Tar-shealladh air na h-iomairtean airson cur às do thràilleachd
'S e na h-iomairtean airson cur às do thràilleachd an ceathramh earrann dhen topaig A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd (1770-1807) ann an Eachdraidh Nàiseanta 5.
Tha e a' gabhail a-steach:
- tùsan a' ghluasaid airson cur às do thràilleachd
- argamaidean nan daoine a bha airson cur às do thràilleachd
- dòighean-obrach nan daoine a bha airson cur às do thràilleachd
- argamaidean airson na malairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
- deasbad mu na h-adhbharan a shoirbhich an iomairt airson cur às do thràilleachd aig a' cheann thall
Thoir sùil tron tar-shealladh seo airson iùl luath dha na h-earrannan sin, no airson ath-sgrùdadh air na dh'ionnsaich thu mar-thà.
Cliog air na ceangalan agus faigh fiosrachadh nas mionaidiche air gach earrann.
Bhidio - Iomairtean cur às do thràilleachd
Thug an iomairt airson cur às dhan mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd iomadh bliadhna agus obair le mòran dhaoine. Faigh a-mach barrachd ann a' bhidio ghoirid.
Olaudah Equiano was a writer in 18th Century London.
"… the air soon became unfit for respiration… and brought on a sickness among the slaves, of which many died… The shrieks of the women, and the groans of the dying, rendered the whole a scene of horror almost inconceivable."
When he wrote those words about the ordeal of captured Africans being transported across the Atlantic he didn't need to use his imagination. He was writing from experience.
He had been captured at the age of 11, in West Africa, and sold into slavery in the Caribbean.
Later in his life, he bought his freedom, and when he published his autobiography in 1789, it was a great success – helping to raise public awareness of the terrible reality of the slave trade.
Some British religious groups were opposed to slavery. They believed that God had created all men as equals.
The Quakers became active campaigners.
The Society For Effecting The Abolition Of The Slave Trade was formed in 1787, and most of its founders were Quakers.
They held public meetings, published pamphlets, and petitioned Parliament.
One of its members, Thomas Clarkson, began to collect detailed evidence on the way the trade was run – the conditions on the ships, how many men women and children died during the crossings, and the cruel methods used to subdue people.
His evidence was used by Member of Parliament William Wilberforce.
Starting in 1789, Wilberforce regularly introduced bills in Parliament proposing the banning of the slave trade. His bills were voted down; many MPs themselves had investments in the Caribbean.
While many workers feared abolition would impact their own jobs and industries, as the campaign continued, public opinion began to shift.
More and more people began to see slavery as morally wrong – and many boycotted buying sugar.
In 1807, Wilberforce presented his sixteenth Abolition Bill. It passed.
It didn't make slavery illegal, but it ordered all slave ships to be destroyed, and banned the buying and selling of slaves anywhere in the British Empire.
However, slavery didn't end immediately, continuing in British owned plantations until it was finally prohibited in 1838.
Tùsan agus argamaidean nan iomairtean airson cur às do thràilleachd
Bhuineadh mòran dhen luchd-iomairt an aghaidh na malairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd do chreideamh nan Quakers. Ri linn an creideamh bha iad an aghaidh na malairt air adhbharan moralta agus beusail.
- Chaidh an Comataidh airson cur às do Mhalairt Dhaoine fo Thràilleachd a stèidheachadh ann an 1787.
- Bha am BP airson Kingston upon Hull, William Wilberforce, gan riochdachadh ann an Taighean na Pàrlamaid.
Thar iomadh bliadhna, chuir Wilberforce bilean air adhart sa phàrlamaid airson feuchainn ri stad a chur air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Cha do shoirbhich leis na bilean.
Bha diofar dhòighean airson cur an aghaidh tràilleachd:
- Creideamh. Bha Quakers agus Methodists dhen bheachd nach robh tràilleachd a rèir Crìosdaidheachd.
- Daonnachail. Bha mòran aig an robh co-fhaireachdainn do dh'Afraganaich fo thràilleachd agus bha iad airson gum faigheadh iad an saorsa.
- Eaconamach. Bha cuid, mar an t-eaconamaiche Adam Smith, dhen bheachd gun robh tràilleachd neo-èifeachdach.
Bha iomairtean, boycotts agus fianais-dhùbhlain ann cuideachd taobh a-muigh na pàrlamaid le feadhainn a bha airson cur às do thràilleachd.
Faigh fiosrachadh nas mionaidiche mu thùsan agus argamaidean nan iomairtean airson cur às do thràilleachd.
Dòighean-obrach nan daoine a bha airson cur às do thràilleachd
Chleachd an gluasad airson cur às do thràilleachd iomadh ro-innleachd anns an t-strì gus stad a chur air tràilleachd.
Cùis-lagha:
- Breith-cùirte Somerset, 1772. Thug an co-dhùnadh cùirte seo dìon do chòraichean neach Afraganach fo thràilleachd gun a bhith air a chur thar chuan gu planntachas an aghaidh a thoil.
- Knight vs Wedderburn, 1774. Thuirt a' chùis seo nach robh tràilleachd a rèir lagh na h-Alba.
Cruinneachadh fianais:
- Chruinnich Thomas Clarkson fianais air borbachd na malairt ann an daoine fo thràilleachd
Foillseachadh fianais:
- Dh'fhoillsich John Newton a chunntas air a bhith na chaiptean air bàta tràilleachd, 1787
- Dh'fhoillsich Olaudah Equiano a chunntas air a bhith fo thràilleachd, 1789
Iomairtean poblach:
- boycott siùcair air siùcar a chaidh a dhèanamh le daoine fo thràilleachd, 1791
- iomairtean sgrìobhadh-thagraidhean nàiseanta airson cuideam a chur air a' phàrlamaid agus air Buill Pàrlamaid, 1780an-1790an
Faigh fiosrachadh nas mionaidiche mu dhòighean-obrach nan iomairtean airson cur às do thràilleachd.
Argamaidean an aghaidh cur às do thràilleachd
Bha mòran bhuidhnean an aghaidh cur às do thràilleachd:
Ùidhean ionmhasail
- bha luchd-seilbh phlanntachasan an urra ri luchd-obrach fo thràilleachd
- daoine a bha a' tasgadh anns a' mhalairt
- luchd-seilbh ghnothachasan a bha a' dèanamh prothaid à bather agus seirbheisean co-cheangailte ris a' mhalairt
- bha luchd-obrach theacstaidhlean an urra ri cotan a bha luchd-obrach fo thràilleachd a' fàs air planntachasan
Mòr-bhailtean
Dh'fhàs cuid de bhailtean beairteach mar thoradh air a' mhalairt:
- Lunnainn - thug companaidhean ionmhais àrachas agus iasadan do chompanaidhean luingearachd
- Bristol - a' steach-mhalairt siùcar bho phlanntachasan a' Charibbean
- Liverpool - a' malairt dhaoine Afraganach fo thràilleachd agus a' steach-mhalairt cotan
- Glaschu - dh'fhàs e beairteach air sgàth malairt an tombaca
Luchd-obrach
- bha luchd-obrach ann an gàrraidhean bhàtaichean a' togail agus a' sgeadachadh bhàtaichean tràilleachd
- bha docairean agus luchd-obrach nan taighean-bathair a' toirt bathar bho na planntachasan far nam bàtaichean
- bha na mìltean de sheòladairean ag obair anns a' mhalairt thriantanaich
Luchd-poilitigs
- bha cuid de Bhuill Pàrlamaid agus de bhuill Thaigh nam Morairean nan luchd-seilbh phlanntachasan
- bha cuid de luchd-poilitigs air am pàigheadh le buidhnean lobaidh a bha an aghaidh cur às do thràilleachd
Bha adhbharan poilitigeach cuideachd ann an aghaidh cur às do thràilleachd:
- bha daoine a bha airson cur às do thràilleachd air am faicinn mar radaigich le beachdan cunnartach
- dh'adhbharaich Mòr-chaochladh na Frainge eagal mu neo-stèidhealachd ann am Breatainn
- shaor colonaidhean Frangach daoine Afraganach a bha fo thràilleachd agus bha ar-a-mach ann. Bha eagal air luchd-poilitigs ann am Breatainn gun tachradh an aon rud an seo
- bha eaconamaidh Bhreatainn an urra ri airgead co-cheangailte ris a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd, gu h-àraidh aig àm nuair a bha iad a' cogadh ris an Fhraing
Faigh fiosrachadh nas mionaidiche mu na h-argamaidean an aghaidh nan iomairtean airson cur às do thràilleachd.
Carson a bha iomairt 1807 airson cur às do thràilleachd soirbheachail?
- thionndaidh beachd a' phobaill an aghaidh tràilleachd
- bha seo ri fhaicinn anns an àireamh mhòr de dhaoine a bha a' cur an ainmeannan ri tagraidhean agus a bha a' dhiùltadh siùcar a cheannach
- bha an suidheachadh eaconamach a' ciallachadh nach robh a' mhalairt cho prothaideach
- cha robh a' mhalairt cho prothaideach dhan fheadhainn aig an robh daoine fo thràilleachd
- bha e na bu daoire siùcar fhàs agus bha barrachd farpais ann
- cha robh a' mhalairt cho cudromach do dh'eaconamaidh Bhreatainn air sgàth mòr-chaochladh a' ghnìomhachais agus atharrachadh ann an àiteachas
- fhuair an deasbad anns a' phàrlamaid taic airson cur às dhan mhalairt
- chuir William Wilberforce bile air beulaibh na Pàrlamaid airson cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a h-uile bliadhna eadar 1789-1806
- bha cur às dhan mhalairt a-nis na chuspair còmhraidh agus deasbaid
- chaidh fianais mun mhalairt a chur air beulaibh na Pàrlamaid
- nuair a shoirbhich leis a' bhile ann an 1806 ann a bhith a' cur crìoch air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ris na colonaidhean Frangach, thàinig crìoch air dà thrian dhen mhalairt
Faigh fiosrachadh nas mionaidiche mu na h-adhbharan a shoirbhich leis an iomairt airson cur às do thràilleachd.
More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
Find out more by working through a topic