Atharrachadh sòisealta agus eaconamach ann an SìonaDè na tha de neo-ionannachd ann an Sìona?

Thug siostam eaconamach Calpachais beairteas do chuid agus mòr-in-imrich bho sgìrean dùthchail gu sgìrean bailteil. Chan eil a h-uile duine air buannachadh bho atharrachadh sòisealta agus eaconamach. Chaidh duilgheadasan ùra a chruthachadh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Sìona

Dè na tha de neo-ionannachd ann an Sìona?

Cha d' fhuair a h-uile duine buannachd bhon atharrachadh eaconamach ann an Sìona. An-diugh tha àireamh bheag ann de dhaoine beairteach agus tha barrachd dhaoine a-nis gam meas fhèin math dheth.

Tha an àireamh dhaoine ann an Sìona a tha a' cosnadh nas lugha na $1.90 (£1.25) san latha, an ìre a tha Banca an t-Saoghail a' cleachdadh airson cruaidh bhochdainn a thomhas, air a dhol sìos faisg air 800 millean. A rèir Banca an t-Saoghail, bha 88.1% de mhuinntir Shìona beò air nas lugha na seo ann an 1981. Bha seo air tuiteam gu 0.3 sa cheud ro dheireadh 2018.

A' tomhas neo-ionannachd le indeacs Gini

Tha an ìre neo-ionannachd teachd-a-steach taobh a-staigh dùthcha air a tomhas le indeacs Gini. Tha an sgòr ('co-èifeachdair Gini') a' toirt cunntas air an ìre neo-ionannachd. Tha sgòr os cionn 40 a' ciallachadh neo-ionannachd mhòr.

Ann an 2021, bha co-èifeachdair Gini Shìona aig 46.6 (Stòr: Statista). Tha seo an coimeas ri 34.4 airson na RA agus 37.5 airson nan SA.

Beairteas agus bochdainn ann an Sìona

Cia mheud neach a tha beairteach ann an Sìona?

Tha àireamh bheag, bheag de Shìonaich uabhasach beairteach.

'S ann leotha a tha cuid dhe na togalaichean as fheàrr ann an Sìona (agus thall thairis), tha sàr chàraichean aca agus goireasan chur-seachadan gun shamhail. Is toigh leotha gu mòr aodach daor, biadh daor, deoch dhaor agus nithean a tha glè dhaor.

Boireannaich òg Sìonach a' ceannach sna bùithtean

Ann an 2022, bha 115,580 teaghlach luach anamhor a' fuireach air tìr-mòr Shìona. Tha sin a' ciallachadh gu bheil fiach 100 millean ¥ (Yuan) (£11.2 millean) no barrachd de mhaoin aca (Stòr: Hurun China Wealth Report, 2022). Tha seo nas lugha na 0.01% dhen àireimh-sluaigh.

Cia mheud neach a tha beò ann am bochdainn ann an Sìona?

An coimeas ris a sin, tha e doirbh dha na milleanan de dhaoine bochda na rudan a dh'fheumas iad a cheannach.

Ann an 2016, a' bhliadhna mu dheireadh a tha àireamhan againn bho Bhanca an t-Saoghail, bha 7.2 millean neach (0.5%) dhen t-sluagh ann an cruaidh bhochdainn (air nas lugha na $1.90 san latha, stèidhichte air prìsean 2011).

Bidh Banca an t-Saoghail a' tarraing loidhne bochdainn nas àirde aig $5.50 san latha do dhùthchannan le teachd-a-steach meadhain/nas motha. Tha Sìona a-nis na dùthaich teachd-a-steach meadhain/nas motha, a rèir a' bhanca. A rèir an tomhais seo, tha mu chairteal de shluagh Shìona ann am bochdainn.

Ann an 2020, thuirt Prìomhaire Shìona, Li Keqiang, gun robh fhathast 600 millean neach ann an Sìona le teachd-a-steach mìosail a bha gann air 1,000 ¥ (£125). Thuirt e nach robh gu leòr a sin airson rùm fhaighinn air mhàl anns a' bhaile.

Dè an sgaradh bailteil-dùthchail a th' ann an Sìona?

A bharrachd air beàrn a' fàs eadar beairteach is bochd ann an Sìona, tha coltas gu bheil beàrn a' tighinn eadar na mòr-bhailtean agus an dùthaich.

Tha daoine beairteach nas trice air taobh an ear na dùthcha no ann am mòr-bhailtean mar am prìomh-bhaile, Beijing, no sa bhaile leis an àireimh-sluaigh as motha ann an Sìona, Shanghai.

Ann an 2013, bha an teachd-a-steach cuibheasach gach bliadhna a bh' aig dachaighean anns na bailtean ri chosg 2.81 uiread na bha aig dachaighean air an dùthaich. Ann an 2020, cha robh a' bheàrn cho mòr le 2.55 uiread de theachd-a-steach ri chosg aig dachaighean anns na bailtean seach air an dùthaich. (Stòr: Biùro Nàiseanta nan Staitistigean ann an Sìona).

Choisinn daoine ann an sgìrean bailteil 43,834 sa chuibheas ann an 2020, agus feadhainn air an dùthaich 17,131 yuan sa chuibheas.

Atharrachadh ann an àiteachas

Tè ag obair anns na raointean rus ann an Longsheng, Sìona
Figure caption,
Tè ag obair anns na raointean rus ann an Longsheng, Sìona.

Thòisich Siostam Dleastanais na Dachaigh (Household Responsibility System no HRS) anns na 1980an. Tha e a' toirt cothrom do thuathanaich am fearann obrachadh mar luchd-seilbh agus prothaid a dhèanamh.

Seach gum faod tuathanaich na tuathanais aca a leasachadh agus am bathar aca a reic sa mhargaid, tha teachd-a-steach nan tuathanach air a dhol suas agus tha mach-chur àiteachais air a dhol am meud.

Tha a' mhòr-chuid de thuathanaich fhathast caran bochd, ach tha feadhainn air fàs uabhasach beairteach.