Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaCiamar a tha an àireamh-sluaigh air atharrachadh ann an Sìona?

Thug siostam eaconamach Calpachais beairteas do chuid agus mòr-in-imrich bho sgìrean dùthchail gu sgìrean bailteil. Chan eil a h-uile duine air buannachadh bho atharrachadh sòisealta agus eaconamach. Chaidh duilgheadasan ùra a chruthachadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Ciamar a tha an àireamh-sluaigh air atharrachadh ann an Sìona?

Tha Sìona air a bhith ag iarraidh an àireamh-sluaigh a bheagachadh o chionn bhliadhnachan. Mar as motha an àireamh-sluaigh, 's ann as motha a tha de dhaoine a' lorg biadh, tha feum air barrachd thaighean is obraichean agus tha barrachd feum air sgoiltean is air ospadail.

Dè tha anns a' phoileasaidh aon-phàiste?

Boireannach Sìonach le leanabh òg

Ann an 1979 stèidhich Sìona poileasaidh nach biodh ach aon leanabh aig gach teaghlach. Bha sin ag amas air an àireamh-sluaigh a lùghdachadh.

Tha riaghaltas Shìona a' meas gun do chuir am poileasaidh aon leanabh stad air mu 400 millean leanabh bho bhith air a bhreith, ach rinn buidhnean chòraichean daonna càineadh mòr air an dòigh san robh e ag obrachadh, le bhith a' toirt air daoine cur airson casg-breith agus an aghaidh an toil.

Tha am poileasaidh aon leanabh a' ciallachadh nach eil an àireamh-sluaigh cothromach. Ann an 2020, bha 34.9 millean fireannach a bharrachd aig aois pòsaidh na bha de bhoireannaich. (Stòr: Biùro Nàiseanta nan Staitistigean ann an Sìona, 2020).

Tha seo ann am pàirt air sgàth 's gun robh Sìona gu h-eachdraidheil a' cur barrachd luach air balaich na air nigheanan. Mar thoradh air a sin, tha beagan (ged nach eil tric) fianais ann gun robh casg-breith a' tachairt a rèir gnè an leanaibh agus gun robh daoine a' marbhadh nigheanan no gan trèigsinn.

A bheil poileasaidh aon-phàiste fhathast aig Sìona?

Deireadh 2015, thuirt riaghaltas Shìona gun robh iad a' cur às dhan phoileasaidh aon leanabh. Nuair a cho-dhùin iad leigeil le teaghlaichean dithis leanaban a bhith aca, bha iad an dòchas dèiligeadh ris an neo-ionannachd san àireimh-sluaigh airson a bhith cinnteach gum bi daoine gu leòr ann an Sìona aig aois a bhith ag obair airson coimhead às dèidh nan seann daoine. Ach cha do dh'obraich seo ann an 2021. Thuirt Sìona gun leigeadh iad le càraidean suas gu triùir chloinne a bhith aca.

Tha eagal ann a-nis gur dòcha nach bi daoine òga/luchd-obrach gu leòr ann an Sìona airson coimhead às dèidh nan seann daoine no airson cìsean a phàigheadh airson seirbheisean sòisealta a lìbhrigeadh. Nuair a thòisich am poileasaidh aon leanabh ann an 1980, cha robh ach ceudad bheag dhen t-sluagh na bu shine na 65 bliadhna. Ann an 2013 bha an àireamh sin mu 10% agus ag èirigh. Ann an 2050, 's dòcha gum bi 25% dhen t-sluagh nas sine na 65.