Riadh fillte
Tha riadh fillte coltach ri riadh sìmplidh oir bidh an riadh ga chur-ris gach bliadhna.
'S e an diofar a tha eadar na dhà gur e sùim shuidhichte de riadh a th' ann an riadh sìmplidh agus bidh e air a chur-ris gach bliadhna. Le riadh fillte bidh an t-sùim air a bheil an riadh air a h-obrachadh a-mach ag atharrachadh gach bliadhna.
Tha an riadh airson a' chiad bhliadhna air obrachadh a-mach agus air a chur-ris an t-sùim thùsail airson an t-sùim obrachadh a-mach an dèidh a' chiad bhliadhna.
Tha an riadh airson an dara bliadhna air obrachadh a-mach an uair sin an dèidh a' chiad bhliadhna. Bheir sin dhuinn sùim eadar-dhealaichte de riadh airson a' chiad bhliadhna.
Eisimpleir
Obraich a-mach an t-sùim de riadh fillte a gheibh Sìne air £6000 aig 2.8% airson 3 bliadhna.
Dòigh 1
(Faodar 2.8% a sgrìobhadh mar \(\frac{2.8}{100}\) no mar 0.028 dìreach mar as urrainn dhuinn, mar eisimpleir, 34% a sgrìobhadh mar \(\frac{34}{100}\) no mar 0.34)
Bliadhna 1
\(2.8\% \,de \,6000\)
\(= 0.028 \times 6000\)
\(= \pounds168\)
Sùim an dèidh Bliadhna 1:
\(\pounds6000 + \pounds168 = \pounds6168\)
Bliadhna 2
\(2.8\% \,de \,6168\)
\(= 0.028 \times 6168\)
\(= \pounds172.70\)
Sùim an dèidh Bliadhna 2:
\(\pounds6168 + \pounds172.70 = \pounds6340.70\)
Bliadhna 3
\(2.8\% \,de \,6340.70\)
\(= 0.028 \times 6340.70\)
\(= \pounds177.54\)
Sùim an dèidh Bliadhna 3:
\(\pounds6340.70 + \pounds177.54 = \pounds6518.24\)
Sùim iomlan de riadh fillte air a chosnadh = \(\pounds6518.24 - \pounds6000 = \pounds518.24\)
Dòigh 2
Seo dòigh a tha gu math nas luaithe.
Seach gu bheil an riadh a' dol suas 2.8% gach bliadhna, tha seo a' ciallachadh gur e an t-iomadair gach bliadhna 1.028 (1 + 2.8% de 1).
\({(1.028)^3} \times 6000\)
\(= \pounds6518.24\)
Airson an t-sùim iomlan de riadh a chaidh a chosnadh a lorg, faodaidh sinn an t-sùim thùsail de £6000 a thoirt-air-falbh bhon t-sùim iomlain ùir.
An riadh iomlan a chaidh a chosnadh = \(\pounds6518.24 - \pounds6000 = \pounds518.24\)
Question
Obraich a-mach an riadh fillte air £8000 aig 2.2% gach bliadhna airson 5 bliadhna.
Tagh an dòigh as fheàrr leat.
\({(1.022)^5} \times 8000\)
\(= \pounds8919.58\)
An riadh iomlan a chaidh a chosnadh = \(\pounds8919.58 - \pounds8000 = \pounds919.58\)
(Dh'fhaodadh gum biodh beagan sgillinnean de dhiofar na do fhreagairt, air sgàth an cruinneachadh).