Aibhnichean agus glinnCruthan-tìre aibhne - an cùrsa ìochdrach

Tha feartan aibhne is cleachdaidhean-fearainn ag atharrachadh ann an cùrsa aibhne. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn agus feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasAibhnichean agus glinn

Pròiseasan a' cruthachadh chruthan-tìre aibhne - an cùrsa ìochdrach

Mar a tha levees gan cruthachadh ann an cùrsa ìochdrach aibhne

Leabhaidh

Leabhaidh ga chruthachadh
Figure caption,
Leabhaidh ga chruthachadh
  • Tha an abhainn air an raon-tuile aice le caisead gu math ìosal.
  • Tha an abhainn a' tasgadh mar as trice (eabar agus gainmheach).
  • Nuair a bhios an abhainn na tuil, bidh tòrr eabair ga thasgadh air bruaichean na h-aibhne agus gu math nas lugha air an raon-tuile.
  • Bidh tuileachadh tric a' cur ris a' chruinneachaidh seo.
  • Bidh seo a' togail na h-aibhne os cionn an raoin-tuile.
  • Mar as trice, bidh na leabhaidhean a' dìon an raoin bho thuileachadh.