Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaA' ghnàth-shìde agus truailleadh ann an Sìona

Thug siostam eaconamach Calpachais beairteas do chuid agus mòr-in-imrich bho sgìrean dùthchail gu sgìrean bailteil. Chan eil a h-uile duine air buannachadh bho atharrachadh sòisealta agus eaconamach. Chaidh duilgheadasan ùra a chruthachadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

A' ghnàth-shìde agus truailleadh ann an Sìona

Tha Sìona a' cur gu mòr ri atharrachadh na gnàth-shìde. Gach bliadhna tha i a' cur a-mach còrr is cairteal de dh'eimiseanan gas taigh-glainne an t-saoghail, agus nam measg tha carbon dà-ogsaid, meatàn agus naitreas ogsaid bho ghnìomhachas a' ghuail agus mar thoradh air bailteachadh gu math luath. (Stòr: Council on Foreign Relations)

Bhon a tha gluasad cho mòr air a bhith ann gu daoine a' fuireach agus ag obair ann am bailtean, tha àireamh nan carbadan air na rathaidean air a dhol suas gu mòr. Ann an 2004, bha càr aig 27 millean neach, ann an 2022 bha mu 515 millean carbad motair ann an Sìona. (Stòr: Ministry of Public Security, Sìona) Tha Sìona a' dèanamh oidhirp air coimhead ri ceistean co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha iad air geallaidhean a thoirt air neo-phàirteachd carbon, targaidean airson stòrasan lùth ath-nuadhachail agus beagachadh ann an dèinead carbon. Ach tha buaidhean draghail atharrachadh na gnàth-shìde gam faicinn mar-thà tro ìre na mara ag èirigh, uisge trom, agus sìde anabharr a tha a' cur às do bhàrr agus a' marbhadh nan ceudan de Shìonaich gach bliadhna. (Stòr: Council on Foreign Relations)

Dè na tha de thruailleadh ann an Sìona?

Factaraidh cheimigean ann an Hefei, Sìona
Figure caption,
Factaraidh cheimigean ann an Hefei, Sìona.

Bidh gnìomhachasan ùra a' toirt a-steach obraichean le pàigheadh nas fheàrr agus barrachd airgid, ach faodaidh truailleadh a bhith nan cois cuideachd. Tha mòran de mhòr-bhailtean Shìona air feadhainn cho truaillte 's a tha air an t-saoghal air sgàth ceò bho fhactaraidhean no toit bho chàraichean.

An-dràsta, tha ìrean truaillidh sna ceithir mòr-bhailtean as motha ann an Sìona air a dhol thairis air ìrean sàbhailte (World Health Organization no WHO). Tha dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh truailleadh a thoirt air slàinte dhaoine san àm ri teachd.

Dè a' bhuaidh a tha aig atharrachadh na gnàth-shìde air Sìona?

Anns an Dàmhair 2021, bhàsaich co-dhiù 15 duine ann an uisge trom agus tuiltean ann am mòr-roinn Shanxi aig tuath. Ri linn nan tuiltean, b' fheudar do chòrr is 120,000 duine gluasad gu àiteachan nas sàbhailte agus chaidh na mìltean de dhachaighean a sgrios.

Sa Chèitean 2015 thuirt Ministear an Riaghaltais, Premier Li, gum feum Sìona strì mhòr a dhèanamh an aghaidh truailleadh. Bha glanadh na dùthcha na phrìomhachas. Tha stèiseanan cumhachd a tha a' losgadh gual agus a tha a' dèanamh truailleadh uabhasach air an àile a' dol a dhùnadh, thèid na billeanan a chosg a' leasachadh càileachd na h-èadhair agus thèid luchd-truaillidh a pheanasachadh.

COP26

Aig àrd-choinneamh COP26 ann an Glaschu, cha do chuir Sìona taic ri aonta a chuidicheadh le bhith a' gearradh sìos air na thathar a' cleachdadh de ghual san dùthaich. Cha do dh'aontaich iad eimiseanan meatan a lùghdachadh nas mò. Dh'aontaich iad ge-tà cuideachadh gus stad a chur air dì-choillteachadh, agus dh'aontaich Sìona agus Na Stàitean Aonaichte taic a chur ri co-obrachadh a thaobh na gnàth-shìde thairis air an deichead ri thighinn.