Ciamar a tha cion-cosnaidh ann an Sìona?

A rèir Banca an t-Saoghail, ann an 2023, tha cion cosnaidh ìosal, (4.1% dhen luchd-obrach gu lèir). Ach tha mòran a' cumail a-mach gu bheil an àireamh cheart a tha gun obair fada nas motha.
Carson a tha àireamhan cion-cosnaidh ìosal ann an Sìona?
'S e aon adhbhar gu bheil an àireamh cion cosnaidh ìosal ann an Sìona nach eil seòladh maireannach aig na milleanan a dh'fhàg na bailtean beag airson obair fhaighinn sna mòr-bhailtean. Tha sin a' ciallachadh nach eil iad air an cunntas sna h-àireamhan oifigeil airson cion cosnaidh.
Fàs eaconamach ann an Sìona
Seach gu bheil na h-àireamhan gun obair a' dol suas, tha fàs san eaconamaidh na phrìomhachas aig riaghaltas Shìona. Ma tha an eaconamaidh a' fàs, bidh barrachd iarraidh air luchd-obrach a tha a' toirt seachad bathar is seirbheisean. Bidh sin a' cuideachadh gus cion cosnaidh a chumail sìos.
Tha fàs eaconamach ann an Sìona air beagachadh o chionn greis, ach sa mhòr-chuid dhe na 20 bliadhna mu dheireadh, tha e air a bhith gu math nas motha na bha e san RA, san Roinn Eòrpa no sna SA.
Ro-innleachdan airson fàs na h-eaconamaidh ann an Sìona
Tha riaghaltas Shìona air an siostam cheadan, a chleachd a bhith a' bacadh dhaoine bho bhith a' gluasad, a shìmpleachadh. Tha seo airson gum bi e nas fhasa do dhaoine obair a lorg. Tha iad cuideachd air a bhith a' brosnachadh ghnothachasan agus entreprenauraichean gu bhith a' lorg mhargaidean ùra do bhathar Sìonach thall thairis.