Ciamar a chuir iomairtean cur às do thràilleachd stad air a' mhalairt?
Dreach luath
Bha mòran dhaoine an sàs anns an obair airson cur às dhan mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd agus thug e iomadh bliadhna.
- Bha cuid dhen chiad dhaoine a bha an aghaidh na malairt nam buill dhen chreideamh Quaker.
- Bha iad an aghaidh na malairt ann an daoine fo thràilleachd air adhbharan moralta.
- Stèidhich iad an Comataidh airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd ann an 1787.
Bha iomadh dòigh ann air cur an aghaidh tràilleachd:
- Creideamh. Bha cuid de bhuidhnean mar na Quakers agus na Methodists dhen bheachd nach robh tràilleachd a rèir Crìosdaidheachd.
- Daonnachail. Bha mòran aig an robh co-fhaireachdainn do dh'Afraganaich fo thràilleachd agus bha iad airson gum faigheadh iad an saorsa.
- Eaconamach. Bha cuid, mar an t-eaconamaiche Adam Smith, dhen bheachd nach robh tràilleachd èifeachdach.
Tro luchd-poilitigs mar William Wilberforce, BP airson Kingston upon Hull, bha cuideam taobh a-staigh na Pàrlamaid airson cur às do thràilleachd.
Bha cuideachd iomairtean ann, boycotts agus fianais-dhùbhlain le luchd-iomairt airson cur às do thràilleachd taobh a-muigh na pàrlamaid.
Bhidio - Iomairtean cur às do thràilleachd
Thug an iomairt airson cur às dhan mhalairt ann an Afraganaich fo thràilleachd iomadh bliadhna agus obair le mòran dhaoine. Faigh a-mach barrachd ann a' bhidio ghoirid.
Olaudah Equiano was a writer in 18th Century London.
"… the air soon became unfit for respiration… and brought on a sickness among the slaves, of which many died… The shrieks of the women, and the groans of the dying, rendered the whole a scene of horror almost inconceivable."
When he wrote those words about the ordeal of captured Africans being transported across the Atlantic he didn't need to use his imagination. He was writing from experience.
He had been captured at the age of 11, in West Africa, and sold into slavery in the Caribbean.
Later in his life, he bought his freedom, and when he published his autobiography in 1789, it was a great success – helping to raise public awareness of the terrible reality of the slave trade.
Some British religious groups were opposed to slavery. They believed that God had created all men as equals.
The Quakers became active campaigners.
The Society For Effecting The Abolition Of The Slave Trade was formed in 1787, and most of its founders were Quakers.
They held public meetings, published pamphlets, and petitioned Parliament.
One of its members, Thomas Clarkson, began to collect detailed evidence on the way the trade was run – the conditions on the ships, how many men women and children died during the crossings, and the cruel methods used to subdue people.
His evidence was used by Member of Parliament William Wilberforce.
Starting in 1789, Wilberforce regularly introduced bills in Parliament proposing the banning of the slave trade. His bills were voted down; many MPs themselves had investments in the Caribbean.
While many workers feared abolition would impact their own jobs and industries, as the campaign continued, public opinion began to shift.
More and more people began to see slavery as morally wrong – and many boycotted buying sugar.
In 1807, Wilberforce presented his sixteenth Abolition Bill. It passed.
It didn't make slavery illegal, but it ordered all slave ships to be destroyed, and banned the buying and selling of slaves anywhere in the British Empire.
However, slavery didn't end immediately, continuing in British owned plantations until it was finally prohibited in 1838.
Ionnsaich barrachd
Ciamar a thòisich an iomairt airson cur às do thràilleachd?
Aig deireadh an 18mh linn, thòisich beachd a' mhòr-shluaigh a' tionndadh an aghaidh na malairt ann an daoine fo thràilleachd.
B' e a' chiad bhuidheann a thuirt gu poblach gun robh iad an aghaidh tràilleachd an Society of Friends (buidheann Crìosdail ris an canar na Quakers).
Ann an 1761, dh'aontaich iad nach fhaodadh duine dhe na buill aca a bhith an sàs ann an ceannach is reic dhaoine.
Dh'fhàs mòran dhe na buill aca cudromach anns a' ghluasad gus cur às do thràilleachd.
Beachd Crìosdail air tràilleachd
Stèidhichte air diofar mhìneachaidhean dhen Bhìoball agus am beachdan moralta fhèin, bha diofar bheachdan am measg Chrìosdaidhean anns an 18mh linn air tràilleachd.
Tha earrann anns a' Bhìoball a tha a' toirt cunntas air daoine fo thràilleachd a bhith aig Abrahàm. Bha mòran Chrìosdaidhean dhen bheachd gun robh seo a' ciallachadh gun robh tràilleachd ceart gu leòr gu moralta.
Bha cuid eile a' faicinn tràilleachd mar nì nach robh ceart agus a bha olc agus rinn iad iomairt airson cur às dha.
- Thòisich an Eaglais Chaitligeach air tràilleachd a chàineadh. Ann an 1741, chuir am Pàp Benedict XIV an aghaidh tràilleachd san fharsaingeachd.
- Chuir an neach-stèidheachaidh Methodist John Wesley an aghaidh tràilleachd agus thug e cunntas mionaideach air an droch dhìol ceangailte ris ann am bileag a chaidh fhoillseachadh ann an 1774.
A' Chomataidh airson Cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd
Image source, ALAMYAnn an 1787, chaidh a' Chomataidh airson Cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a stèidheachadh.
Bha BP Kingston upon Hull MP, William Wilberforce, a' riochdachadh na Comataidh anns a' Phàrlamaid. Bha naoinear dhen dà bhall deug tùsail nan Quakers.
Bha luchd-malairt, luchd-seilbh phlanntachasan agus daoine le ùidh ionmhasail ann an tràilleachd a chumail a’ dol gu mòr nan aghaidh.
- Bha cuid mhòr de bheairteas Bhreatainn an urra ri bathar air a dhèanamh le daoine fo thràilleachd anns na h-Innseachan an Iar.
- Bha luchd-seilbh dhaoine fo thràilleachd air tòrr airgid a phàigheadh airson daoine fo thràilleachd agus bhiodh iad na bu mhiosa dheth a thaobh airgead.
- Nan iarradh luchd-seilbh dhaoine fo thràilleachd airgead-dìolaidh, bhiodh e ro dhaor dhan riaghaltas beachdachadh air cur às do thràilleachd.
Cho-dhùin an Comann gum biodh e na b' fheàrr crìoch a chur air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd seach tràilleachd fhèin.
Chuireadh seo co-dhiù crìoch air uabhas na Slighe Mheadhain.
Image source, ALAMYPrìomh argamaidean airson cur às do mhalairt dhaoine fo thràilleachd
Chuir an fheadhainn a bha airson cur às do thràilleachd iomadh argamaid air adhart a' toirt taic dhan adhbhar aca gus casg a chur air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd anns na raointean a leanas:
- argamaidean creideimh
- argamaidean daonnachdail
- argamaidean eaconamach
Argamaidean creideimh an aghaidh tràilleachd
Image source, ALAMYAig an taigh, bha muinntir Bhreatainn a' cluinntinn bho mhiseanaraidhean anns na colonaidhean mar a bhathar a' dèiligeadh ri daoine fo thràilleachd. Bha an teagasg Chrìosdail a bha ag ràdh gun robh a h-uile neach co-ionann ann an sùilean Dhè a' dol an aghaidh na h-argamaid airson tràilleachd.
Thàinig a' phrìomh argamaid Chrìosdail airson cur às do thràilleachd bhon ath-bheothachadh creideimh an 18mh linn. Bha i stèidhichte air creideasan a thaobh moraltachd agus peacadh. Chuir John Wesley, a stèidhich Methodism, ceist ann am moraltachd tràilleachd.
Bho mheadhan an 18mh linn, chuir buidheann ùr de cheannardan eaglais ceist ann an somaltachd ghinealaich a bh' ann romhpa.
- Chuir Beilby Porteus, Easbaig Anglican Lunnainn, ceist mhòr ann an seasamh na h-Eaglais a thaobh tràilleachd.
- Thug an dithis Albannach inntleachdail William Robertson agus James Beattie le chèile buaidh air a' BhP William Wilberforce.
- Bha prìomh àite aig eaglaisean Albannach anns a' ghluasad airson cur às do thràilleachd, ged nach do rinn Eaglais na h-Alba tagradh anns a' Phàrlamaid airson cur às do mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
Image source, ALAMYArgamaidean daonnachdail an aghaidh tràilleachd
Do mhòran dhaoine a bha taiceil don iomairt airson cur às do thràilleachd, bha e gu leòr gun robh an saorsa agus an còraichean daonna air an àicheadh do dh’Afraganaich neo-chiontach fo thràilleachd.
Bha an obair a rinn an luchd-iomairt airson cur às dhan mhalairt, ann a bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh air cho borb 's a bha a' mhalairt, èifeachdach. Thuig daoine gun robh a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd a' dèanamh bhrùidean dhe gach neach a bha an sàs ann.
Bha cosgais ann fiù 's dha na Breatannaich oir bhàsaich iomadh seòladair Breatannach air an turas chunnartach thar an Atlantaig a bha an lùib a' mhalairt thriantanaich.
Argamaidean eaconamach an aghaidh tràilleachd
Image source, ALAMYSgrìobh an t-eaconamaiche agus am feallsanaiche Albannach Adam SmithThe Wealth of Nations ann an 1776. Sgrìobh e gum b' e daoine fo thràilleachd an luchd-obrach a bu neo-èifeachdaiche agus a bu chosgaile a b' urrainnear a chleachdadh.
Bha cus solar siùcair air feadh an t-saoghail agus bha e doirbh do mharsantan Bhreatainn a mhach-mhalairt a-rithist. Bha siùcar ri fhaighinn nas saoire agus gun tràilleachd a chleachdadh bho na colonaidhean Breatannach eile, mar Na h-Innseachan.
Rinn cuid argamaid nach robh gnìomhachas Bhreatainn a-nis cho mòr an eisimeil malairt ann an daoine fo thràilleachd.
Bha Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais aig àirde agus bha iarraidh mhòr ann am factaraidhean ùra ann am Breatainn air luchd-obrach. Bha malairt Bhreatainn ris na colonaidhean aice anns na h-Innseachan agus anns an Ear Chèin a' fàs gu luath agus bha na factaraidhean sin ag iarraidh bathar ionadail a dhèanamh airson a reic anns na margaidean sin thall thairis. Bha a' mhalairt seo na bu phrothaidiche na malairt ann an daoine fo thràilleachd.
Image source, ALAMYWilliam Wilberforce, BP
Image source, ALAMYLeis a' BhP William Wilberforce air an ceann, chuir an fheadhainn a bha airson cur às do thràilleachd fichead bliadhna seachad a' feuchainn ri toirt air a' Phàrlamaid lagh a chur an gnìomh a chuireadh crìoch air malairt ann an daoine fo thràilleachd.
Ann an 1789, rinn Wilberforce òraid anns a' Phàrlamaid an aghaidh tràilleachd a mhair trì uairean a thìde. Ann an 1791, chuir Wilberforce bile eile air beulaibh Thaigh nan Cumantan airson cur às do thràilleachd.
Bha taic aige bhon Phrìomh Mhinistear, William Pitt the Younger, ach cha deach am bile troimhe. Chaidh cur às dha le 163 bhòt gu 88.
A h-uile bliadhna eadar 1789 agus 1806, chuir Wilberforce Bile air adhart airson cur às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Ann an 1804, bhòt Taigh nan Cumantan airson cur às do thràilleachd, ach cha do ghabh Taigh nam Morairean ri Bile Wilberforce.
Ann an 1806, mhol caraid Wilberforce, James Stephen, Bile a' cur casg air bàtaichean Breatannach bho bhith a' giùlan dhaoine fo thràilleachd dha na colonaidhean Frangach. Chan fhaca Buill Pàrlamaid a bha airson tràilleachd cho cudromach 's a bha am Bile agus leig iad troimhe e. Chuir seo stad air dà thrian dhen mhalairt agus cha robh i prothaideach às dèidh sin.
Ann an 1807, às dèidh iomairt mhòr, chuir a' Phàrlamaid às dhan mhalairt ann an daoine fo thràilleachd.
Image source, ALAMYDè an taic a bha anns a' phàrlamaid airson cur às do thràilleachd?
Bha BP ainmeil eile leithid am Prìomh Mhinistear William Pitt the Younger agus an seann neach-poilitigs eòlach, Charles James Fox, gu ìre mhòr a' toirt taic do Wilberforce agus cur às do thràilleachd.
Bha am BP Sir William Dolben a' toirt taic do leasachadh pàrlamaideach agus do chur às do thràilleachd. Le taic bho fheadhainn eile a bha airson cur às dha, chuir Dolben Bile air adhart ann an 1788 airson gum biodh suidheachadh riaghailteach air bòrd bhàtaichean tràilleachd, agus chaidh a chur an gnìomh mar lagh le mòr-chuid mhòr.
Dè an taic a bha aig an iomairt taobh a-muigh na pàrlamaid?
Cho-dhùin a' chùis-lagha Knight vs Wedderburn 1788 ann an Dùn Èideann nach robh tràilleachd a' dol a rèir Lagh na h-Alba.
Rinn timcheall air 300,000 neach ann am Breatainn boycott air siùcar a chaidh fhàs le obair dhaoine fo thràilleachd tràth anns na 1790an. Bha an iomairt seo gu ìre mhòr air a chur air dòigh le luchd-iomairt bhoireann mar Hannah More. Chaidh reic siùcair às na h-Innseachan am meud a dheich uiread san ùine seo.
Sgrìobh feadhainn a bha airson cur às do thràilleachd litrichean agus rinn iad tagraidhean ris a' Phàrlamaid.
As t-earrach 1792, bha faireachdainn làidir am measg a' phobaill air feadh na dùthcha an aghaidh malairt ann an daoine fo thràilleachd. Ann am beagan sheachdainean, ràinig 519 tagradh a' Phàrlamaid, air an soidhnigeadh le còrr is 390,000 neach.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Bhuineadh mòran dhen luchd-iomairt an aghaidh na malairt thar an Atlantaig ann an daoine fo thràilleachd do chreideamh nan Quakers. Ri linn an creideamh bha iad an aghaidh na malairt air adhbharan moralta agus beusail.
- Chaidh an Comataidh airson cur às do Mhalairt ann an Daoine fo Thràilleachd a stèidheachadh ann an 1787.
- Bha am BP airson Kingston upon Hull, William Wilberforce, gan riochdachadh ann an Taighean na Pàrlamaid.
Thar iomadh bliadhna, chuir Wilberforce bilean air adhart sa phàrlamaid airson feuchainn ri stad a chur air a' mhalairt ann an daoine fo thràilleachd. Cha do shoirbhich leis na bilean.
Bha diofar dhòighean airson cur an aghaidh tràilleachd:
- Creideamh. Bha Quakers agus Methodists dhen bheachd nach robh tràilleachd a rèir Crìosdaidheachd.
- Daonnachail. Bha mòran aig an robh co-fhaireachdainn do dh'Afraganaich fo thràilleachd agus bha iad airson gum faigheadh iad an saorsa.
- Eaconamach. Bha cuid, mar an t-eaconamaiche Adam Smith, dhen bheachd gun robh tràilleachd neo-èifeachdach.
Bha iomairtean, boycotts agus fianais-dhùbhlain ann cuideachd taobh a-muigh na pàrlamaid le feadhainn a bha airson cur às do thràilleachd.
More on A' mhalairt ann an daoine Afraganach fo thràilleachd
Find out more by working through a topic
- count1 of 20
