Àrdachadh luach
'S àbhaist do luach taighe a dhol suas thar ùine. Mar sin canaidh sinn gu bheil an luach a' meudachadh (a' dol suas).
Eisimpleir
Chaidh flat a cheannach air £74 000 ann an 2008 agus chaidh an luach aice suas 1.5% gach bliadhna.
Obraich a-mach luach na flat an dèidh ceithir bliadhna.
Bidh sinn a' cleachdadh iomadair airson seo obrachadh a-mach.
'S e an t-iomadair 1 + (1.5% de 1). Sin 1 + 0.015 a tha a' toirt dhuinn 1.015.
Bidh sinn ag iomadachadh 74000 leis an seo 4 tursan.
\({(1.015)^4} \times \pounds74\,000\)
\(= \pounds78\,540.90\)
'S e £78 540.90 luach na flat an dèidh ceithir bliadhna.
('S e dòigh eile air seo a dhèanamh 1.5% dhen luach obrachadh a-mach agus sin a chur-ris. Dhèanamaid seo 4 tursan).
Ìsleachadh luach
'S àbhaist luach càir a dhol sìos thar ùine. Mar sin canaidh sinn gum bi ìsleachadhTha am facal ìsleachadh an seo a' ciallachadh gu bheil luach a' dol sìos. san luach.
Eisimpleir
Cheannaich Jack agus Trisha càr ùr air £8500 ann an 2009. Sa chiad bhliadhna, bha ìsleachadh de 20% san luach aige, 15% san dara bliadhna agus 10% san treas bliadhna.
Obraich a-mach luach a' chàir aig deireadh gach bliadhna.
Freagairt
Luach aig deireadh Bliadhna 1:
Chaidh an ceudad sìos 20%, mar sin 100% - 20% = 80%
\(80\% \,de \,8500\)
\(= 0.8 \times 8500\)
\(= \pounds6800\) ('S e dòigh eile air seo obrachadh a-mach 20% a lorg agus an uair sin thoir-air-falbh)
Luach aig deireadh Bliadhna 2:
Chaidh an ceudad sìos 15%, mar sin 100% - 15% = 85%
\(85\% \,de \,6800\)
\(= 0.85 \times 6800\)
\(= \pounds5780\)
Luach aig deireadh Bliadhna 3:
Chaidh an ceudad sìos 10%, mar sin 100% - 10% = 90%
\(90\% \,de \,5780\)
\(= 0.9 \times 5780\)
\(= \pounds5202\)
Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.
Question
Cheannaich Sìne fàinne a chosg £200. Chaidh an luach aice suas 10% gach bliadhna.
Obraich a-mach luach na fàinne an dèidh 10 bliadhna.
\({(1.1)^{10}} \times 200\)
\(= \pounds518.75\)
Question
Cheannaich Ahmed càr a chosg £6000. Bha ìsleachadh de 17% san luach aige sna 3 bliadhna an dèidh a cheannach. Dè an luach a bha aig a' chàr an dèidh 3 bliadhna?
Bidh ìsleachadh san luach a' dèanamh an luach nas lugha.
'S e an t-iomadair 1 - (17% de 1). Sin 1 – 0.17 agus sin 0.83.
Bidh sinn ag iomadachadh 6000 leis an seo 3 tursan.
\((0.83)^{3}\times 6000\)
\(= \pounds3430.72\)