Dè bh' anns a' mhalairt thriantanaich?

Part ofEachdraidhA' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd

Dè bh' anns a' mhalairt thriantanaich?

Dreach luath

  • Tha Cùmhnant Utrecht 1713 a' toirt cead do mharsantan Breatannach Afraganaich fo thràilleachd a mhalairt ann an Ameireaga a Deas agus a bhuineadh dhan Spàinn.
  • B' e Cùrsa a' Bhathair Dhèante a b' ainm dhan chiad ìre dhen mhalairt thriantanaich agus bhiodh bathar air a dhèanamh ann am Breatainn ga ghiùlan air a' chùrsa seo a dh'Afraga airson a mhalairt airson Afraganaich ghlacte.
  • B' e an Cùrsa Meadhain a b' ainm dhan dara ìre dhen mhalairt thriantanaich. Aig an ìre seo, bhiodh Afraganaich fo thràilleachd air an giùlan thar an Atlantaig a dh'Ameireaga.
  • B' e Cùrsa na Dachaigh a b' ainm dhan treas ìre dhen mhalairt thriantanaich. Bhiodh bathar a chruthaich Afraganaich fo thràilleachd mar siùcar, ruma agus cotan ga thoirt air ais gu puirt Bhreatainn.
Back to top

Bhidio - A' mhalairt thriantanach

Dh'fhàs mòran luchd-malairt Eòrpach glè bheairteach air sgàth malairt an Atlantaig ann an Afraganaich fo thràilleachd. Faigh a-mach barrachd mu na slighean malairt anns an fhilm ghoirid seo.

Back to top

Ionnsaich barrachd

Na prìomh thachartasan ann am malairt nan Afraganaich fo thràilleachd

Loidhne-tìm nam prìomh thachartasan ann am malairt nan Afraganaich fo thràilleachd
Figure caption,
Loidhne-tìm nam prìomh thachartasan ann am malairt nan Afraganaich fo thràilleachd.
Back to top

Ciamar a thòisich a' mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd?

Air 18 Ògmhios 1452, thuirt am Pàp Nicholas V gu h-oifigeil gun robh a' chòir aig Portagail ris a h-uile dùthaich a 'lorg iad' air costa an iar Afraga.

Thug am Pàp ùghdarras do Rìgh Alfonso Phortagail:

invade, search out, capture, vanquish, and subdue all Saracens and pagans whatsoever, and other enemies of Christ wheresoever placed… and reduce their persons to perpetual slavery.

B' e an co-dhùnadh oifigeil seo, leigeil le cumhachd Eòrpach neo-Chrìosdaidhean a chur fo thràilleachd, a lean gu malairt an Atlantaig ann an Afraganaich.

Malairt na Spàinn agus Phortagail ann an Afraganaich fo thràilleachd

Thòisich malairt ann an daoine fo thràilleachd nuair a bha luchd-malairt à Portagail agus às an Spàinn a' toirt dhaoine à Afraga dha na coloinidhean Ameireaganach a chuir iad fodha sa 15mh linn.

Chaidh mu 350,000 Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas san dòigh sin aig an àm sin.

Cuin a theann Breatainn ri malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd?

Ann an 1713, chaidh Cùmhnant Utrecht a shoidhnigeadh eadar an Spàinn agus Breatainn.

Thug an Spàinn an cùmhnant, ris an canar an Asiento, do luchd-malairt dhaoine fo thràilleachd ann am Breatainn airson 144,000 neach fo thràilleachd gach bliadhna a chur dhan roinn Spàinntich de dh'Ameireaga a Deas. An dèidh 1700, chaidh an àireamh dhaoine fo thràilleachd a bha gan gluasad am meud gu mòr.

Chaidh timcheall air sia millean Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas mar dhaoine fo thràilleachd, agus bha co-dhiù an treas cuid dhiubh air bàtaichean Breatannach.

Tha tuairmse ann gun deach mu 12 millean Afraganach a ghlacadh airson an toirt a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas mar dhaoine fo thràilleachd.

Back to top

Càit an deach Afraganaich fo thràilleachd a thoirt?

Map de mhalairt dhaoine fo thràilleachd, a' sealltainn a' cheudad de dhaoine fo thràilleachd a thugadh do dhiofar dhùthchannan
Figure caption,
Map de mhalairt dhaoine fo thràilleachd, a' sealltainn a' cheudad de dhaoine fo thràilleachd a thugadh do dhiofar dhùthchannan.
  • chaidh còrr is 55% dhe na daoine fo thràilleachd a Bhrasil agus a dh'Ameireaga a Deas a bha leis an Spàinn
  • chaidh mu 35% a thoirt dha na h-Innseachan an Iar
  • chaidh na bu lugha na 5% de dhaoine fo thràilleachd a reic ann an Ameireaga a Tuath

Ann an 1770 chaidh mu 100,000 neach fo thràilleachd a chur à Afraga a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas. Chaidh mu 50,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach - timcheall air an dara leth.

Ann an 1790 chaidh mu 74,000 neach fo thràilleachd a chur dhan t-Saoghal Ùr. Chaidh mu 38,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach, mu 20,000 air bàtaichean Frangach, mu 10,000 air bàtaichean à Portagail, mu 4,000 air bàtaichean Dùitseach agus mu 2,000 air bàtaichean às an Danmhairg.

Bha bàtaichean malairt Bhreatainn a' gabhail pàirt ann am malairt nan daoine fo thràilleachd gus an deach cur às dhan mhalairt ann an 1807.

Back to top

Dè an cùrsa a bha aig a' mhalairt thriantanaich?

Map a' sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt nan daoine fo thràilleachd agus àiteachan a bha na lùib
Figure caption,
Map a' sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt dhaoine fo thràilleachd agus àiteachan a bha na lùib.

B' e a' mhalairt thriantanach an cùrsa seòlaidh a bha luchd-malairt Breatannach ann an daoine Afraganach fo thràilleachd a' gabhail. Bha trì ìrean air an t-slighe:

  • Cùrsa a' Bhathair Dhèante
  • an Cùrsa Meadhain
  • Cùrsa na Dachaigh
Back to top

Ìre 1: Cùrsa a' Bhathair Dhèante

Bhiodh bàtaichean malairt Bhreatainn a' seòladh gu costa an iar Afraga.

B' e seo Cùrsa a' Bhathair Dhèante, chionn bha na bàtaichean a' giùlan bathar dèante airson a reic agus a mhalairt. Mar eisimpleir:

  • aodach
  • seudraidh
  • gunnachan
  • pùdar-gunna
  • deoch-làidir

An toiseach bha cuid dhe na daoine fo thràilleachd air an glacadh gu dìreach le bàtaichean Bhreatainn. Ge-tà, bha a' mhòr-chuid de bhàtaichean a' faighinn an ath charago de dhaoine fo thràilleachd bho 'bhàillidhean' Breatannach.

Bha na bàillidhean a' fuireach ann an Afraga agus a' ceannach dhaoine fo thràilleachd bho cheannardan nan treubhan ionadail.

Bheireadh na ceannardan ionnsaigh air baile a bha nan aghaidh agus reiceadh iad na nàimhdean a ghlac iad mar dhaoine fo thràilleachd. Bhiodh na daoine fo thràilleachd air am mèarrsadh chun a' chosta, ceangailte le sèine, far an robh iad air an cumail ann am prìosain ris an cante 'factaraidhean'.

Ann an 1700, bha neach fo thràilleachd a' cosg mu fhiach £3 de bhathar malairt (aodach, gunnachan, fùdar ghunnachan agus branndaidh).

Back to top

Ìre 2: an Cùrsa Meadhain

Aon uair 's gun robh iad air an luchdachadh le daoine fo thràilleachd, bhiodh na bàtaichean a' seòladh thar an Atlantaig dha na h-Innseachan an Iar. B' e an Cùrsa Meadhain a bh' air a' chuid seo dhen mhalairt thriantanaich.

Bha cùisean air bòrd bàtaichean tràilleachd dìreach uabhasach fhèin:

  • bha Afraganaich fo thràilleachd air an dinneadh a-steach a thuill nam bàtaichean
  • 's e glè bheag de sholas no de dh'èadhar a bh' ann
  • cha robh toidhleat no goireasan slàintealachd ann
  • bha daoine fo thràilleachd a’ faighinn droch làimhseachadh – bha iad uaireannan air am pianadh agus bha daoine a' gabhail brath orra
  • dh'adhbharaich galaran agus tinneas iomadh bàs

Nuair a ruigeadh iad na h-Innseachan an Iar, bha na daoine fo thràilleachd an uair sin gan reic aig rup. Bha a' mhòr-chuid dhiubh a' faighinn obair mar luchd-obrach air na planntachasan a' cur bàrr mar siùcar (a' dèanamh ruma), cofaidh, cotan agus tombaca.

Ann an 1700, bha neach fo thràilleachd ga reic anns na h-Innseachan an Iar air £20. An taca ris an tasgadh de £3 air an robh gach neach fo thràilleachd air a cheannach, bha seo a' ciallachadh gun robh deagh phrothaid ann dhan fheadhainn a bha deònach a bhith ri malairt ann am beatha dhaoine.

Diagram bho na h-1820an a' sealltainn mar a bha Afraganaich fo thràilleachd air an cur ann an òrdugh air bòrd bàtaichean nan daoine fo thràilleachd air a' Chùrsa MeadhainImage source, ALAMY
Image caption,
Diagram bho na h-1820an a' sealltainn mar a bha Afraganaich fo thràilleachd air an cur ann an òrdugh air bòrd bàtaichean nan daoine fo thràilleachd air a' Chùrsa Meadhain. Bhon a bha cho beag de rùm annta agus iad a' giùlan uiread de dhaoine, bha barrachd prothaid ri dhèanamh. B' e 'tight pack' a chante ris an òrdugh seo.
Back to top

Ìre 3: Cùrsa na Dachaigh

An dèidh an carago de dhaoine Afraganach fo thràilleachd a chur air tìr agus a reic anns a' Charibbean, dheigheadh na bàtaichean malairt a lìonadh le bathar a gheibheadh prìs mhath ann am Breatainn agus anns an Roinn Eòrpa.

B' e Cùrsa na Dachaigh a bha air a' cheum mu dheireadh seo.

Am measg a' bhathair a bha air a chruthachadh anns na h-Innseachan an Iar bha:

  • siùcar
  • ruma
  • cotan
  • cofaidh

Bha iad sin uile air an dèanamh air planntachasan a' cleachdadh Afraganaich fo thràilleachd airson an obair a dhèanamh.

Nan soirbhicheadh leotha a' cur crìoch air a' mhalairt thriantanaich, dh'fhaodadh prothaid mhòr a bhith ann do mharsantan agus do luchd-tasgaidh.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Dh'ionnsaich thu bhon artaigil seo gun robh luchd-malairt Breatannach an sàs gu foirmeil ann am malairt ann an Afraganaich fo thràilleachd air sgàth 's an Asiento – a' chòir 144,000 Afraganach a reic airson tràilleachd gach bliadhna ann an tìrean fo riaghladh Spàinnteach ann an Ameireaga a Deas.

Bha luchd-malairt Breatannach a' cleachdadh turas trì ìrean thar an Atlantaig agus b' e seo a' mhalairt thriantanach.

  • Ìre 1: Cùrsa a' Bhathair Dhèante. A' malairt bathar air a dhèanamh ann am Breatainn leithid clòimh agus gunnaichean ann an Afraga. Bhiodh an luchd-malairt a' ceannach Afraganaich fo thràilleachd leis an airgead a thigeadh bho na chaidh a reic.
  • Ìre 2: an Cùrsa Meadhain. Bhiodh Afraganaich fo thràilleachd air an toirt thar an Atlantaig a dh'Ameireaga a Tuath agus Deas. Dheigheadh an reic air prothaid mhòr airson obrachadh air planntachasan.
  • Ìre 3: Cùrsa na Dachaigh. Bhiodh an luchd-malairt a' ceannach bathar air a dhèanamh le daoine fo thràilleachd leithid siùcar, ruma, cotan agus tombaca. Bha iad sin air an reic anns an Roinn Eòrpa agus a' toirt a-steach beairteas mòr.
Back to top