Pròiseasan aibhne
Na prìomh phròiseasan
- Bleith - an talamh agus na clachan a tha an abhainn a' giùlan air am bleith.
- Giùlan - an abhainn a' gluasad chreagan, gainmheach agus eabar.
- Tasgadh - creagan, gainmheach agus eabar gan cur sìos far am bi an abhainn a' fàs mall.
Bleith
Na prìomh dhòighean anns am bi bleith a' tachairt.
- Bualadh - grunnd agus bruaichean na h-aibhne gan caitheamh air falbh leis an luchd a' bualadh annta.
- Bleith - an luchd ga chaitheamh sìos nuair a bhios na creagan agus na molagan a' bualadh na chèile agus ann an grunnd na h-aibhne.
- Obair haidreolaig - grunnd agus bruaichean aibhne gam briseadh air falbh air sgàth fòrsa an uisge a' dol a-steach do sgàinidhean beaga.
- Obair cheimigeach - uisge a' leaghadh mhèinnirean bho na creagan agus gan glanadh air falbh.
Giùlan
Na prìomh dhòighean anns am bi giùlan a' tachairt.
- Tarraing - faodaidh clachan gu math mòr a bhith air an roiligeadh no air an tarraing sìos grunnd aibhne le fòrsa an uisge.
- Leum - bidh clachan beaga, nach tog an t-uisge, a' leum far a chèile agus air an giùlan air adhart leis an uisge os cionn grunnd na h-aibhne air astar beag.
- Crochadh - ma tha mìrean beag gu leòr, giùlainidh an abhainn iad thar astaran mòra.
- Sgaoileadh - nuair a leaghas an abhainn mèinnearaich bho na creagan, tha iad air an giùlan san uisge fhèin.
Tasgadh
Na prìomh dhòighean anns am bi tasgadh a' tachairt.
- Call luathais - nuair a dh'fhàsas an abhainn slaodach air taobh a-staigh lùban no nuair a choinnicheas i ri uisge nas doimhne, mar loch, bidh i a' call neart agus cha tèid aice air uiread a ghiùlan, agus bidh i a' leigeil às pàirt dhen luchd.
Faclan eile
- Luchd - tha an abhainn a' gluasad nan stuthan gu lèir le tarraing, leum, crochadh agus ann an leaghadh.
- Alùbhium - a' ghainmheach, an t-eabar agus am poll a dh'fhàgas abhainn sa ghleann aice. Bidh seo tric a' toirt dhuinn ùir thorrach.
- Beul-aibhne - beul leathann na h-aibhne far am bi e a' coinneachadh ris a' mhuir.
- Dealta - beul-aibhne air a thachdadh le tasgaidhean far am bi an abhainn a' briseadh na meuran nas lugha mus ruig i muir fosgailte.