Dè a' bhuaidh a thug a' mhalairt thriantanach ann an Afraganaich fo thràilleachd air puirt Bhreatainn?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Dè rinn a' mhalairt thriantanach do phuirt Bhreatainn?

Bàta àrd air acair ann an Canning Dock ann an LiverpoolImage source, ALAMY
Image caption,
Chaidh Canning Dock ann an Liverpool a thogail mar dhoc tioram airson a bhith a' càradh agus a' fiotadh cabhlach nam bàtaichean malairt. Bha mòran dhe na bàtaichean gu mòr an sàs ann am malairt nan Afraganaich fo thràilleachd.

Dreach luath

Bha puirt Bhreatainn gu mòr an sàs ann am malairt nan daoine fo thràilleachd. Mar thoradh air a sin, dh'fhàs na puirt sin gu luath agus thug iad beairteas mòr dhan luchd-malairt a bha a' seòladh a-mach asta.

Bha cuid dhiubh a' malairt gu dìreach ann an Afraganaich fo thràilleachd.

  • Ann an 1771 rinn bàtaichean stèidhichte ann an Liverpool malairt air faisg air 30,000 Afraganach fo thràilleachd. Bha smachd aig a' mhòr-bhaile air 40% de mhalairt Eòrpach ann an Afraganaich fo thràilleachd.

Bha mòr-bhailtean eile a' malairt bathar a chaidh a dhèanamh le Afraganaich fo thràilleachd.

  • Bha 50% de mhalairt tombaca Ameireaga fo smachd Ghlaschu.
  • Bha puirt Lunnainn a' làimhseachadh a' mhòr-chuid dhen t-siùcar a bha air a steach-mhalairt bho phlanntachasan anns a' Charibbean.
  • Chaidh bathar a chruthaicheadh ann am bùithtean-obrach ann am Bristol a mhalairt airson Afraganaich fo thràilleachd.
Back to top

Ionnsaich barrachd

Dè meud malairt Bhreatainn ann an Afraganaich fo thràilleachd?

Tha an clàr gu h-ìosal a' sealltainn àireamhan malairt nan Afraganaich fo thràilleachd tro phrìomh phuirt Bhreatainn ann an 1771.

PortÀireamhan bhàtaicheanDaoine fo thràilleachd
Liverpool10729,250
Lunnainn588,136
Bristol238,810
Lancaster4950

Bha dara leth de mhalairt thombaca na Roinn Eòrpa a' dol tro Glaschu, gnìomhachas a bha gu mòr an urra ri obair dhaoine fo thràilleachd a bha a' fàs tombaca ann an coloinidhean Bhreatainn ann an Ameireaga a Tuath agus Deas.

Dè buaidh malairt nan Afraganach fo thràilleachd air puirt Bhreatainn?

Thug malairt nan daoine fo thràilleachd beairteas mòr dha na puirt ann am Breatainn a bha an sàs ann.

O chionn 200 bliadhna bha an duine àbhaisteach a' cosnadh £35 sa bhliadhna. Dh'fhaodaist neach fo thràilleachd a bha fallain a reic anns a' Charibbean air £25.

Dh'fhàs iomadh mòr-bhaile eile beairteach air prothaidean ghnìomhachasan a bha an urra ri stuthan a rinn daoine fo thràilleachd mar cotan, siùcar and tombaca.

Dh'fhalbh mòran bhàtaichean le daoine fo thràilleachd à puirt mar Bristol, Liverpool, agus Glaschu gach bliadhna, agus thug iad sin soirbheachadh mòr dhan fheadhainn leis an robh iad:

  • B' e 1792 a' bhliadhna a bu thrainge a bha malairt nan daoine fo thràilleachd ann am Breatainn. Dh'fhàg 204 bàta Sasainn airson daoine fo thràilleachd a thoirt à Afraga a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas - bha sin mu cheithir bàtaichean gach seachdain.
  • Eadar 1791–1807, thug bàtaichean Breatannach leotha mu 52% dhe na daoine fo thràilleachd à Afraga.
  • Eadar 1791–1800, thug bàtaichean Breatannach 398,719 neach fo thràilleachd a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.
Back to top

Glaschu agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Gailearaidh nan Nuadh-ealain ann an Royal Exchange Square ann an GlaschuImage source, ALAMY
Image caption,
Gailearaidh nan Nuadh-ealain ann an Royal Exchange Square ann an Glaschu. Tha an togalach a' dol air ais gu àm nuair a bha smachd aig Glaschu air tòrr de mhalairt an tombaca anns an Roinn Eòrpa. Bha a' mhalairt seo an eisimeil agus a' faighinn buannachd à malairt Atlantaigeach nan Afraganaich fo thràilleachd agus an luchd-obrach an-asgaidh a bha iad a' faighinn às.

Tha dùil gun deach faisg air 5,000 Afraganach fo thràilleachd uile-gu-lèir a ghiùlan air bàtaichean Albannach do dhaoine fo thràilleachd. Thug bàtaichean mar sin a bha a' seòladh à puirt Ghlaschu leotha mu 3,000 dhiubh sin.

Bha am baile an sàs barrachd ann a bhith a' steach-mhalairt bathar le ceanglaichean dìreach ri tràilleachd, mar tombaca. Fhuair e buannachd cuideachd bho thabhartasan airgid luchd-seilbh nam planntachasan mar an teaghlach Glassford. Chaidh cuimhneachadh orrasan le sràid am meadhan a' bhaile air a h-ainmeachadh orra – Sràid Glassford.

Mun àm a thàinig 1769, bha Glaschu, cuide ri Grianaig agus Port Ghlaschu, a' toirt a-steach còrr is 50% de thombaca Bhreatainn. (Stòr: Devine, T. M. (1994): The Transformation of Rural Scotland: Social Change and the Agrarian Economy, 1660-1815. Edinburgh: Edinburgh University Press.)

Dh'fhàs malairt an tombaca ann an Glaschu bho £5.1 millean ann an 1739-1741 gu £45.3 millean ann an 1771-1773. Chleachd iad na prothaidean airson am baile adhartachadh agus choisinn e an t-ainm 'Dara Baile na h-Ìmpireachd'. (Stòr: Price, J. (1973): France and the Chesapeake. Ann Arbor: University of Michigan Press.)

Fhuair institiùdan mar Oilthigh Ghlaschu suas ri £198 millean (ann an airgead an latha an-diugh) ann an tabhartasan bho dhaoine a bha an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd. (Stòr: Slavery, Abolition and the University of Glasgow - University of Glasgow, 2018)

Gailearaidh nan Nuadh-ealain ann an Royal Exchange Square ann an GlaschuImage source, ALAMY
Image caption,
Gailearaidh nan Nuadh-ealain ann an Royal Exchange Square ann an Glaschu. Tha an togalach a' dol air ais gu àm nuair a bha smachd aig Glaschu air tòrr de mhalairt an tombaca anns an Roinn Eòrpa. Bha a' mhalairt seo an eisimeil agus a' faighinn buannachd à malairt Atlantaigeach nan Afraganaich fo thràilleachd agus an luchd-obrach an-asgaidh a bha iad a' faighinn às.
Back to top

Liverpool agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Gràbhalachd a' sealltainn docaichean Liverpool sna 1800anImage source, ALAMY
Image caption,
Tha ailtireachd ghrinn nan togalaichean mun cuairt Liverpool a' sealltainn na thug malairt de dh'airgead a-steach dhan bhaile. Anns an 18mh linn, bha tòrr dhen bheairteas sin co-cheangailte ri malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

San 18mh linn, rinn Liverpool mu £300,000 sa bhliadhna bho ghnìomhachas nan daoine fo thràilleachd. Bha a h-uile port eile ann am Breatainn a bha an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd a' dèanamh mun aon uiread a-rithist còmhla.

Sna 1780an thug bàtaichean a bha stèidhichte ann an Liverpool a-mhàin còrr is 300,000 neach fo thràilleachd à Afraga. Ann an 1795, bha Liverpool an urra ri còrr is 60% de mhalairt dhaoine fo thràilleachd ann am Breatainn agus còrr is 40% de mhalairt dhaoine fo thràilleachd san Roinn Eòrpa gu lèir.

Ged a bha marsantan Liverpool an sàs ann am mòran ghnìomhachasan agus bathar eile, bha obair ann am malairt dhaoine fo thràilleachd a' gabhail a-steach a' phuirt gu lèir.

Fhuair am baile beairteas mòr. Choisinn docaichean a' bhaile tòrr airgid tro mhalairt dhaoine fo thràilleachd. Thug e brosnachadh air leth cudromach do mhalairt agus do leasachadh gnìomhachais air feadh ceann an iar-thuath agus Meadhan Shasainn.

Ann an 1700 b' e port iasgaich a bh' ann an Liverpool agus bha mu 5,000 a' fuireach ann. Ro 1800, bha 78,000 a' fuireach agus ag obair ann an Liverpool.

Fhuair na mìltean obair air sgàth malairt dhaoine fo thràilleachd:

  • Bha feum air bàtaichean agus dh'fheumaist an togail agus an uidheamachadh.
  • Bha feum mhòr air saoir, luchd-dèanaimh ròpan, luchd-obrach sna docaichean agus air seòladairean.
  • Fhuair cuid eile obair ann am bancaichean agus ann an obair àrachais.

Bha Liverpool air leth soirbheachail agus rinn e sin le bhith an sàs an am malairt dhaoine fo thràilleachd.

Gràbhalachd a' sealltainn docaichean Liverpool sna 1800anImage source, ALAMY
Image caption,
Tha ailtireachd ghrinn nan togalaichean mun cuairt Liverpool a' sealltainn na thug malairt de dh'airgead a-steach dhan bhaile. Anns an 18mh linn, bha tòrr dhen bheairteas sin co-cheangailte ri malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.
Back to top

Bristol agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Ìomhaigh de Edward ColstonImage source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh de Edward Colston. B' e marsanta a bh' ann an Colston anns an t-17mh linn a rinn fhortan bho bhith an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd.

Rinn Bristol, port eile air taobh an iar Bhreatainn, uabhasach math air sgàth 's mar a shoirbhich le bhith a' malairt dhaoine fo thràilleachd.

Chosg marsantan, leithid Edward Colston, airgead air togalaichean ùra, grinn ann am meadhan a' bhaile agus thaisg iad airgead mòr ann am foghlam.

Dh'fhàs gnìomhachasan mar leaghadh-copair, fìneachadh-siùcair agus dèanamh-glainne mar thoradh air a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd chionn gun gabhadh na stuthan sin an às-mhalairt aig a' chiad ìre dhen Mhalairt Thriantanaich – ris an cante an Cùrsa Dèante.

Ann an 2020, chaidh an ìomhaigh aig Edward Colston a leagail le luchd-togail-fianais agus a sadail a chala Bhristol. Tha còmhraidhean air a bhith anns a' bhaile air mar a tha am baile a' gabhail ri dreuchd eachdraidheil nan saoranach a bhuineadh dha anns a' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd.

'S e aon phlana air an deach bruidhinn, plag poblach a choimiseanadh a' mìneachadh ceanglaichean a' bhaile ri tràilleachd.

Ìomhaigh de Edward ColstonImage source, ALAMY
Image caption,
Ìomhaigh de Edward Colston. B' e marsanta a bh' ann an Colston anns an t-17mh linn a rinn fhortan bho bhith an sàs ann am malairt dhaoine fo thràilleachd.
Back to top

Lunnainn agus a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd

Docaichean West India, Lunnainn mu 1880Image source, ALAMY
Image caption,
Docaichean West India, Lunnainn mu 1880. Chaidh na docaichean a thogail tràth anns an 19mh linn airson a bhith a' làimhseachadh bhàtaichean co-cheangailte ri malairt Atlantaigeach daoine fo thràilleachd.

Bha pàirt mhòr aig puirt Lunnainn ann am malairt dhaoine fo thràilleachd.

Eadar 1663-1698, b' e Lunnainn an aon phort ann am Breatainn aig an robh cead malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd. Bhiodh bàtaichean le daoine fo thràilleachd a' fàgail Lunnainn làn bathair airson a mhalairt nuair a ruigeadh iad.

Bha puirt Lunnainn cuideachd a' làimhseachadh agus a' pròiseasadh a' mhòr-chuid dhen t-siùcar a bha a' tighinn às a' Charibbean.

Bha uiread de bhathar a' tighinn a-steach a Lunnainn 's gum b' fheudar dhaibh docaichean ùr a thogail, Docaichean West India.

Docaichean West India, Lunnainn mu 1880Image source, ALAMY
Image caption,
Docaichean West India, Lunnainn mu 1880. Chaidh na docaichean a thogail tràth anns an 19mh linn airson a bhith a' làimhseachadh bhàtaichean co-cheangailte ri malairt Atlantaigeach daoine fo thràilleachd.

Tràilleachd agus bancaichean Lunnainn

Le puirt eile a' fàs air costa an iar Bhreatainn, thòisich luchd-malairt Lunnainn a' lorg dhòighean eile airson airgead a dhèanamh.

Dh'adhbharaich seo gun tàinig leasachadh air prìomh ionad an ionmhais ann an Lunnainn, ris an canar an City of London, agus thòisich mòran phrìomh bhancaichean agus institiùdan ionmhais a th' ann chun an latha an-diugh.

  • Lloyd's of London: Tha freumhaichean Lloyd's of London ann am malairt an Atlantaig co-cheangailte ri daoine fo thràilleachd. Leig na prothaidean a rinn iad bho àrachas bhàtaichean tràilleachd leotha fàs gu bhith air fear dhe na gnìomhachasan banca agus àrachais as motha air an t-saoghal.
  • Barclays Bank: Rinn David agus Alexander Barclay airgead mòr, mòr bho mhalairt Atlantaigeach ann an daoine fo thràilleachd. Stèidhich iad Banca Barclays airson iasadan a thoirt do mharsantan eile.
  • The Bank of England: Chaidh am banca a stèidheachadh ann an 1694. Thug e ionmhas do luchd-malairt dhaoine fo thràilleachd agus do luchd-seilbh phlanntachasan. Bha planntachasan aig cuid dhe na h-urracha mòra anns na h-Ìnnseachan an Iar.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Bhon iùl seo tha fios agad gun robh puirt Bhreatainn uabhasach cudromach ann an leasachadh na malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd.

  • Bha puirt Lunnainn a' làimhseachadh steach-bhathar siùcair bho phlanntachasan a' Charibbean.
  • Rinn ionadan ionmhais agus bancaichean Lunnainn airgead bho bhith a' maoineachadh agus a' toirt àrachas do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
  • Bha smachd aig Glaschu air 50% de mhalairt an tombaca san Roinn Eòrpa.
  • Thàinig bathar airson a mhalairt airson Afraganaich fo thràilleachd bho ghnìomhachasan Bhristol. Bha e cuideachd na phort cudromach siùcair.
  • Ghiùlain marsantan Liverpool barrachd Afraganaich fo thràilleachd na port sam bith eile ann am Breatainn – mu 60% dhen mhalairt.

A bharrachd air a bhith a' giùlan Afraganaich fo thràilleachd, fhuair puirt Bhreatainn buannachd bhon mhalairt ann an dòighean eile. Bha mòran phuirt a' toirt a-steach agus a' malairt bathar a chaidh a dhèanamh le luchd-obrach fo thràilleachd.

Back to top

More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Find out more by working through a topic