BloigheanBloighean agus àireamhan slàna

Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Bloighean agus àireamhan slàna

'S e àireamh mheasgte a th' ann an \(2\frac{3}{4}\).

'S e àireamh shlàn a th' ann an \(2\) agus 's e bloigh a th' ann an \(\frac{3}{4}\).

Faodaidh tu seo atharrachadh gu bloigh anabharr le bhith a' sgriobhadh \(\frac{{2 \times 4 + 3}}{4} = \frac{{11}}{4}\)

Airson bloigh anabharr atharrachadh gu àireamh mheasgte, roinn bàrr na bloigh (an t-àireamhaiche) an toiseach leis a' bhonn (an seòrsaiche).

Mar eisimpleir \(\frac{{13}}{4} = 3\frac{1}{4}\), chionn thèid \(4\) ann an \(13\) trì tursan, le còrr aon.

Infographic showing that 3 full pizzas and a quarter of a pizza is the same amount as 13 quarter pieces