Cùrsa aibhne
Feartan gach ìre dhen abhainn
Tha abhainn glè thric air a roinn ann an trì pàirtean no ìrean agus tha feartan sònraichte aig gach ìre.
Cuidichidh an clàr gu h-ìosal thu gus cuimhneachadh air prìomh fheartan gach ìre.
| Ìre | Prìomh obair | Prìomh fheartan |
| Cùrsa uachdrach (caisead mòr) | Bleith dhìreach (sìos) | Bun; Leas-shruthan; gleann air chumadh V; sporan co-cheangailte; easan; bras-shruthan; mòr-ghilean |
| Cùrsa meadhain (caisead socair) | Bleith taobhach a' tòiseachadh; Giùlan | Leathad-sleamhnachaidh; lùban; bearraidhean aibhne |
| Cùrsa ìochdrach (caisead glè bheag) | Tasgadh | Raon-tuile; lochan bogha-daimh; leabhaidhean; dealta; beul-aibhne |
| Ìre | Cùrsa uachdrach (caisead mòr) |
|---|---|
| Prìomh obair | Bleith dhìreach (sìos) |
| Prìomh fheartan | Bun; Leas-shruthan; gleann air chumadh V; sporan co-cheangailte; easan; bras-shruthan; mòr-ghilean |
| Ìre | Cùrsa meadhain (caisead socair) |
|---|---|
| Prìomh obair | Bleith taobhach a' tòiseachadh; Giùlan |
| Prìomh fheartan | Leathad-sleamhnachaidh; lùban; bearraidhean aibhne |
| Ìre | Cùrsa ìochdrach (caisead glè bheag) |
|---|---|
| Prìomh obair | Tasgadh |
| Prìomh fheartan | Raon-tuile; lochan bogha-daimh; leabhaidhean; dealta; beul-aibhne |
Cruth-tìre aibhne
Tha na trì diagraman seo a' sealltainn cruth-tìre aibhne.
Cùrsa uachdrach aibhne
Cùrsa meadhain aibhne
Cùrsa ìochdrach aibhne
- Bun - an t-àite anns am bi an abhainn a' tòiseachadh.
- Sporan co-cheangailte - far am bi an abhainn a' lùbadh eadar dromannan.
- Mòr-ghil - gleann cas air adhbharachadh le eas a' caitheamh air ais.
- Eas - glè thric far am bi abhainn a' dol thairis air bann de chreig nas cruaidhe.
- Gleann air chumadh V - air a dhèanamh sa chùrsa uachdrach oir tha an abhainn a' gearradh sìos nas luaithe na tha na leòidean mun cuairt air am bleith.
- Lùb-aibhne - tha an abhainn a' tòiseachadh air bleith bho thaobh gu taobh.
- Bearradh aibhne - tha an abhainn a' gluasad nas luaithe air taobh a-muigh an lùib agus a' gearradh a-steach a thaobh a' ghlinne. Tha am bleith a' gearradh a-steach fon talamh agus a' toirt air tuiteam. Tha bearradh air fhàgail an uair sin.
- Tràigh aibhne (leathad sleamhnachaidh) - tha an abhainn a' gluasad nas slaodaiche air taobh a-staigh an lùib. Chan urrainn dhi na molagan as motha a ghiùlan agus tha iad sin gan leagail an seo.
- Lochan crudhach (no Loch bogha-daimh) - nuair a bhios tuiltean ann, bidh an abhainn a' gearradh a-steach do dh'amhaich lùb mòr. Tha an lùb a-muigh air fhàgail na loch ao-domhainn.
- Raon-tuile - tha an abhainn a' sruthadh ann an gleann leathann, còmhnard. Nuair a chuireas i thairis, bidh i a' sgaoileadh thar an raon-tuile.
- Leabhaidh - nuair a bhios tuiltean ann, bidh an abhainn làn uisge agus bidh i slaodach nuair a bhios i a' fàgail a' ghrunnd. Bidh eabar ga thasgadh ris na bruaichean an toiseach. Thar nam bliadhnachan, bidh na tasgaidhean sin a' cruinneachadh nan dromannan àrda.
- Inbhir no beul-aibhne - beul fosgailte na h-aibhne, far am bi e a' coinneachadh ris a' mhuir.