Eismpleir
Cruinnich 50 790 gu 2 fhigear bhrìgheil.
Freagairt
Lorg an dara figear brìgheil bhon àireimh gu h-àrd:
50 790
Seo an neoni eadar 5 agus 7.
Bhon as e 7 am figear air an làimh dheis, thèid e suas aon, agus atharraichidh 0 gu 1.
Mar sin gabhaidh 50 790 a chruinneachadh gu 51 000 gu 2 fhigear bhrìgheil.
Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.
Question
Cruinnich 0.0300 gu 1 fhigear brìgheil.
Lorg a' chiad fhigear brìgheil bhon àireimh gu h-àrd:
0.0300
Bhon as e 0 am figear air an làimh dheis, fuirichidh an 3 mar a tha e.
Mar sin gabhaidh 0.0300 a chruinneachadh gu 0.03 gu 1 fhigear brìgheil.
Question
Cruinnich 245 790 gu 2 fhigear bhrìgheil.
Coimhead airson an dara figear brìgheil, agus 's e sin 4.
Bhon as e 5 am figear air an làimh dheis, thèid 4 suas 1 agus atharraichidh sin 4 gu 5.
Mar sin 's e 250 000 am freagairt ceart.
Question
Cruinnich 69.50 gu 1 fhigear brìgheil.
Lorg a' chiad fhigear brìgheil, agus 's e 6 a th' ann.
Bhon as e 9 am figear air an làimh dheis, thèid 6 suas 1 agus atharraichidh 6 gu 7.
Mar sin 's e 70 am freagairt ceart.
Feumaidh tu co-aontar a chruthachadh, agus fhuasgladh, airson an àirde \(h\) obrachadh a-mach.
Cuimhnich gur e \(\pi {r^2}h\) am foirmle airson siolandair.
\(V = \pi {r^2}h\)
\(37.9 = \pi \times {2.5^2} \times h\)
\(h = \frac{{37.9}}{{\pi \times {{2.5}^2}}}\)
\(h = 1.9\,cm\)