Aibhnichean agus glinnCruthan-tìre aibhne - an cùrsa meadhain

Tha feartan aibhne is cleachdaidhean-fearainn ag atharrachadh ann an cùrsa aibhne. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn agus feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasAibhnichean agus glinn

Pròiseasan a' cruthachadh chruthan-tìre aibhne - an cùrsa meadhain

Cruthachadh lùban-aibhne agus loch bogha-daimh ann an cùrsa meadhain aibhne

Lùb-aibhne

L˘b-aibhne ga chruthachadh
Figure caption,
Lùb-aibhne ga chruthachadh
  • Bidh uisge a' lùbadh agus a' tionndadh mu na clachan is nithean eile, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil pàirt dhen uisge a' gluasad gu luath agus pàirt eile gu mall.
  • Tha an abhainn a' tòiseachadh air sruthadh bho thaobh gu taobh air cùrsa lùbach ach fhathast ann an cladhan a tha an ìre mhath dìreach.
  • Nuair a tha uisge a' gluasad gu luath, tha barrachd neirt aige airson bleith. Bidh sin a' tachairt air taobh a-muigh lùib agus a' cruthachadh bearradh-aibhne.
  • Bidh an abhainn a' bleith nan lùban a-muigh tro sgrìobadh, caitheamh-ceimigeach agus obair haidreolaig.
  • Bidh gluasad an uisge air an taobh a-staigh an lùib gu math slaodach, agus bidh an abhainn a' fàgail luchd (stuthan) agus a' cruthachadh tràigh-aibhne/leathad sleamhnachaidh.
  • Mar a bhios bleith a' leantainn air adhart air a' bhruaich a-muigh agus tasgadh air a' bhruaich a-staigh, bidh lùb-aibhne air a chruthachadh.
  • Gluaisidh an lùb sìos an abhainn thar ùine agus atharraichidh a chruth.

Lùban-aibhne

Loch bogha-daimh

Loch bogha-daimh ga chruthachadh
Figure caption,
Loch bogha-daimh ga chruthachadh
  • Tha an abhainn a' lùbadh thar a' ghlinne.
  • Tha an abhainn a' bleith bho thaobh gu taobh.
  • Tha an abhainn a' sruthadh nas luaithe air na lùban a-muigh agus gam bleith.
  • Tha an abhainn a' sruthadh nas slaodaiche air na lùban a-staigh agus a' tasgadh stuthan, agus mar sin tha a cùrsa ag atharrachadh.
  • Tha bleith agus tasgadh leantainneach a' dèanamh amhach na lùib nas cumhainge.
  • Glè thric nuair a bhios tuil ann, gearraidh an abhainn tron amhaich.
  • Bidh an abhainn a' cumail oirre air a' chùrsa nas dìriche agus bidh an lùb air a thrèigsinn.
  • Bidh tasgadh ùr a' dùnadh gach ceann agus thèid loch bogha-daimh a chruthachadh agus mu dheireadh tioramaichidh i.

Loch bogha-daimh