BloigheanBloighean co-ionann

Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Bloighean co-ionann

Gabhaidh bloigh a sgrìobhadh ann an diofar dhòighean agus fhathast a bhith a' ciallachadh an aon rud. Canaidh bloighean co-ionann riutha sin.

Coimhead air na pàirtean dorcha sna ceart-cheàrnaich seo.

Diagram using rectangles to show equivalent fractions

Mar sin \(\frac{3}{5} = \frac{6}{{10}}\).

Thèid agad air tòrr bhloighean co-ionann a dhèanamh le bhith ag iomadachadh no a' roinn a' bhàrr agus a' bhuinn leis an aon àireimh.

Flow diagram showing fractions being divided by 2, 3 then 4.

Ma bhios agad ri àireamh a tha a dhìth a lìonadh a-steach, cuimhnich gum feum thu am bàrr agus am bonn iomadachadh no a roinn leis an aon àireimh.

Question

Dè an àireamh a tha a dhìth? \(\frac{4}{5} = \frac{?}{{15}}\)