Adhbharan airson soirbheachadh na h-iomairt air a' cheann thall
Dreach luath
- thionndaidh beachd a' phobaill an aghaidh tràilleachd
- bha seo ri fhaicinn anns an àireamh mhòr de dhaoine a chuir an ainm ri tagraidhean agus a bha a' dhiùltadh siùcar a cheannach
- bha an suidheachadh eaconamach a' ciallachadh nach robh a' mhalairt cho prothaideach
- cha robh a' mhalairt cho prothaideach dhan fheadhainn aig an robh daoine fo thràilleachd
- bha e na bu daoire siùcar fhàs agus bha barrachd farpais ann
- cha robh a' mhalairt cho cudromach do dh'eaconamaidh Bhreatainn air sgàth mòr-chaochladh a' ghnìomhachais agus atharrachadh ann an àiteachas
- fhuair an deasbad anns a' phàrlamaid taic airson cur às dhan mhalairt
- chuir William Wilberforce bile air beulaibh na Pàrlamaid airson cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a h-uile bliadhna eadar 1789-1806
- bha cur às dhan mhalairt a-nis na chuspair còmhraidh agus deasbaid
- chaidh fiosrachadh le fianais mun mhalairt a chur air beulaibh na Pàrlamaid
- nuair a shoirbhich leis a’ bhile ann an 1806 ann a bhith a' cur crìoch air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ris na colonaidhean Frangach, thàinig crìoch air dà thrian dhen mhalairt
Ionnsaich barrachd
Beachd a' phobaill
Tha an ìre taic am measg a' phobaill air feadh Bhreatainn anns na 1790an a' sealltainn gu soilleir gun robh taic a' phobaill a-nis a' toirt taic do chur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
Thug na ceudan mhìltean taic do thagraidhean dhan phàrlamaid agus boycott siùcair às a' Charibbean:
- thathar an dùil gun do ghabh 300,000 neach pàirt ann am boycott siùcair às a' Charibbean ann an 1791
- chaidh 519 tagradh (185 à Alba) le 390,000 ainm gu lèir a chur dhan Phàrlamaid a' toirt taic do bhile Wilberforce airson cur às dhan mhalairt ann an 1792
Suidheachadh eaconamach
Thar ùine, cha robh uiread de phrothaid anns a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.
Bha a' phrìs a' dol suas airson daoine fo thràilleachd a cheannach ann an Afraga, a' ruigheachd £25 ann an 1880. Ach ge-tà, cha do dh'èirich a' phrìs airson reic ann an Ameireaga a Tuath agus Deas cho luath agus cha robh sin ach £35 anns a' bhliadhna sin.
Bha bliadhnaichean de dh'fhàs air ìre na talmhainn ìsleachadh anns a' Charibbean. Cha robh an sìol cho torrach agus, ri linn sin, bha barran na bu lugha, no feumach air barrachd innearach mar thodhar airson amannan buain a chumail suas. Bha seo uile a' lùghdachadh phrothaidean.
Bha cus siùcair ri fhaotainn air feadh an t-saoghail, le farpais bho Ameireaga a Deas agus colonaidhean Breatannach eile. Ghabhadh siùcar fhaotainn air cosgais nas lugha agus gun tràilleachd a chleachdadh à colonaidhean eile le Breatainn, me Na h-Innseachan.
Bha atharrachadh ann am beachd a' phobaill a' ciallachadh gun robh daoine a' cur an cùl ri bathar air a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd airson adhbharan moralta. Nuair a ghabh còrr is 300,000 neach pàirt ann am boycott an t-siùcair ann an 1791, tha dùil gun do thuit na bhathas a' reic de shiùcar às a' Charibbean eadar an treas cuid agus leth.
Aig an aon àm bha Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais agus adhartasan is leasachaidhean ann an àiteachas nam buannachd do dh'eaconamaidh Bhreatainn. Cha robh malairt dhaoine fo thràilleachd a-nis cho cudromach dhan eaconamaidh.
Deasbad anns a' Phàrlamaid
A h-uile bliadhna eadar 1789 agus 1806, chuir William Wilberforce bile air beulaibh na Pàrlamaid airson cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Rinn e cur às do thràilleachd na chùis deasbaid anns a' Phàrlamaid. Thug a leantalachd agus a chomas mar neach-labhairt air mòran eile creidsinn gum bu chòir cur às dhan mhalairt.
Bha grunn chaidreabhaich air taobh Wilberforce – taobh a-staigh agus a-muigh na pàrlamaid – a chuidich e ann a bhith a' deasachadh bhilean gus reachdas a chur air adhart airson stad a chur air tràilleachd, agus a thug fianais air cho olc 's a bha a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
Ann an 1804, bhòt Taigh nan Cumantan airson cur às do thràilleachd, ach dhiùlt Taigh nam Morairean gabhail ri bile Wilberforce.
Ann an 1806, mhol caraid do Wilberforce, James Stephen, bile a' cur casg air bàtaichean Breatannach bho bhith a' toirt dhaoine fo thràilleachd dha na colonaidhean Frangach. Chan fhaca Buill Pàrlamaid a bha airson tràilleachd cho cudromach 's a bha am bile agus leig iad leis a dhol troimhe. Chuir seo stad air dà thrian dhen mhalairt ann anAfraganaich fo thràilleachd agus cha robh e a-nis prothaideach.
Ann an 1807, às dèidh iomairt mhòr, chuir a' Phàrlamaid às dhan mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd.
Ach bha 1833 ann mus do chuir an Achd airson Cur-às do Thràilleachd stad air malairt Bhreatainn ann an daoine fo thràilleachd, agus a thugadh saorsa do dhaoine fo thràilleachd anns a' Charibbean.
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
- thionndaidh beachd a' phobaill an aghaidh tràilleachd
- bha seo ri fhaicinn anns an àireamh mhòr de dhaoine a bha a' cur an ainmeannan ri tagraidhean agus a bha a' dhiùltadh siùcar a cheannach
- bha an suidheachadh eaconamach a' ciallachadh nach robh a' mhalairt cho prothaideach
- cha robh a' mhalairt cho prothaideach dhan fheadhainn aig an robh daoine fo thràilleachd
- bha e na bu daoire siùcar fhàs agus bha barrachd farpais ann
- cha robh a' mhalairt cho cudromach do dh'eaconamaidh Bhreatainn air sgàth mòr-chaochladh a' ghnìomhachais agus atharrachadh ann an àiteachas
- fhuair an deasbad anns a' phàrlamaid taic airson cur às dhan mhalairt
- chuir William Wilberforce bile air beulaibh na Pàrlamaid airson cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a h-uile bliadhna eadar 1789-1806
- bha cur às dhan mhalairt a-nis na chuspair còmhraidh agus deasbaid
- chaidh fianais mun mhalairt a chur air beulaibh na Pàrlamaid
- nuair a shoirbhich leis a' bhile ann an 1806 ann a bhith a' cur crìoch air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd ris na colonaidhean Frangach, thàinig crìoch air dà thrian dhen mhalairt
More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
Find out more by working through a topic
- count1 of 20

- count2 of 20
