileanan, Iameuga nam measg, bha talamh nas bochda anns na beanntan air a chur a thaobh mar thalamh bìdh, far an robhas a' sùileachadh gum biodh daoine fo thràilleachd a' fàs am biadh fhèin.
- Thionndaidh eileanan na bu lugha agus na bu chòmhnairde, Barbados agus Nevis nam measg, gu biadh a steach-mhalairt – an eisimeil coirce, peasairean, agus pònairean à Ameireaga a Tuath no bhon Roinn Eòrpa.
Cha robh feòil no iasg ùr aig a' mhòr-chuid de dhaoine fo thràilleachd. Bha am pròtain anns an daithead aca a' tighinn bho iasg saillte a bha air a steach-mhalairt.
Bha cuid de thalamh planntachais air a chur a thaobh mar thalamh bìdh, far an robh biadh mar coirce agus yams air fhàs airson an cur ri daithead an luchd-obrach fo thràilleachd. Chaidh laghan a thoirt a-steach ann an Iameuga ann an 1678, agus ann an Nevis ann an 1682, airson toirt air luchd-seilbh phlanntachasan talamh a chur a thaobh mar thalamh bìdh.
Bha daoine fo thràilleachd a' cleachdadh a' phìos bheag talaimh mun cuairt nam bothain aca airson barrachd bìdh fhàs.
Dìth beathachaidh agus gainnead
Bha an daithead aig daoine fo thràilleachd gu mòr an urra ri biadh stalcach, leithid buntàta milis agus coirce. Mar sin, fiù 's ged a bhiodh biadh gu leòr aca ri ithe, bha mathachadh riatanach a dhìth orra.
Tha anailis air cràimhnich ann an cladh planntachas Newton a' sealltainn gun robh luchd-obrach fo thràilleachd a' fulang le dìth mathachaidh airson a' mhòr-chuid dhen bhliadhna.
Nam biodh biadh gann ri linn mòr-thubaistean nàdarra no fogharadh truagh, bhiodh daoine a' bàsachadh leis an acras.
Cha robh steach-mhalairt bìdh an-còmhnaidh cinnteach. Nuair a thòisich Ar-a-mach Ameireaga ann an 1776, stad an solar bìdh gu iomadh eilean anns a' Charibbean.
Air eilean Nevis a-mhàin, bhàsaich eadar 300-400 neach fo thràilleachd mar thoradh air dìth a' bhìdh ann an 1777.
Droch làimhseachadh agus peanasachadh dhaoine fo thràilleachd
Image source, ALAMYBha làn-smachd aig maighstirean geala air beatha dhaoine fo thràilleachd agus iad a’ dèiligeadh riutha dìreach mar chuid-seilbh.
- Cha robh còraichean idir aig daoine fo thràilleachd
- Bha daoine fo thràilleachd a bha eas-umhail, no a chuireadh an aghaidh an rud bu lugha, air an dochann
- Air eilean Antigua, cha b' e eucoir a bh' ann daoine fo thràilleachd a mharbhadh gu 1723
Bha luchd-lagha agus britheamhan air an eilean nan luchd-seilbh air daoine fo thràilleachd. Mar sin, cha robh mòran ùidh ann duine a thoirt dhan chùirt airson droch làimhseachadh dhaoine fo thràilleachd.
Bha diofar ìrean de pheanasan air a chur air daoine fo thràilleachd.
- Dh'fhaodadh daoine a theich agus a chaidh a ghlacadh a bhith air an crochadh no air an ciùrradh.
- Bha daoine fo thràilleachd glè thric air an cuipeadh airson càil a dhèanamh ceàrr.
- Bha an àireamh shràcan a gheibheadh iad a rèir 's dè cho dona 's a bha an 'eucoir' aca.
The wharfs of Kingston are crowded every Monday morning with poor slaves who are brought here to be whipped for the offences of the preceding week. They are generally tied up by the wrists and stretched out. In that manner they receive their punishment.– Stòr: An essay on the comparative efficiency of regulation or abolition, as applied to the slave trade, Thomas Clarkson, 1789.
Image source, ALAMYBha na peanasan air daoine fo thràilleachd glè thric dìreach brùideil. Bha peanasan cruaidhe a' gabhail a-steach:
- sgoltadh sròine
- call cas no gàirdean (neach a theich – Antigua)
- cuipeadh
- stocan
- binn bàis airson goid (airson nithean le luach còrr is 12 sgillinn – Barbados)
- binn bàis le losgadh (airson duine geal a bhualadh – Iameuga)
An do dh'fhàs cùisean na b' fheàrr do luchd-obrach fo thràilleachd?
Ann an 1798 chuir Pàrlamaid Bhreatainn Achd an Leasachaidh, no an Amelioration Act, an gnìomh, achd a bha a’ buntainn ri na colonaidhean Breatannach anns a’ Charibbean.
Bha Achd an Leasachaidh ag amas air daoine fo thràilleachd a dhìon bho pheanasan borb le bhith a' toirt chàinean a-steach dhaibhsan a rinn droch làimhseachadh orra. Bha e cuideachd a’ ciallachadh nach gabhadh toirt air daoine fo thràilleachd barrachd air ceithir uairean deug a thìde obrachadh san latha.
Ach dha-rìribh, cha do rinn an achd mòran idir airson còraichean an t-sluaigh fo thràilleachd a dhìon.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Bha daoine fo thràilleachd air an reic aig dà sheòrsa rùp:
- aig rùpan traidiseanta bha daoine air an reic ris an neach a dhèanadh an tairgse a b' àirde
- aig rùpan cabhagach bhiodh luchd-seilbh phlanntachasan a' pàigheadh cìs shuidhichte agus a' dèanamh cabhag airson grèim fhaighinn air an luchd-obrach a b' fheàrr
Aon uair 's gun robh iad air an ceannach, bha daoine fo thràilleachd air am brandadh airson sealltainn 'cò bu leis' iad.
Bha mòran air an cur a champaichean seusanachaidh far an robh pianadh bodhaig is inntinn air an cleachdadh airson an spiorad a bhriseadh agus an dèanamh umhail.
Bha cor-beatha nan daoine fo thràilleachd cruaidh:
- bha aig a' mhòr-chuid dhiubh ri an taighean fhèin a thogail bho stuthan bunasach
- bha aca ri tòrr dhem biadh fhèin fhàs air talamh solair
- bha iad a' faighinn cho beag 's a ghabhadh de bhiadh, glè thric gun mhathachadh riatanach ann
- bha iad a' faighinn aon sheat de dh'aodach bunasach gach bliadhna
Mura robh iad ag obair cruaidh gu leòr, ma bha iad eas-umhail, ri aghaidheachd no nam feuchadh iad ri teiche, bha iad air am peanasachadh gu cruaidh:
- bha daoine fo thràilleachd gun chòraichean
- dh'fhaodadh daoine fo thràilleachd a bhith air an cuipeadh agus air an sràcadh airson adhbhar glè bheag
- nam feuchadh iad ri teiche, dh'fhaodadh gur e am bàs am peanas
More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
Find out more by working through a topic