Dè bh' anns a' Chùrsa Mheadhain?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Dè bha sa Chùrsa Mheadhain ann am malairt Afraganaich fo thràilleachd?

Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd air an ceangal le sèine ann an toll bàta dhaoine fo thràilleachdImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh de dh'Afraganaich fo thràilleachd air an ceangal le sèine ann an toll bàta dhaoine fo thràilleachd.

Dreach luath

B' e an Cùrsa Meadhain dhen Mhalairt Thriantanaich an turas a ghabh Afraganaich fo thràilleachd thar an Atlantaig dhan Charibbean agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Bha dhòigh ann air Afraganaich fo thràilleachd a luchdachadh a tholl carago bhàtaichean dhaoine fo thràilleachd:

  • luchdachadh dlùth - a' cur uiread 's a ghabhadh de dhaoine air bòrd ach le reat-bàis na bu mhotha
  • luchdachadh sgaoilte - cha robh uiread de dhaoine air bòrd airson feuchainn ri stad a chur air sgaoileadh ghalaran agus an reat-bàis a lùghdachadh

Bha an suidheachadh air bàtaichean tràilleachd gràineil:

  • slàintealachd thruagh
  • biadh truagh
  • glè bheag de rùm
  • bhathar a' gabhail brath air na daoine fo thràilleachd, bha droch-dhìol ga dhèanamh orra agus bha iad air am pianadh
  • bha galar agus bàs cumanta

Ann an 1781, shad criutha a' bhàta tràilleachd Zong132 Afraganaich fo thràilleachd dhan mhuir gu am bàs an dèidh dhan uisge aca fàs gann. Chuir an tachartas seo uabhas air daoine agus chaidh a chleachdadh airson aire dhaoine a thoirt gu gluasad gus cur às do thràilleachd.

Chaidh Achd Malairt na Tràilleachd 1788 a thoirt a-steach airson feuchainn ris an t-suidheachadh air bòrd bàtaichean tràilleachd a leasachadh le bhith a' cur crìoch-àireamhan air na daoine fo thràilleachd a dh'fhaodadh a bhith air bòrd.

Back to top

Ionnsaich barrachd

A' luchdachadh bàta tràilleachd

Diagram: tar dhealbh de bhàta tràilleachd a' sealltainn mar a bha daoine glacte air am pacadh a-steach a bhàtaichean, agus an suidheachadh anns an robh iad a' fulang fhad 's a bhathar gan giùlanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn mar a bha Afraganaich fo thràilleachd air an cumail ann an toll carago bhàtaichean tràilleachd airson an giùlan thar an Atlantaig à Afraga a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Air costa Afraga an Iar, bha Eòrpaich a' malairt bathar dèante airson daoine Afraganach glacte.

Bha iad an uair sin a' seòladh dhan Charibbean agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Chante an t-Slighe Mheadhain ris a' bhòidse thar an Atlantaig. Bhiodh bàtaichean tràilleachd a' toirt eadar sia seachdainean agus aona seachdain deug air an t-slighe.

Bha bàtaichean a' dèanamh airgead le bhith a' toirt leotha na b' urrainn dhaibh de dhaoine fo thràilleachd thar an Atlantaig airson an reic aig rup. Bha dà dhòigh air am bàta a luchdachadh:

  • luchdachadh dlùth
  • luchdachadh sgaoilte
Diagram: tar dhealbh de bhàta tràilleachd a' sealltainn mar a bha daoine glacte air am pacadh a-steach a bhàtaichean, agus an suidheachadh anns an robh iad a' fulang fhad 's a bhathar gan giùlanImage source, ALAMY
Image caption,
Dealbh a' sealltainn mar a bha Afraganaich fo thràilleachd air an cumail ann an toll carago bhàtaichean tràilleachd airson an giùlan thar an Atlantaig à Afraga a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Dè bh' ann an luchdachadh dlùth?

Luchdachadh dlùth - bha an dòigh seo a' ciallachadh gun robh uiread 's a ghabhadh de dhaoine fo thràilleachd gan cur a tholl a' bhàta. Bhathar a' sùileachadh gum bàsaicheadh cuid, ach bhiodh còrr is leth dhiubh fhathast beò aig deireadh na bhòidse, agus a' dèanamh phrothaidean mòra.

Cha robh toll bàta idir mòr: bha e dìreach còig troighean a dh'àirde, le sgeilp timcheall an oir airson fiù 's barrachd dhaoine fo thràilleachd a ghiùlan. Bha na daoine cho faisg air a chèile 's gun tuirt aon chaiptean gun robh iad mar 'leabhraichean air sgeilp'.

Dè bh' ann an luchdachadh sgaoilte?

Luchdachadh sgaoilte - cha robh uiread de dhaoine fo thràilleachd gan cur còmhla agus bha barrachd rùm aca airson sìneadh.

Bha còir aig an seo ìrean galair agus ìrean bàis a lùghdachadh, a' ciallachadh gum biodh barrachd Afraganaich fo thràilleachd beò aig deireadh na bhòidse agus mar sin, gun deigheadh prothaidean àrdachadh.

Back to top

Cò ris a bha cùisean coltach air a' Chùrsa Mheadhain?

Ach co-dhiù bha iad a' cleachdadh luchdachadh dlùth no sgaoilte, bha suidheachadh nan daoine glacte Afraganach uabhasach.

Suidheachadh mì-shlàinteil

  • cha robh goireasan toidhleat ann idir – dh'fheumadh daoine fo thràilleachd an toidhleat a dhèanamh far an robh iad.
  • bha tràillean ceangailte còmhla le sèinichean. Nam bàsaicheadh cuideigin, 's dòcha gum biodh e fhathast san toll fad uairean a thìde agus e fhathast ceangailte ri daoine eile a bha beò.
  • bha an toll dorcha, gun èadhar ghlan agus le droch fhàileadh. Bha an teas agus an èadhar shalach cho dona 's nach gabhadh coinneal ri linn dìth ogsaidean.
  • bha biadh agus uisge air an gànrachadh le salachar dhaoine - bha seo ag adhbharachadh na (no a' ghearrag).
  • bha tinneas a' sgaoileadh gu math luath.

Droch bhiadh

  • glè thric cha b' urrainn dha na daoine glacte Afraganach am biadh a bh' aig a' chriutha Eòrpach a chnàmh agus bha sin a' dèanamh an tinneis na bu mhiosa.
  • cha mhaireadh biadh ùr anns an t-suidheachadh theth, thais, agus mar sin cha robh ann ach biadh tioram mar min-choirce, no aran sìmplidh no briosgaidean.
  • bha iasg no feòil shaillte a' toirt pròtain dhaibh – ach dh'fhaodadh na bha de shalainn ann tiormachd adhbharachadh.
  • bha dìth mheasan agus lusan ùra ag adhbharachadh , a dh'fhaodadh do mharbhadh.
  • bha biadh uaireannan air a dhiùltadh do dhaoine tinn agus bha iad air am fàgail gus am bàsaicheadh iad.
  • bha cuid de dhaoine glacte a' diùltadh ithe – nuair a dhèanadh iad sin 's dòcha gun deigheadh am biadh a sparradh orra.

Droch làimhseachadh agus nàrachadh

  • bha an dòigh anns an robh an criutha a' làimhseachadh nan daoine fo thràilleachd uaireannan na chùis uabhais.
  • bha boireannaich agus clann air an cumail air leth bho fhireannaich – dh'fhaodadh iad a bhith buailteach do dhaoine a' gabhail brath gnèitheasach orra.
  • bhathas a' toirt air cuid de dhaoine fo thràilleachd dannsa air an deic airson uair a thìde gach latha airson an cumail fiot.
  • mura dèanadh iad sin, bha an criutha gan cuipeadh gu dona.
  • bhiodh cuid de dhaoine fo thràilleachd a' cur làmh nam beatha fhèin le bhith a' leum a-mach air a' mhuir gus nach biodh aca ri cur suas ris a' chòrr brùidealachd.

Tinneas

Glè thric nam biodh tinneas air bòrd bàta tràilleachd, sgaoileadh e chun a' chriutha agus mharbhadh e mòran.

Bha an reat-bàis am measg nan daoine fo thràilleachd uabhasach ge-tà. Thathar a' tuairmse gun do bhàsaich eadar 15-16% de dhaoine fo thràilleachd air a' Chùrsa Mheadhain.

Back to top

Aghaidheachd a dh'fheuch Afraganaich ghlacte air a' Chùrsa Mheadhain

Bha fada a bharrachd dhaoine glacte Afraganach air bàtaichean tràilleachd na bha ann de chriuthaichean Breatannach.

Bha eagal air na criuthaichean gun dèanadh na daoine glacte ar-a-mach. Bhiodh iad a' maoidheadh orra agus gam peanasachadh le fòirneart airson smachd a chumail.

Bha a' mhòr-chuid de dhaoine glacte air an cumail ann an sèinichean, ach fiù 's aig an sin bha mòran a' feuchainn ri strì an aghaidh an t-suidheachaidh.

  • bhiodh cuid de dhaoine glacte a' diùltadh ithe – ach nan dèanadh iad sin 's dòcha gun deigheadh biadh a sparradh orra
  • bhiodh cuid a' diùltadh dannsa air an deic no eacarsaich a dhèanamh - bha iad air am peanasachadh le cuipeadh
  • bhiodh cuid a' feuchainn ri làmh a chur nam beatha fhèin le bhith a' leum far a' bhàta - bha iad air an ceangal le sèinichean gus stad a chur air an seo

Air cuid de bhàtaichean, dh'fheuch daoine glacte ri faighinn ma sgaoil, an glacadairean a mharbhadh no smachd fhaighinn air a' bhàta. Bha an fheadhainn a chaidh a ghlacadh air an cuipeadh no air am pianadh. Bhiodh an fheadhainn a phiobraich an ar-a-mach uaireannan air am marbhadh.

Mar eisimpleir, air 27 Ògmhios 1770, sgrìobh Richard Norris, caiptean a' Unity anns an log gun robh daoine glacte air…

…attempted to force up the gratings in the Night with a design to murder the whites or drown themselves, but were prevented by the watch. In the morning they confessed their intention and the women as well as the men were determined … to jump overboard but in case of being prevented by their irons were resolved as their last resource to burn the ship. Their obstinacy put me under the Necessity of shooting the Ring Leader.

Richard Norris Caiptean a' Unity

Back to top

Cuspair-sgrùdaidh: An Zong, 1781-1783

Gràbhalachd a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd gan sadail far an ZongImage source, ALAMY
Image caption,
Tha cùis a' Zong a' sealltainn cho dona 's a bha an suidheachadh air a' Chùrsa Mheadhain, agus cho beag diù 's a bh' aig daoine do bheatha nan daoine Afraganach fo thràilleachd.

B' e bàta tràilleachd a bhuineadh do luchd-malairt à Liverpool – agus fear dhiubh, William Grigson, air a bhith na Àrd-mhèar ann an Liverpool – a bha anns an Zong.

Fo chomannd caiptean nach robh eòlach, agus le cus air bòrd le mu 440 duine glacte Afraganach, dh'fhalbh an Zong thar an Atlantaig anns an Lùnastal 1781.

Cha do dh'amais am bàta air a ceann-uidhe anns a' Charibbean agus b' fheudar dhi trì seachdainean a bharrachd a chur seachad aig muir.

Le uisge gus teirig agus le eagal ar-a-mach, shad an criutha 132 neach glacte Afraganach dhan mhuir.

Dh'fheuch luchd-seilbh a' Zong ri airgead-dìolaidh fhaighinn air sgàth 's gun do chaill iad an carago de dhaoine fo thràilleachd. Nuair a dhiùlt an luchd-àrachais, chaidh a' chùis dhan chùirt. Às dèidh na ciad chùirt agus ath-thagradh, thuirt a' chùirt nach fheumadh an luchd-àrachais pàigheadh.

Cha deach duine riamh a chur fo chasaid co-cheangailte ri bàsan nan Afraganach bàthte.

Cha d' fhuair a' chùis cus aire aig an àm ach thàinig i gu bhith na samhla air uabhasan na Slighe Mheadhain agus chuir e spionnadh ris an iomairt airson cur às do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Gràbhalachd a' sealltainn dhaoine Afraganach fo thràilleachd gan sadail far an ZongImage source, ALAMY
Image caption,
Tha cùis a' Zong a' sealltainn cho dona 's a bha an suidheachadh air a' Chùrsa Mheadhain, agus cho beag diù 's a bh' aig daoine do bheatha nan daoine Afraganach fo thràilleachd.
Back to top

Achd Malairt nan Daoine fo Thràilleachd, 1788 – Achd Dholben

Dealbh a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd gan luchdachadh air bàta tràilleachdImage source, Shutterstock
Image caption,
Dealbh a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd gan luchdachadh air bàta tràilleachd. Chuireadh na h-Afraganaich seachad mu dhusan seachdain air an dinneadh a-steach a shuidheachadh gràineil air bòrd nam bàtaichean fhad 's a bha iad a' dol thar an Atlantaig. Bhàsaich mòran air an t-slighe.

Ann an 1788, chuir am BP Breatannach William Dolben bile air adhart gus feuchainn ri smachd a chumail air an t-suidheachadh air bàtaichean tràilleachd. Thug e cunntas air suidheachadh gràineil nan daoine fo thràilleachd a bh' air an ceangal mu na làmhan is mu na casan le sèinichean, agus iad mar sgadain ann am baraille, a' fulang le tinneasan lobhte agus marbhtach.

Chaidh Achd Malairt nan Daoine fo Thràilleachd, 1788 a chur an gnìomh agus chaidh smachd a chur air an àireamh dhaoine fo thràilleachd a dh'fhaodadh bàta a thoirt leatha, a rèir a cuideim.

Dh'òrdaich Achd Dholben cuideachd gum feumadh dotair a bhith air a h-uile bàta tràilleachd agus bha aige ri clàran a chumail mu na daoine Afraganach fo thràilleachd a bha air bòrd.

Bha na dotairean sin a' faighinn bhònasan a bharrachd a rèir 's dè an àireamh de dh'Afraganaich a bhiodh beò aig deireadh an t-slighe. Bha an suidheachadh fhathast gràineil ge-tà.

Dealbh a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd gan luchdachadh air bàta tràilleachdImage source, Shutterstock
Image caption,
Dealbh a' sealltainn Afraganaich fo thràilleachd gan luchdachadh air bàta tràilleachd. Chuireadh na h-Afraganaich seachad mu dhusan seachdain air an dinneadh a-steach a shuidheachadh gràineil air bòrd nam bàtaichean fhad 's a bha iad a' dol thar an Atlantaig. Bhàsaich mòran air an t-slighe.
Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

B' e an Cùrsa Meadhain a' phàirt dhen Mhalairt Thriantanaich air am biodh daoine glacte Afraganach air an toirt bho Thaobh an Iar Afraga dhan Charibbean agus a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas.

Bha dà dhòigh ann air daoine glacte a ghiùlan. Bha na dhà ag amas air an ìre as motha de phrothaid.

dòighcunntasbuil
luchdachadh dlùthuiread 's a ghabhadh de dhaoine glacte air an dinneadh air bòrdbhàsaicheadh mòran ach bha luchd-malairt an dòchas gum biodh gu leòr beò airson prothaid a dhèanamh
luchdachadh sgaoiltecha robh uiread de dhaoine glacte air bòrd agus bha barrachd rùm acabhiodh barrachd beò, agus mar sin bhiodh na prothaidean fhathast mòr

An suidheachadh air bòrd

  • Bha fireannaich air an cumail ann an sèinichean ann an toll carago dorcha gun mòran rùm ann
  • Bha boireannaich agus clann air an cumail air leth - uaireannan air an deic gun mòran fasgaidh
  • Bha am biadh gann agus cha robh beathachadh ann - dh'fhàs daoine glacte lag no tinn
  • Bha biadh agus uisge air an gànrachadh le sgudal dhaoine
  • Dh'adhbharaich dìth slàintealachd, cus dhaoine agus èadharachadh truaghgalar agus tinneas
  • Bha daoine glacte buailteach do ainneart, pianadh agus dubh-shaothrachadh gnèitheasach

Aghaidheachd

Bhiodh daoine glacte uaireannan a' diùltadh biadh, a' diùltadh eacarsaich, a' leum far a' bhàta no a' planadh ionnsaigh airson smachd fhaighinn air a' chriutha no am marbhadh.

Bha daoine a dh'fheuchadh air aghaidheachd, no seasamh an aghaidh chùisean, air am peanasachadh le cuipeadh no pianadh eile no air am marbhadh.

Thathar a' meas gun do bhàsaich 15% de dhaoine glacte Afraganach air a' Chùrsa Mheadhain.

Ann an 1781, shad criutha bàta tràilleachd, an Zong, 132 neach glacte Afraganach dhan mhuir airson uisge òil a ghleidheadh agus gus stad a chur air ar-a-mach. Dh'fheuch luchd-seilbh a' bhàta ri airgead-dìolaidh fhaighinn air sgàth 's gun do chaill iad an carago. Chuir a' chùis spionnadh ris an iomairt airson cur às do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.

Atharrachadh san t-suidheachadh

Chaidh Achd Malairt nan Daoine fo Thràilleachd, 1788 (ris an cante Achd Dholben) a chur an gnìomh airson an suidheachadh air bòrd bhàtaichean tràilleachd a leasachadh:

  • chaidh bacadh air an àireimh dhaoine glacte a bhiodh air an giùlan a stèidheachadh
  • dh'fheumadh lannsair/dotair a bhith air a h-uile bàta
  • bha pàigheadh lannsair a rèir àireimh nan daoine glacte a mhaireadh beò
Back to top

More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Find out more by working through a topic