Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaDreuchd Shìona ann am buidhnean G7 agus G20

Thug siostam eaconamach Calpachais beairteas do chuid agus mòr-in-imrich bho sgìrean dùthchail gu sgìrean bailteil. Chan eil a h-uile duine air buannachadh bho atharrachadh sòisealta agus eaconamach. Chaidh duilgheadasan ùra a chruthachadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Dreuchd Shìona ann am buidhnean G7 agus G20

Buaidh eaconamach

Tha Sìona na ball de G7 agus G20. Tha a' mhòr-chuid dhe na dùthchannan leis na h-eaconamaidhean as motha anns na buidhnean sin.

Bidh coinneamhan cheannardan nan dùthchannan G7 agus G20 a' toirt cothrom dha na SA, agus do bhuill eile dhen bhuidheann, ceanglaichean eaconamach nas dlùithe a thogail airson malairt a leudachadh. Cuideachd, tha e a' toirt fòram eile dha na SA airson còmhradh mu chùisean cruinneil mar:

  • cùisean àrainneachdail
  • ceannairc
  • còmhstri
  • bochdainn

Buaidh ann an Afraga

Tha Sìona air a' bhuaidh aice a chur am meud ann an Afraga tron iomairt Belt and Road aice. Mar eisimpleir, tha Sìona air a bhith an sàs ann an togail loidhnichean rèile ùra ann an Etiòpia, Nigeria agus Ceinia.

A thaobh mòran dhe na pròiseactan, feumaidh na dùthchannan a tha an sàs anns an iomairt a' chosgais a phàigheadh air ais do Shìona.

'S e Sìona as motha a tha a' dèanamh de mhalairt ri Afraga le malairt luach còrr is $200 billean gach bliadhna.