CruinneachadhA' cruinneachadh gu figearan brìgheil

Faodar àireamhan a chruinneachadh gu figearan brìgheil. 'S àbhaist nach e àireamhan le neoni a bhios ann am figearan brìgheil. Faodaidh neonithean a bhith cudromach ge-tà ann an dà shuidheachadh.

Part ofMatamataigSgilean àireamhach

A' cruinneachadh gu figearan brìgheil

Mar as trice, 's e figearan brìgheil figear sam bith seach neoni.

'S àbhaist dhuinn a bhith ag ràdh nach eil neonithean brìgheil, ach a-mhàin ann an dà shuidheachadh:

  1. Mas e neoni am figear mu dheireadh an dèidh na puing dheichich
  2. Ma tha an neoni eadar dà àireimh neo-neoni

Mar eisimpleir:

Tha 2 fhigear bhrìgheil aig 8300

Tha 3 figearan brìgheil aig 8030

Tha 3 figearan brìgheil aig 803

Tha 3 figearan brìgheil aig 80.3

Tha 3 figearan brìgheil aig 8.03

Tha 3 figearan brìgheil aig 0.803

Tha 4 figearan brìgheil aig 803.0

Tha 4 figearan brìgheil aig 0.8030

Question

Cruinnich 5246 gu 2 fhigear bhrìgheil.

More guides on this topic