BloigheanAon àireamh mar bhloigh de dh'àireamh eile

Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Aon àireamh mar bhloigh de dh'àireamh eile

Leig ort gu bheil \(10\) ceistean ann an deuchainn agus gum faigh thu \(7\) dhiubh ceart. Chanadh tu gun d' fhuair thu \(\frac{7}{{10}}\), chionn tha \(7\) mar bhloigh de \(10\) an aon rud ri \(\frac{7}{{10}}\).

San aon dòigh, tha \(4\) mar bhloigh de \(12\) an aon rud ri \(\frac{4}{{12}}\) no \(\frac{1}{{3}}\)

Cuideachd tha \(20\) mar bhloigh de \(48\) an aon rud ri \(\frac{{20}}{{48}}\) no \(\frac{{5}}{{12}}\).

Tha e a' coimhead furasta, ach bi faiceallach leis na h-aonadan.

Mar eisimpleir, chan eil \(20p\) mar bhloigh de \(\pounds20\):

\(\frac{{20}}{{20}}\) ach \(\frac{{20}}{{2000}}\) chionn tha \(\pounds20\) an aon rud ri \(2000p\).

San aon dòigh, tha \(30\,cm\) mar bhloigh de \(5\,m\) an aon rud ri \(\frac{{30}}{{500}}\) chionn tha \(5\,m = 500\,cm\).