Pròiseasan a' cruthachadh chruthan-tìre aibhne - an cùrsa uachdrach
Cruthachadh gleann air chumadh V agus eas ann an cùrsa uachdrach aibhne
Gleann air chumadh V
Gleann air chumadh V ga chruthachadh
- Bidh aibhnichean a' tòiseachadh gu h-àrd anns na beanntan. Mar sin bidh iad a' sruthadh gu luath sìos a' bheinn agus a' bleith an dealbh-tìre gu bheartaigil.
- Bidh an abhainn a' gearradh eag dhomhainn san dealbh-tìre air obair haidreolaig, bualadh agus bleith.
- Mar a bhios an abhainn a' bleith sìos, bidh taobhan a' ghlinne fosgailte do shìde-chaitheamh le reothadh is aiteamh. Bidh sin a' fuasgladh nan creagan (tuitidh cuid dhiubh dhan abhainn) agus a' dèanamh taobhan a' ghlinne nas caise.
- Bidh na creagan a thuit dhan abhainn a' cur ri pròiseas a' bhualaidh agus bidh sin ag adhbharachadh tuilleadh bleith.
- Bidh an abhainn a' giùlan nan creagan sìos an abhainn. Bidh an cladhan a' fàs nas leatha agus nas doimhne agus a' cruthachadh gleann air chumadh V eadar sporan co-cheangailte.
Bleith
Eas
Eas ga chruthachadh
- An abhainn a' sruthadh thar fhillidhean de chreagan nas buige agus nas cruaidhe.
- Creag nas buige a' bleith nas luaithe.
- An abhainn a' gearradh fo chreag nas cruaidhe agus a' fàgail creag-chrochaidh.
- Bidh an abhainn a' cruthachadh lòn-eas fon eas.
- Chan eil taic aig a' chreig-chrochaidh agus tuitidh i dhan lòn-eas.
- An t-eas a' gluasad suas an abhainn.
- Bidh am pròiseas seo a' leantainn air agus thèid mòr-ghil a ghearradh ann an taobh na beinne.
Easan